Help / Taic

Facal Oirbh, BBC Radio nan Gàidheal, 01 Sultain 2009

Tobar is Fuaran

Tobar

Tobar is Fuaran – a bheil iad eadar-dhealaichte? Sin an deasbad a tha aig Iain MacIlleathain, Flòraidh NicIlleathain agus Fionnlagh MacLeòid.

Iain: 'S e ceist a chaidh a chuir orm, tha, nam biodh tu a' dol a thoirt a-steach bùrn no uisge, càite an deigheadh tu? Càite an deigheadh tu fhèin, a Fhlòraidh?

Flòraidh: Well, rachainn-sa, dhòmhsa, 's ann dhan tobar a thiginn, ach tha fhios agam gur e facal eile a chleachdas feadhainn de dhaoine eile airson sin.

Iain: Bheil thu a' dèanamh eadar-dhealachadh no dealachadh sam bith eadar an dà rud?

Flòraidh: Well, tha. Tobar agus fuaran. Tobar dhòmhsa, rachadh tu ann dìreach a dh'iarraidh 's dòcha peile no cuinneag uisge. Nam biodh tu a' dol a dh'fhaighinn uisge à fuaran, 's e dìreach 's dòcha cupa beag, agus 's e uisge a bhiodh a' ruith 's dòcha tro abhainn a bhiodh ann dhomh, no 's dòcha uisge a bhiodh a' tighinn a-nuas tro chreagan. Sin dhòmhsa co-dhiù.

Iain: Seadh. Fhionnlaigh, a bheil thu ag aontachadh ri siud?

Fionnlagh: Well, 's ann dhan t-srùb a dheidhinn s'.

Iain: Seadh. Well, siuthad, lean ort.

Fionnlagh: Agus, ach tha mi mothachail gu bheil àiteachean eadar-dhealaichte a' dèanamh dealachaidhean eadar tobar agus fuaran, gu bheil uaireannan ann an corra àite, daoine ag ràdh tobar far a bheil uisge a-staigh, gun ghluasad, mar a bha thu ag ràdh, eil fhios agad, agus an tobar air a togail an-àrda. Agus fuaran, gur ann a' tighinn a-mach à pìob glè thric, rud air am biodh srùb againne. Uaireannan eile, tha e an aghaidh a' ghearra.

Iain: Tha, well, tha sin annasach. Bhon dhòmhsa, tha mi ag aontachadh, an-dràsta dhomhsa, tobar, 's e àite dhan deidheadh tu le cuinneag no le peile agus i air a clachaireachd an-àrda 's air a dèanamh ceart.

Ach dhòmhsa gheibhinn fuaran faisg air, 's e sùil uisge a bhiodh ann, a bhiodh ag èirigh an-àrda gu math tric bho chreig, eil fhios agad, mar a tha thusa ag ràdh.

Agus mar a tha am facal ag ràdh, bhiodh an t-uisge a bhiodh ann am fuaran as a' chumantas gu math fuar.

Fionnlagh: 'S am biodh pìob oirre mar bu tric?

Iain: Cha bhiodh.

Fionnlagh: Fiù an uair sin ged a bhiodh lèig-chruthaich ann?

Iain: Cha bhiodh. Dìreach, dhòmhsa fuaran, rud a chitheadh tu a-muigh air a' mhòintich, no fiù chitheadh tu iad uaireannan ann am bòrd loch, as a' ghainmhich, dìreach a' sùghadh an-àrda, tighinn, tha, gu uachdar, agus uisge air leth glan ann.

Ach bha aon duine a' cantainn rium, ged a bha an t-uisge a bha sin gu math, math glan, 's gu math fuar 's càilear a dhol ga òl, nan cuireadh tu ann am botal e, 's a thoirt dhachaigh, nach robh e leth cho seasmhach ris a' bhùrn a bhiodh ann an tobar, agus gum biodh e buailteach a bhith a' dol flodach agus a' fàs, na h-uibhir a dh' fhàileadh a' tighinn dheth.

Nise, chan eil càil a chinnt agam air a' sin.

Fionnlagh: 'S chan e bùrn iarainn a tha thu a' bruidhinn air idir, bhon bha fàileadh bhon a' bhùrn iarainn?

Iain: Och, well bha, ach dh'aithnicheadh tu am bùrn iarainn.

Fionnlagh: Dh'aithnicheadh. Bha an tobar dearg.

