Help / Taic

Facal Oirbh, BBC Radio nan Gàidheal, 15 Sultain 2009

Obair a' choirce

Raghnall Macleòid

'S ann ri obair a' choirce a bha Raghnall Macleòid à Dùn Chàrlabhaigh, Leòdhas, nuair a chaidh Flòraidh NicIlleathain a choimhead air.

Raghnall: Feumaidh tu an coirce a chuir air dòigh agus a leagadh air dòigh is gun gabh e ceangal furasta. A' sìol a bhith a' dol aon taobh. Leis an fheur chan eil e gu diofar fhad 's a tha e air a ghearradh. Ach leis a' choirce feumaidh tu gus am bi an sìol air aon ceann dhan a'...'s e bad a bhios aig feadhainn air agus 's e sguab a bhios aig feadhainn eile air.

Flòraidh: Dè bhios agaibh pèin air?

Raghnall: Bad.

Flòraidh: Bad. Glè mhath ma tha.

Raghnall: 'S e, bad coirce.

Flòraidh: Nise, tha sibh air rud dhe seo a ghearradh an-dràsta dhen choirce tha sin.

Agus tha mi ga fhaicinn na shìneadh ann a' shin. Dè an ath rud a dh'fheumas sibh a dhèanamh ris? An gearradh sibh a' phàirce air fad mus dèanadh sibh càil?

Raghnall: Ghearradh. Ghearradh tu e gu lèir nam biodh latha math ann, 's dh'fhàgadh tu e aon latha. Ach faodaidh tu a cheangal as a' bhad. Bhithist uaireannan, bhiodh aon duine a' gearradh agus dithis a' ceangal às a dhèidh. 'S chumadh aon duine an dithis a bhiodh a' ceangal 's a' dèanamh nam badan, chumadh e a' dol iad fad latha.

Flòraidh: Tha mi cinnteach gur e sin an dòigh a b'fheàrr, dìreach a ghearradh 's a cheangal.

Raghnall: 'S e. A ghearradh 's a cheangal. Well, bha e seachad agad!

Flòraidh: 'S dè mu dheidhinn an aimsir? Dè seòrsa aimsir a dh'fheumadh sibh airson an obair a bha seo?

Raghnall: Well...

Flòraidh: Chan e latha mar an-diugh an e?

Raghnall: Cha b' e. 'S e latha math a b'fheàrr, ach nam biodh gaoth ann dh'fheumadh tu bhith, a' ghaoth a bhith na do chùlaibh nuair a bhiodh tu a' buain a' choirce agus bha sin ga dhèanamh na b' fhasa dhut. Cha robh math dhut a bhith feuchainn ri ghearradh an aghaidh na gaoithe idir. Dheidheadh e troimh-a-chèile.

Flòraidh: Tha rud eile a' cur iongnadh orm, ge-tà, nuair a tha sinn a' bruidhinn air a bhith a' gearradh an fheòir agus a' gearradh coirce 's mar sin, fhios agad gu feum e a bhith tioram mus faigh thu an còrr a dhèanamh ris. Ma tha sibhse ga ghearradh, a' gearradh a' choirce sin, agus a' ceangal aig an aon àm, a bheil e gu bhith tioram gu leòr airson sin?

Raghnall: Mur a ceangal thu e ro theann, tiormaichidh e, ged a bhiodh an coirce fhèin rudeigin fliuch nuair a cheangaileadh tu e. Can gu robh frasan ann, frasan uisge, tiormaichidh e nuair a, a-rithist tha thu ga chuir na sheasamh, eil fhios agad, a' cur dusan bad ri taobh a chèile a' dèanamh rud air am biodh adag.

Flòraidh: Dè mu dheidhinn a' fear seo a cheangal. 'S e bad a tha sibh a' dol a dhèanamh, an e?

