Help / Taic

Facal Oirbh, BBC Radio nan Gàidheal, 08 Sultain 2009

Croitearachd

Buaile

Buaile

Bidh crodh ag ionaltradh ann am buaile agus gheibh thu uaireannan buaileag mun ghealaich, agus le sin tuigidh tu gur e rud rudeigin cruinn a th' ann. Ach b' e buaile an t-seann ainm a b' àbhaist a bhith air a chleachdadh an cuid a dh'àiteachan airson àite-adhlacaidh no cladh.

Ma sheallas tu gu mionaideach, 's ann cruinn a bha tòrr de na seann chladhan.

Agus tha e coltach gu robhas gan dèanamh cruinn mar gum biodh a' samhlachadh an t-sìorraidheachd aig nach robh toiseach no crìoch.

Tha àite an Uibhist a Deas agus 's e A' Bhuaile Dhubh a th' air.

Buailteach

Nuair a bhios daoine a' bruidhinn air buaile chrodh-laoigh thathas buailteach a bhith a' smaoineachadh gur e seo an t-àite as a bheil iad ag ionaltradh agus is urrainn dha sin a chiallachadh.

Ach ghluais am facal buaile cuideachd gu bhith a' ciallachadh grunnan de bheathaichean. Le sin nam biodh grunnan chrodh-bainne ag ionaltradh còmhla, chante gu robh buaile dhiubh ann.

Speal

'S ann à sin a tha am facal buailteach a' tighinn, a' ciallachadh gum biodh tu tric a' dèanamh an aon rud. Ach dh'fhaodadh e cuideachd a bhith air a chleachdadh mar fhacal eile airson àirigh no taigh-earraich, an t-àite far am biodh iad a' cumail nam beathaichean.

Spealan

Bha Seonaidh Ailig MacIlleathain à Griomasaigh ag ràdh gu robh tri seòrsaichean speal ann. Bha an crann mòr ann agus an crann beag agus tè eile le aon spòg le dà dhòrn air, nach fhaca e ach aig aon duine riamh.

Bha spòg fhada agus spòg eile a bha na bu ghiorra air crann mòr.

Bha na spògan an aon fhaid air crann beag agus seo an tè a b'fheàrr leis a' chuid bu mhotha de dhaoine.

Seanfhacail is Abairtean

Gealach

Gealach Shatharnach fhoghair, bha i na rìgh air seachd solais

Bha seo a' ciallachadh nam biodh gealach agad a' tòiseachadh air Disathairne, gealach foghair, is co-dhiù bhiodh sìde mhath no droch shìde ann air an oidhche sin, sin an seòrsa sìde a bha gu bhith ann airson an ath sheachd gealaich.

Solas Satharn an fhoghair, bidh e an dàrna cuid na rìgh air seachd solais no gabhaidh e an cuthach seachd uairean.

Nan gabhadh e an cuthach seachd uairean, bhiodh sin a' ciallachadh sìde uabhasach, mar gum biodh an t-sìde air a dhol às a ciall.

Cho luath ri Peter Dothaig: Cho breugach ri Cooper

Bha boireannach à Stafainn, An t-Eilean Sgitheanach, ag innse gum biodh i a' cluinntinn a màthair a' cleachdadh an dà shamhla seo, ach nach robh beachd aice cò a bh' ann an Dothaig no ann an Cooper.

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.