Help / Taic

Facal Oirbh, BBC Radio nan Gàidheal, 01 Sultain 2009

Mòine

Cruach

Cruach

Bhite tric ag ràdh gun aithnicheadh tu dè seòrsa duine a bh' agad le bhith a' coimhead ciamar a bha e a' dèanamh rudan timcheall na croit agus bha sin gu h-àraidh fìor mu dheidhinn na cruaich mhònaich.

Ma bha i air a deagh dhèanamh, le loinn oirre, an doras aice rèidh 's i air a fosgladh gu dòigheil, dh'fhaodadh tu a bhith cinnteach gur e duine cùiseil, grinn a bha agad.

Bhiodh cruachan eile mar gun cuireadh muir air thìr iad, agus dh'aithnicheadh tu gur e sin an seòrsa inntinn a bh' aig na daoine leis an robh iad.

Bha seanfhacal ann a bha ag ràdh gun aithnicheadh tu an deagh bhean taighe air doras na cruaiche mònach.

Bha cuid a dhaoine fiù 's a' ruidealadh nan caoranan beaga mu dheireadh airson an culm a thoirt às.

Cuilean na cruaich

Thàinig fios bho Eva NicDhòmhnaill, Paibil Iarach, Leòdhas ag ràdh gur e cuilean na cruaich a bha aca air cruach bheag a dhèante leis a' bheagan mòine nach do ghabh a' chruach. Chante isean na cruaich ris an àiteachean eile.

Bha Fionnlagh MacLeòid a' cuimhneachadh gur e fìor fhàilligeadh a bh' ann isean no cuilean na cruaich a bhith agad, a' ciallachadh nach do leugh an duine a bha a' dèanamh na cruaich dè na bh' aige de mhòine, agus dè mheud a dh'fheumadh a' chruach a bhith air dhòigh 's nach biodh fiù fàd a bharrachd ann.

Là teth air a' mhòintich

Allt

Bha Iain ag innse mu fhear a bhiodh ri cìobaireachd 's a' dèanamh tòrr air mòintich.

Bha e ag ràdh gum biodh na bodaich a' toirt comhairle orra, can ma bha iad a-muigh air là teth, fallasach, 's iad sgìth, gur e a' chiad rud a bu chòir dhaibh dèanamh mus òladh iad deoch fhuar idir, dà tholl a dhèanamh as a' riasg agus an làmhan a chuir sìos annta gu caol an dùirn agus an cumail an sin gus an dèanadh iad beagan de dh'fhuarachadh.

Nam biodh am bùrn ann an allt no loch air leth fuar, bhathas a' moladh dhaibh an làmhan a chuir dhan a' bhùirn gu caol an dùirn gu fairicheadh iad na b' fhionnar.

Bha athair Fhionnlaigh bliadhnachan ann an Canada agus, uair sam bith a bhiodh e teth, 's e a' chiad rud a dhèanadh e bùrn fuar a chuir air caol a ghàirdeanan, agus, bho thàinig tapaichean, chuireadh e caol a ghàirdeanan fon tap. Bha e a' cumail a-mach gur e sin a' rud bu luaithe a chuireadh fuachd tro chorp.

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.