Raghnall: 'S e. Bha dà dhòigh air an dèanamh. Bhiodh feadhainn a' seasamh gan dèanamh, gan togail mar seo, dhan ceangal rim broilleach. Ach cha b' e sin an dòigh a chaidh ionnsachadh dhòmhsa idir. Bha thu ga cheangal air an talamh. Cha robh thu ga thogail idir gus nach fliuchadh e thu.

Flòraidh: Ga chruinneachadh. 'S dè na th' agaibh ann a' shin dheth?

Raghnall: O well, bheireadh tu sia dhen a' sin dha bò as a' latha.

Flòraidh: Dè mheud a tha seo?

Raghnall: Chan eil fhios agam dè a' mheud a bhiodh ann.

Flòraidh: Gheibh thu air do làmhan dìreach a chuir mu chuairt air.

Raghnall: O gheibh. 'S e am bann a tha thu a' cur air, 's ann dhan a' choirce fhèin a tha e. Bha snaidhm àraidh ann air a' shon.

Flòraidh: Seadh.

Raghnall: Agus seo mar a bha thu ga dhèanamh. Ga chur timcheall mar siud, a' chraobh chun an taobh ud, 's an còrr dheth an taobh eile.

Flòraidh: Seadh, an ceann?

Raghnall: 'S bha thu ga thoirt suas mar siud.

Flòraidh: Ga thionndadh.

Raghnall: Bha, agus a' cur car dhen dàrna ceann agus...

Flòraidh: Ga shlaodadh troimhe.

Raghnall: Sin e deiseil agad.

Flòraidh: 'S thèid agaibh a thogail mar sin?

Raghnall: Thèid. Well, nise nuair a bhios, tha thu a' cur, seall, ni mi fear no dhà dhut.

Flòraidh: Nì sinn fear eile ma tha.

Raghnall: Nì.

Flòraidh: Tha i fliuch, nach eil?

Raghnall: Tha. Tha i a' fàs fliuch.

Flòraidh: A feum iad a bhith uabhasach fhèin còmhnard agaibh air an dèanamh no a bheil e gu diofar?

Raghnall: Well, 's ann mar bu chòmhnard iad a b'fheàrr iad.

Flòraidh: Seadh. Tha e a' coimhead rudeigin buidhe a' fear sin, a bheil?

Raghnall: Tha.

Flòraidh: An ann buidhe a bu chòir dha bhith?

Raghnall: 'S ann. 'S ann. Tha e sin abaich.

Flòraidh: Tha e sin abaich. A bheil diofar ged a bhiodh beagan de dh'uaine na mheasg?

Raghnall: Chan eil, bhon ma bhios e air abachadh ro bhuidhe agus gun tigeadh gaoth, cuiridh e a' sìol dheth.

Flòraidh: O seadh. Tha mi a' tuigsinn.

Raghnall: Cuiridh. Agus tha e sin feidhear deiseil airson a bhuain an-dràsta. Bhon faodaidh tu a bhuain gorm agus thèid e buidhe bho bhuaineas tu e.

Flòraidh: Seadh. Sin agad e. So, tha sibh a' cur sin timcheall, ga thionndadh, 's an uair sin a' cur car dà thrup, an e? Tha.

Raghnall: Mar siud, agus chan fhosgail e tuilleadh gun toir thu fhèin dheth e, nuair a tha thu ga thoirt dhan a' bheathach.

Flòraidh: Well, gabhaidh sin ithe, co-dhiù ithidh iad. Cia mheud a dh'fheumas iad?

Raghnall: Bhiodh dusan a' dol ann a...

Flòraidh: Dusan bad?

Raghnall: Dusan bad a' dol còmhla mar seo.

Flòraidh: Na seasamh?

Raghnall: Na seasamh agus dh'fhàgadh tu mar sin iad trì no ceithir a làithean. Nise, nan tigeadh gaoth mhòr thuiteadh feadhainn aca agus dh'fheumadh tu an togail. 'S bhiodh e an uair sin deiseil, 's chuireadh tu ann an cruach bheag e. S e torran a bhiodh againn air.

