Help / Taic

Facal Oirbh, BBC Radio nan Gàidheal, 15 Sultain 2009

Litir às a' Ghlas Pheighinn, An t-Eilean Sgitheanach

"Tha mi air a bhith nam shuidhe ag èisteachd ribh agus, gu dearbha, 's e leth-uair tlachdmhor a bh' ann. Mu dheidhinn an t-Sàbaid agus mar a bha a h-uile nì air ullachadh Disathairne, anns a' chiad àite 's e an spèis mhòr a bh' aca don latha a' chiad rud.

Ach cuideachd bha rian sònraichte air. Bha crodh, cearcan, coin, clann ri sealltainn riutha, biadh ri ghabhail, altair an adhraidh ri chuairteachadh, air no mar a their sinne a' gabhail an Leabhair.

Agus an uair sin a' coiseachd trì mìle air ais agus air adhart, agus cuid nas fhaide na sin. Tha mise a' sealltainn m'aois an seo!

Tha rud anns gach cleachdadh a tha a' sealltainn a' spèis a bha aca don Tì air an robh iad cho eisimeileach. Bha a h-uile rud a b'fheàrr air a chumail airson na Sàbaid – aodach, brògan. Bha snas air gach nì gu dearbha.

A' sgrìobhadh seo, thàinig e gu m'inntinn gu robh e mar nàdar de dh' ìobairt.

Tha sinn ro-thaingeil an-diugh am faicinn anns an eaglais leis na jeans ach saoilidh mi gu bheil Dia na mhòrachd adhraidh nas fheàrr na th' againn.

Cumaibh oirbh leis an deagh obair agus mar a their na h-Èireannaich mu dheas, "Gu robh maith agaibh."

Le dùrachd,

Catriona NicDhòmhnaill

Croitearachd

Sguaban arbhair

A' fidealadh na cruaich

Bhiodh criosan de shìoman Theàrlaich no ròpan a' dol timcheall na cruaich agus bhathas a' cur mar gum biodh bonaid oirre. Bha sin air a dhèanamh le bhith a' fosgladh aon bhad agus ga chuir timcheall air a' mhullach. Bha 'd an uair sin a' fidealadh na cruaich, agus b' e sin a' ruith ròpa eile bhon chrios a bha gu h-àrd agus a' dol timcheall a' cur dul air a h-uile crios gu ruigeadh tu bonn na cruaich, agus an uair sin a' cur clach uime. 'S bhiodh trì dhen a' sin a' dol oirre.

A' ceangal arbhair

Nuair a bhiodh tu a' ceangal arbhair, nuair a chuireadh tu am bann air an sguab, bha còir aige a bhith cho cothrom aig a' bhonn 's gu seasadh a' sguab leatha fhèin.

Bho Seonaidh Ailig MacIlleathain, Griomasaigh, Uibhist a Tuath

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.