Help / Taic

Facal Oirbh, BBC Radio nan Gàidheal, 22 Sultain 2009

Ag iasgach chudaigean

Iasg

Bha seòrsa iasgach eile a' dol ann an Càrlabhagh aig aon àm, iasgach a bha caran annasach. Bha cuimhne mhath aig Ailig MacIllFhinnein, Na Geàrranan, air àm nuair a bha muinntir a' bhaile ag obair còmhla ag iasgach chudaigean.

Ailig: Well, bha tràla sa bhaile agus bha earann aig seachd duine deug innte. 'S e tràla mòr a bh' ann, aithnichidh tu gur e. Bhiodh iad a' cur an tràla sin a-mach October 's November. 'S mathaid gum biodh 's a-mach toiseach December.

Bhiodh triùir a' dol dhan an eathar còmhla ris an tràla. Bhiodh iad ga cur am meadhan a' loch ann a' shin.

Nise, bha ròpa a' tighinn chun a' chladach aig fir a' bhaile air a' mhol. 'S bha na gillean thall air an taobh an iar as na clachan garbha. 'S nuair a thòisicheadh iad a' tarraing, bha 'd a' tighinn gu chèile air dhòigh is mu dheireadh choinnicheadh iad air a' ghainmhich aig ceann an iar a' chladaich. Sin far an robh iad a' toirt a-steach na tràla.

Iain: Dè a-nis an seòrsa iasg bu mhotha a bhiodh aca?

Ailig: A well, as an tràla ud, bha cudaig. Bhiodh is saoitheanan innte, ach 's e a' chudaig bu phailt a bh' innte.

Iain: Le sin, 's e tràla lìn mhìn a bh' innte.

Ailig: Well, tha fhios gur e. Tha fhios gur e tràla mhìn a bh' innte.

Iain: Nise, dè bhathas a' dèanamh leis an iasg? A robh iad ga roinn ann a' shin?

Ailig: O gu dearbha fhèin, bha. Bha 'd a' toirt an t-iasg às an tràla an uair ud 's ga chuir suas gu ceann a' chladaich agus a' dèanamh earrannan ann a' shin air.

Iain: 'S ann ga roinn mar a bhiodh iad leis an iasg gheal a bhiodh iad, le dèanamh tiùrraichean dhan a h-uile duine.

Ailig: O, 's ann, 's ann.

Iain: An aon dòigh?

Ailig: Sin faidhear a bha iad a' dèanamh.

Iain: Mar sin dheth, bha faisg air a h-uile duine as a' bhaile a' faighinn...

Ailig: Well, bha, chanainn gu robh share aig a h-uile duine a bh' as a' bhaile, ach far a robh taighean as an robh, can, boireannaich no seann, no taighean as an robh seann daoine gun fireannaich ann. Ach bha iad sin, gheibheadh iad rud dhe na bha a' dol.

Iain: Gheibheadh.

Ailig: Gheibheadh.

Iain: Nise, a' robh seo a' tachairt tric?

Ailig: Cha shaoil mi gu robh. Cha shaoil mis' gu robh iad a' cur an tràla ud ro thric idir as a' gheamhradh. Chanainn trì no ceithir a thurais. A' chuimhne a th' agamsa air co-dhiù. Bha seo a-mach as na 1930s.

Iain: Tha mi a' tuigs'.

Ailig: Agus a-mach dha na 40s cuideachd.

Iain: An dùil an d'thàinig e gu crìoch leis a' chogadh mar iomadach rud eile?

Ailig: Cha chan mi buileach gur e an cogadh a chuir crìoch air. Ach chan eil fhios agamsa dè feidhear a chuir crìoch air.

Tha mi a' creids' nuair a thòisich beairtean is thòisich an drome an uair sin, 's thoisich a' chuaraidh aig àm toiseach a' chogaidh ann a' shin, 's bha daoine, bha 'd, bha daoine ag obair ann a' shin 's tha mi a' creids' nach robh guth air tràla na càil eile.

Iain: Cha robh.

Ailig: Dè a' chrìoch a chaidh oirre, chan eil fhios agamsa mar do bhreòth i far an robh i.

Iain: Tha mi a' creids' gur e sin dìreach a thachair.

Ailig: 'S iongantach mur a h-e.

Iain: Agus a-nise, an ann nuair a thigeadh na h-eathraichean a-steach, na robhas, na cuin, a robhas a' dèanamh cuim gun deidheadh...

Ailig: O, 's ann. Canaidh sinn an-dràsta gu robh na h-eathraichean a-muigh ann a' shin, feasgar, as a' loch ag iasgach. Well, chunnaic iad gu robh treallaich iasg ann. Nuair a thigeadh iad a-steach, chanadh iad rinne, "Fhalbhaibh, 's ruithibh air a' bhaile. Canaibh gu bheil an tràla a' dol a-mach aig ochd uairean."

Cha b' e ruith ach leum. Bha sinne a-mach à seo, 's a' ruith air a h-uile duine aig a robh share a dh'innse dhaibh, "Tha an tràla a' dol a-mach aig ochd uairean!"

'S a-mach dhan an ath thaigh, gu ruitheadh tu air a' bhaile. Cha bhiodh sinn fhìn fada ris.

Iain: 'S bha a h-uile duine an uair sin a' cruinneachadh a-staigh air a' mhol?

Ailig: O bha. Bha, a h-uile duine.

Iain: Cha toireadh a' rud fada.

Ailig: Cha toireadh e glè fhada. Nuair a bhiodh iad as an eathar, 's chluinneadh tu cuideigin ag èigheach "Socair air an iar gu faigh iad a-null air a' mhol!"

'S tha mi a' creids' gu robh na balaich, 's e an fheadhainn òga a bha seo, tha mi a' creids' gun gabhadh iad gu math socair e. 'S e an ath rud a chluinneadh tu, 's mathaid "Tarraingibh an iar nas fheàrr!"

Iain: 'S e an duine, an fheadhainn a bh' as an eathar, a bha a' toirt na riaghailtean.

Ailig: O, 's e, 's e. Bha cuideigin dhan triùir a bh' as an eathar a' toirt seachad an òrdugh seo. Bha.

Iain: Bha. Nise, an t-iasg a bha seo, nuair a ruigist dhachaigh leis, bhiodh gu follaiseach barrachd ann na b' urrainn dha duine a chleachdadh ann an aon tràth?

Ailig: O gu sealladh ort! Dud tha thu ag ràdh? Ann an aon tràth! Cha chleachdadh na ann an iomadach tràth!

Iain: Dè bhathas a' dèanamh leis?

Ailig: Bha, ga shailleadh agus ga chruadhachadh air an t-sìoman.

Iain: Os cionn an teine?

Ailig: Os cionn an teine. Agus ma tha a' chudaig beag gu nàdarrach, 's ann a bhiodh i a' dol beag an uair ud.

Iain: Well, 's ann.

Ailig: Ach shluigeadh tu buntàta leatha, an dèidh sin!

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.