Help / Taic

Facal Oirbh, BBC Radio nan Gàidheal, 01 Sultain 2009

Sgeulachd mu chonstabal

A' buain na mònach

Sgeulachd mu chonstabal a bh' ann an sgìre Nis, Leòdhas, agus mar nach robh obair na mònach a' còrdadh ris a h-uile duine.

Fionnlagh: Ach 's e cho mòr 's a bha na cruachan, eil fhios agad, as an àite. As na h-amhrain, 's a' suirghe ris a' chruaich, far a bheil an t-amhran ag ràdh:

"Cha robh còmhradh aig an fhàd, 's bha sin fàbharach dhuinne."

Agus amhran Shiaboist, eil fhios agad, "far bheil na cruachan mònach, 's na beanntan mòr mun cuairt"

'S e na cruachan a th' air an ainmeachadh ro na beanntan!

Iain: 'S e. Bha mi dìreach a' smaoineachadh mas tàinig tu chun a' sin, eil fhios agad, gur e a' chuimhne a bh' agam fhìn, nuair a bhite a' toirt dhachaigh na mònach.

Agus nuair a dh'fhalbhadh a' làraidh dhachaigh, agus nar suidhe air cùl an tiùrr no a' chruach a bha air a' mhòintich, 's a' foghlam a bha duine a' faighinn ann a' shin.

Fionnlagh: Bha.

Iain: 'S na sgeulachdan, 's a h-uile càil a bh' ann.

Fionnlagh: Ach chan urrainn dhomh, nuair a bhios sinn a' bruidhinn air mòine, gun tilleadh gu bhith a' togail mhònach air, tha, samhradh fliuch 's tu ann am broinn fhliuch a' feuchainn ri rùdhan a dhèanamh, a' cur aon fàd ri cliathaich do chois 's a' feuchainn ri togail an dòlais rud suas gu brugan.

'S an uair sin, agus e a' fàs rudeigin, fras a' tighinn 's a' mheanbh-chuileag. 'S chan eil e bòidheach. Chan e cur seachad àghmhor a bh' ann idir!

Iain: Well, an dùil nach eil e faisg air man a h-uile càil eile dha sheòrsa. Nuair a sheallas tu air ais air rudan, chan eil thu a' faicinn, mar is trice, ach na rudan as tarraingiche ann, agus nuair a sheallas tu beagan nan mionaidiche bha taobhan air nach robh buileach cho càilear ri sin.

Fionnlagh: O bha, agus a' fad a bh' as na puill! Nuair a shealladh tu suas, uireas a bh' air do chùlaibh, 's na bha romhad!

Bha fear as a' bhaile againn fhìn aig àm buain na mònach ag ràdh, "Dè a' chabhaig a th' oirbh a-mach às a' pholl? Cha bhi sibh ach a' dol a-steach a dh'fhear eile co-dhiù!"

Iain: Well, sin e.

Fionnlagh: 'S e.

Iain: Fhionnlaigh, tha, seach gu bheil thu a' bruidhinn air a' sgìre agaibh pèin...

Fionnlagh: Daonnan!

Iain: Tha. Well, fhuair mise litir bho Dòmhnall Moireasdan às an Òban air a bheil thu fhèin glè eòlach.

Fionnlagh: Dan, an e?

Iain: Dan. Agus tha mi dìreach a' dol ga leughadh mar a tha i, agus cuiridh mi a' rud a th' as a' litir riut fhèin. Tha e a' cantainn:

"Iain, a charaid,

Chuir an còmhradh a bh' agaibh mu chonstabail na mo chuimhne litir a nochd as an t-seann Ghàidheal bho chionn leth-cheud bliadhna, far a' robh Seonaidh Mhurchaidh Chaluim à Tàbost, Nis, ag innse mu rud a thuirt fear eirmseach as a' bhaile mu bhuraidh de chonstabail a bh' aca. Agus seo a' rud a thuirt e.

"Chuir a' mòthar a leig a' fear mòr ann a' Lunnainn Iain Ruadh a' Gheàrraidh air a thòin ann an Tàbost!"

Tha e an uair sin ag ràdh:

B' e a' fear mòr Gladstone, ach chan eil cuimhne agam ceart dè an t-ainm a bha air a' chonstabal. 'S dòcha gum bi fios aig Fionnlagh.

Leis gach deagh dhùrachd,

Dòmhnall Moireasdan."

Fionnlagh: O well, tha sin math. Tha sin math. Cha mhòr nach ann mar sin a chuala mise mi-fhìn e, ach rud beag eadar-dhealaichte. Bhithinn a' cluinntinn, tha, agus a' fear a dh'ainmich e, 's e cousin dhomh fhìn a bh' ann, à Tàbost.

Ach 's e bhithinn-sa a' cluinntinn ach, "A' ghaoth a dh'fhalbh bho gàirdean Gladstone nuair a shoighnig e Achd na Croitearachd gun thilg e Iain Bàn a' Ghàrraidh bho na cathrach."

Faisg air an aon rud. Iain Bàn a' Ghàrraidh, 's e an constabal a bha shuas eadar Tàbost is Suaineabost, far a bheil manse na Seceders an-diugh. Agus bha e a' riaghladh leis an dealbh a bh' agamsa air constabal.

Iain: Bha, 's an dealbh gu follaiseach a th' aig Dan cuideachd. Buraidh, agus sinn a' tighinn air ais a-rithist ag aontachadh, no gun a bhith ag aontachadh.

Fionnlagh: 'S e, Seonaidh Mhurchaidh Chaluim a' dèanamh an dealbh sin.

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.