Iain: Bha. Chitheadh tu sin. Tha, O bha tòrr rudan co-cheangailte ri na tobraichean. Fiù tha cuimhne agam, 's e làd bùrn a chanadh tu, eil fhios agad, nuair a bha thu a' falbh leis an dà pheile 's a' tighinn leis an dà pheile dhachaigh.

Ach aon rud tha fios agam a bh' ann an cuid a sgìrean, agus chan eil cuimhne agamsa air idir, agus 's e sin an cearcall, an cearcall fiodha.

Fionnlagh: Bha. Well, bha an dà sheòrsa ann. Bha fear ceithir cheàrnach ann.

Iain: Seadh.

Fionnlagh: Ach a' fear a bh' ann na bu tràithe, 's e fear cruinn le stiallan an taigh-thàbhaidh air a dhèanamh glè thric.

Ach às dèidh sin, chan eil fhios an e gu robh stiallan mar sin na bu dorra am faighinn, bhathas a' dèanamh fear le mìrean fiodha, le bioranan, ceithir-cheàrnach, 's uaireannan chitheadh tu na dhà a' dol aig an aon àm.

Iain: Bha. Ged a thuirt mise cearcall, 's dòcha gur e an dealbh a bh' agam nam inntinn fear le na ceithir taobhan air.

Fionnlagh: Well, lean an t-ainm cearcall.

Iain: Lean.

Fionnlagh: 'S e, sin agad e.

Flòraidh: Ach chan e a h-uile duine a gheibheadh dhan tobar. Chan iarradh iad air a h-uile duine a dhol dhan tobar a chionns bha sibh a' bruidhinn ann a' shiud gum biodh feadhainn aca air an clachaireachd, fhios agad, a-muigh.

Well, gu follaiseach bhiodh sin gu math nas sàbhailte na 's dòcha tobar a bha caran fodha as an talamh, tobar nach robh furasta fhaicinn càite robh e.

'S mar sin, cha chuireadh iad clann òg uair sam bith, no 's dòcha cuideigin a bha rudeigin leiristeach dhan tobar, ach cuideigin a bha gu math dìreach, comasach air fios a bhith aca càite robh e, 's thigeadh iad ann, gheibheadh iad e, 's thilleadh iad air ais.

Fionnlagh: Well, bha sinne, nuair a bha sinn òg, seachd sgìth a' dol innte, bhon... ag èigheach riut a dhol a dh'fhaighinn làd bùrn 's mar sin, bhon bha am bùrn, bhon cha robh bùrn a-staigh am broinn an taighe ach am bùrn a thigeadh as an tobar.

'S bha daoine a' tarraing bhùrn as t-samhradh, gun fhiaradh gun innealadh. Bha.

Iain: Bha. Tha cuimhne agamsa, 's dòcha gur e gu robh na samhraidhean na bu teotha. Well, tha mi a' creids' gu robh iad na bu teotha na bha am fear-sa co-dhiù, ach tha, an tobar faisg air a bhith a' dol tioram agus ag èirigh tràth as a' mhadainn airson gum biodh tu aig an tobar ro dhaoine eile.

Fionnlagh: O, cha robh sin againne idir.

Iain: O well, tha làn chuimhne agamsa air a' sin.

Fionnlagh: Ach bha tè dhe na tobraichean againne, Tobar Alasdair Buachaill, agus bha sibh pèin a' bruidhinn air bho chionn bliadhna no dhà, le càraidean, gu robh càraidean, tòrr charaidean ri linn a' bhùrn, eil cuimhne agad?

Iain: Tha, tha, tha. Tha mi a' tighinn thuige.

Fionnlagh: Well, tha grunn chàraidean timcheall air a' chatchment area a bh' aig Tobar Alasdair Buachaille, às bith a bheil ceangal aige sin ris, no nach eil.

Ach luthaiginn, mus fàg sinn na tobraichean, a ràdh eil fhios agad, tha tobraichean tro na h-Eileanan air fad gum biodh daoine a' dol, 's a bha daoine a' creids' annta gu robh am bùrn èifeachdach airson leigheas.

Bha feadhainn sìos tro an h-eileanan air fad; Tobar Chaluim Chille am Barraigh, Tobar Chuidhearaidh an Uibhist a Tuath, An Gamhnach am Beinn na Fadhla, suas tro an h-eileanan, 's sìos, 's bhiodh e uabhasach math cluinntinn feadhainn eile 's dòcha a th' aig daoine 's tha fios aca.

Bhiodh dotair ag iarraidh air daoine botail dhan a' bhùirn a thoirt gu daoine a bha san ospadal 's rudan mar sin.

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.