Help / Taic

Facal Oirbh, BBC Radio nan Gàidheal, 08 Sultain 2009

Facal nan Each

Dòmhnall Eàirdsidh Dòmhnallach

Facal nan Each: mar a fhuaireadh an naidheachd bho Dhòmhnall Eàirdsidh Dòmhnallach, an t-Òban.

Dòmhnall Eàirdsidh: O mar, mar a chuala mise e co-dhiù, mar a thuirt ar caraid às na Hearadh, bha mi a' cur mo làn-aonta ris, a bhith a' bruidhinn socair, coibhneil ri eich no beathach sam bith. Facal socair a bha e ag ràdh ris an each. Cha d'thuirt e guth mu dè am facal a bh' ann. Saoil an e Facal nan Each mar a chuala mis' e, an e a bh' aige, saoil an e?

Iain: Well, chan eil càil a dh'fhios agam, ach nach innis sibhse dhomh dìreach mar a bha e agaibh pèin.

Dòmhnall Eàirdsidh: Well, mar a chuala mis' e, 's ann nuair a bha mi a' cìobaireachd as an dùthaich seo a-bhos, sìos deas air an Òban. Bha fear ann a' shineach, 's ann à Siorrachd Lannraig a bha e, fear Jock Ramsay.

Bha e a' strapadh choineanach sa gheamhradh, 's bhiodh e ri rùsgaidhean is rudan. 'S dòcha gu robh e ag obair le eich an toiseach a là. Ach bha esan a' cumail a-mach gu robh Facal nan Each aige, 's gun deidheadh aige air a thoirt seachad.

'S e Facal nan Each facal dìomhair a bh' aca fhèin. Chan fhaodadh fhaighinn ach treabhaiche, cairtear no gille-àigich, ach thàinig e mu dheireadh gu faodadh cìobair fhaighinn bhon a bha e ag obair le cù, 's a' bruidhinn ri beathach.

Iain: Tha mi a' tuigs'.

Dòmhnall Eàirdsidh: Agus a' facal a bha seo, bha iad ga thoirt seachad, 's bha dòigh aca air breith air làimh air a chèile. Agus bha, mar a chanas sinn sa Bheurla, ritual ann.

Mas faigheadh tu am facal 's an greim a bha seo, bha agad ri dhol tron a' ritual, mar a chanadh iad a' Siorrachd Obar Dheathain, no 's dòcha tìr-mòr uileag "going through the calf house door."

Iain: Seadh.

Dòmhnall Eàirdsidh: Agus 's e "the horseman's grip and word" a bh' ac' air an fhacal.

Iain: Seadh. 'S e, 's e sin dìreach gum beireadh iad air làimh air a chèile ann an dòigh shònraichte 's gu robh facal aca dìreach a bha dìomhair dhaibh pèin.

Dòmhnall Eàirdsidh: Agus a' ritual a bha seo, 's ann an uaigneas na h-oidhche a bha e ri tachairt, mu aon uair deug no meadhan-oidhche, 's dòcha ann a' stàball dorcha no ann an crò nan laogh, mar tha e ag ràdh "the calf house door."

Chan fhaodadh solas de sheòrsa sam bith a bhith ann. Chan fhaodadh fiù solas gealaich a bhith ann. 'S e oidhche gun ghealaich a dh'fheumadh a bhith ann.

Agus duine sam bith a bha airson a dhol a-staigh, dhol tron a' ritual a bha seo, bha sin air a chuir air dòigh ron àm, deagh ghreis tha mi a' smaoineachadh.

Dh'fheumadh tu coinneal a thoirt leat, agus lof no breacag no dhà arain, botal uisge-bheatha agus an cuid a dh'àiteachan botal bainne, abair bith dè a bha a' tachairt aig a' ritual leis a' stuth a bha seo. Sin mar a dh'innis e dhòmhsa. Cha tug e dhomh a' facal idir, ma bha e aige.

Iain: Seadh. Cha deach sibh pèin troimhe a-rèisd?

Dòmhnall Eàirdsidh: O cha deach. Dh'fheòraich mi mu dheidhinn, 's bhiodh iad ag innse tòrr dhut mu dè bha dol a thachairt dhut. Bha' d mar gum biodh iad a' cur an eagail ort, agus bha duine eile ag innse dhomh gu robh iad airson a dhèanamh a-mach le bhith ag innse dhut 's a' cur an eagail ort, a robh thu cinnteach gu robh thu deònach a dhol troimhe. Agus rud eile, an e gealtaire a bh' annad.

Iain: 'S e. Tha mi a' smaoineachadh gur dòcha gu robh am buidheann a bha seo, na cairtearan 's na treabhaichean 's mar sin air adhart, gu robh àite sònraichte agus inbhe shònraichte aca, nach robh?

Dòmhnall Eàirdsidh: O bha. O bha. Agus cha d' thuirt Jock Ramsay a bha seo mun Fhacal, 's thug e dhomh faclan. Cha do chleith e orm an dòigh sam bith iad, 's cha do dh'iarr e orm an cleith air duine eile, "Horse and man, both in one."

Iain: Seadh. Seadh.

Dòmhnall Eàirdsidh: Ach cha deach mise na bu dàine na sin!

Iain: Seadh. Seadh. Seadh. Well, bha, tha mi a' smaoineachadh gu robh rudan dhen t-seòrsa sin ann ach, tha, an dùil a robh sin a' toirt comasan sònraichte dhan an duine ann a làimhseachadh an eich?

