Help / Taic

Facal Oirbh, BBC Radio nan Gàidheal, 15 Sultain 2009

Sìde

Romhanaich an fhoghair

B' e seo sìde shocair, rudeigin dorcha, a bhiodh ann tric airson greis aig deireadh an fhoghair.

Ceò

Trì latha foghar as an Fhaoillich, agus trì latha Faoillich as an fhoghar

Trì latha Iuchair san Fhaoilleach, agus trì latha Faoillich san Iuchair

Trì latha den Iuthar as an Fhaoilleach, 's trì latha Faoillich as an Iuthar

Chante fear dhe na h-abairtean seo nuair a bhiodh greis de shìde mhath ann san Fhaoillich nuair nach biodh dùil ach ri droch shìde a-mhàin. As t-fhoghar, bhiodh greis de dhroch shìde ann nuair a bha dùil ri sìde mhath.

Is sona gach nì 's a' ghaoth na tàmh

Nuair a thuirt Iain seo ri fear a b' aithne dha agus an duine bochd gu ithe beò leis na cuileagan meanbh aig an àm, 's e am freagairt a fhuair e "Bheil thu a' smaoineachadh?"

Latha bagarrach fogharaidh

B' e seo latha foghair le sìde a bha coimhead coltach ri fàs garbh.

An t-uisge cho garbh ris na faochagan

Chante seo ann a' Stafainn, an t-Eilean Sgitheanach, nuair a bhiodh tuil uisge ann, cho trom 's gu robh e a' cur deann as an rathad.

An ceò a dh'fhàgas an seann solas, 's e sneachd no gaoth a sgapas e

Tuil uisge

An t-Iuthar

"Seachd siubhal chopaig dhith!" Sin a thuirt Iain mun Iuthar, 's e dha-rìribh toilichte gu robh i seachad.

B' e an t-Iuthar mar bu trice na trì seachdainean mu dheireadh dhen Iuchar agus a' chiad trì seachdainean dhen Lùnastal. Thàinig fios bho thè às an luchd-èisteachd gu robh i air leughadh an àiteigin gu robh an t-Iuthar agus An Iuchar co-ionnan as na seann làithean, mas deach na mìosan mar is aithne dhuinne iad a dhèanamh.

Mar eisimpleir, an uair sin, cha b' e An Gearran mìos February a-mhàin.

Bha An Gearran a' leantainn na b' fhaide na aon de na mìosan air a bheil sinn eòlach. Cha robh na seann daoine a' faicinn na bliadhna ann an dusan earrann mar a tha sinne ach mar amannan de shìde a bhiodh a' tighinn.

Sgeulachd: Each leis an dà shealladh?

'S ann bho Choinneach Dòmhnallach à Ùig, Leòdhais, a thàinig an sgeulachd seo.

Bha fear ann an Dail bho Dheas ann an Sgìre Nis, Iain Dhoileara a chante ris, agus bha e a' toirt dhachaigh na mònach le each. Bha àite ann, 's nuair a bhiodh an t-each a' tighinn chun an dearbh àite seo, a h-uile turas, mar a chuir Coinneach e, "Bha beothas a' tighinn ann. Bha e dìreach a' gabhail a' chuthaich."

Bliadhnaichean às dèidh seo, tha e coltach gu robh fìor dhroch thubaist as an àite sin, 's chaidh duine a dhìth ann.

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.