Flòraidh: Ciamar a bhios sibh a' dèanamh sin a-nis?

Raghnall: Cruinn, agus cha robh i ag iarraidh ròpa idir. Nuair a thigeadh e chun na ceithir bho dheireadh bha thu a' toirt pìos far a' bhad mar seo, 's ga thoinneamh ris an ath fhear.

Flòraidh: O mar gum biodh e a' fighe a-steach ri chèile.

Raghnall: Bha, bha.

Flòraidh: 'S mar sin chan fhalbhadh iad le gaoth.

Raghnall: 'S nuair a bhiodh e seachdain no deich latha dh'fhaodadh tu a chuir ann an cruach, 's bhiodh e mar sin tuilleadh gun deidheadh feum a dhèanamh dheth.

Flòraidh: Sin agad e. 'S bha sibh a' tòiseachadh ma tha leis a' choirce.

Raghnall: Bha, a' ceangal 's ga thogail 's ga chuir ann an adagan, 's chuireadh tu an uair sin ann an torran e 's bhiodh e can ceithir latha eile as an torran 's bha e deiseil agad an uair sin.

Flòraidh: Cruach agaibh an uair sin.

Raghnall: Cruach ach dh'fheumadh tu latha math tioram airson cruach a dhèanamh.

Flòraidh: Seadh. A robh dòigh àraidh ann air a dèanamh? Ciamar a bha daoine gan cumail cho còmhnard 's cho snog?

Raghnall: Bha agad, dh'fheumadh tu sin ionnsachadh. Bha thu an toiseach, bha thu a' cumail a bhroinn aice na b' àirde na an taobh a-muigh, ga chumail suas mar seo. Chan fhaodadh a' sìol a bhith na b' ìsle. Dh'fheumadh a' sìol a bhith, an ceann dhan a' bhad air a bheil a' sìol, dh'fheumadh e bhith na b' àirde na an ceann ìosal aige, gus nan deidheadh bùrn ann gu ruitheadh e a-mach air ais.

Flòraidh: Agus bha sibh ag ràdh ann a' shiud nach biodh sibh a' cleachdadh sìoman idir airson nan cruachan a chumail?

Raghnall: Cha bhiodh airson nan torran ach bithidh airson nan cruachan.

Flòraidh: Dè seòrsa sìoman a bhiodh a' dol mu na cruachan.

Raghnall: O sìoman Theàrlaich. Chan fhaigh thu an-diugh e.

Flòraidh: Chan fhaigh. 'S cò air a bha sin air a dhèanamh?

Raghnall: Tha, 's e, tha mi a' smaoineachadh gur ann an Dundee a bhathas ga dhèanamh. 'S e coir rope a' Bheurla a bh' air, coir. 'S e. Agus sìoman Theàrlaich, 's ann à bùth Theàrlaich Moireasdan a' Steòrnabhagh a bhiodh e a' tighinn agus sin mar a bha sìoman Theàrlaich air. Ach gheibheadh sinne as na bùithtean ann a' seo fhèin e. Gheibheadh.

Flòraidh: Bhiodh na bodaich ga dhèanamh iad fhèin uaireannan, nach biodh?

Raghnall: Och, bhiodh iad a' dèanamh sìoman fraoich ach chan eil càil a chuimhne agamsa air a' sin idir ga dhèanamh, duine a seo ga dhèanamh. Ach aon duine, rinn e rud. 'S e th' as a' mhuseum ann an Àrnol. Rinn e e. Bha cuimhne aige mar a bhathas ga dhèanamh 's rinn e tòrr. O rinn e cuibhle mhòr dheth.

Flòraidh: Seadh. 'S am bite a' cleachdadh sin airson chruachan aig aon àm.

Raghnall: Bhiodh uaireigin. Ach chan eil càil a chuimhne agamsa air sin.

Flòraidh: Chan eil sibh cho aosta sin!

Raghnall: Chan eil. Chan eil. Tha mi faisg air!

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.