Dòmhnall Eàirdsidh: Well, thuig mise gu robh e a' ciallachadh sin. Agus mar a tha duine aig a bheil Facal nan Each 's rud mar sin, ma bha e a' coimhead airson obair, ma bha fear eile aig tuathanach an àite 's fhios aige gu robh e ann, gun dèanadh e na b' urrainn dha airson a chuideachadh. Tha mi a' smaoineachadh gu robh sin ann cuideachd.

Iain: Ach chan fhaigheadh a h-uile duine, a h-uile duine a bhiodh ag iarraidh, a-steach dhan a' bhuidheann a bha sin?

Dòmhnall Eàirdsidh: O chan fhaigheadh. Chan fhaigheadh. Dh'fheumadh tu a bhith nad threabhaiche, cairtear no gill'-àigich, no cìobair mu dheireadh.

Iain: Dh'fheumadh.

Dòmhnall Eàirdsidh: Agus bha rud eile, tha mise a' smaoineachadh gu robh gnothaich aige ri Facal nan Each, chunnaic mi cairtearan 's feadhainn ga dhèanamh, a' bualadh coilear an eich dhà no trì thursan ris a' fhrasaich mus cuireadh iad air e.

Ach bha mi a' bruidhinn ri caraid dhomh ann an Obar Dheathain, tha e a' fuireach an Ceann Phàdraig a-nis, bha e fhèin aig tuathanaich. Agus bha e a ràdh, "O' s dòcha gu bheil," ach bha mise mi-fhèin a' dèanamh sin, 's chan eil Facal nan Each idir agam.

Iain: Seadh.

Dòmhnall Eàirdsidh: An t-adhbhar airson a dhèanamh, nuair a tha an coilear crochte fad na h-oidhche, tha e dualtach a bhith a' sìneadh 's a' fàs, a' fàs aimhleathan.

'S nuair a tha thu a' bualadh a' bhonn aige ris a' fhrasaich, tha fàinne a' choileir a' leum a-mach às a' mheadhan 's ga dhèanamh nas fharsaing.

Iain: Tha mi a' tuigs'.

Dòmhnall Eàirdsidh: 'S tha e nas fhasa a chuir seachad air sùilean 's air cluasan an eich.

Iain: Ach bha uidheam aca airson a bhiodh iad a' cur mu bhus a' bheathaich, nach biodh?

Dòmhnall Eàirdsidh: O bha, bha. Beathach a bhiodh doirbh a chruidheadh na rud mar sin.

Iain: Seadh?

Dòmhnall Eàirdsidh: 'S e twister a chanadh iad ris an Uibhist. 'S e twitch cha chreid mi a chanas iad ris air tìr-mòr. 'S ann air sliop àrd an eich a bha thu a' cur sin. Bìdeag de ròpa, dul air, 's bha thu a' cur maide troimhe 's ga thoinneamh 's ga thoinneamh dìreach gu robh an t-sliop aige dìreach ag at, gum biodh a shùilean cha mhòr a' tionndadh na cheann leis a' chràdh 's a' toirt a mhothachadh bhuaidhe.

Iain: Seadh. Agus bha làmh-an-uachdair an uair sin aig duine?

Dòmhnall Eàirdsidh: Bha. Bha làmh-an-uachdair agad air an uair sin.

Iain: Bha.

Dòmhnall Eàirdsidh: Sin na chuala mise a bhith a' dèanamh orra de dhroch ghiollachd co-dhiù.

Agus rud eile a chuala mi, m' athair 's na bodaich a bha a' bruidhinn air, agus 's ann a' dol air ais gu Facal nan Each a tha mi an-dràsta, nuair a bha iad a' togail Sgoil Cheann a' Bhàigh, an sgoil dhan deach mi-fhìn, 's e bùth is post-office a th' ann a-nis.

Bha' d a' togail an àite a bha seo, bha clachairean ann às an àite agus bha clachairean far tìr-mòr ann. 'S bha muinntir an àite a' tarraing cloiche is obraichean, is bha fear Tòmas Muillear, Thomas Miller a bha seo, à Ceann a' Bhàigh.

Bha each is cairt aige ged nach robh croit idir aige. 'S bhiodh e a' dèanamh obair le each, 's bha e a' tarraing clach no rudeigin a' là seo agus thuirt fear de na clachairean Gallda a bha seo, "Dè mu dheidhinn beagan spòrs fhaighinn air Tòmas?"

"Dè spòrs?" thuirt cuideigin.

Rinn e fead bheag tro fhiaclan. Stad an t-each aig Tòmas, 's cha tigeadh e às a' siud, abair bith dè a dhèanadh e ris.

Thuirt cuideigin an uair sin, "Och leig às Tòmas bochd, ma tha an cothrom sin agad."

Rinn e fead eile, 's dh'fhalbh each Thòmais 's dh'obraich e an còrr dhen là mar nach biodh dad air tachairt.

Well, cha b' e treabhaiche a bha sin ach clachair agus rud eile a thuirt e, "Là a dh'fhàgas mise Uibhist, ma thogras mi-fhìn, bheir mi air a h-uile boireannach 's air a h-uile mart a th' as an eilean, gu lean iad a Loch na Madadh mi!"

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.