Help / Taic

Facal Oirbh, BBC Radio nan Gàidheal, 01 Sultain 2009

Croitearachd

Bad agus beum

Ceangal an arbhair

'S e obair chruaidh a bh' ann an ceangal an arbhair, agus glè thric bha e air a dhèanamh le na boireannaich. Bha eadar-dhealachadh eadar an coirce agus an t-eòrna an dèidh a' cheangal. Chante bad coirce ach beum eòrna, adag coirce agus ruisg eòrna. Bha an t-arbhar air a chuir ann an tòrr an uair sin, agus mu dheireadh ann an cruach.

Sìol dubh

Bha an sìol dubh rudeigin feusagach agus na bu bhioraich. Bhite a' cur troigh no troigh gu leth dhan an t-sìol dhubh timcheall nan iomairean ach an cumadh e na cearcan agus beathaichean eile a-mach às a' choirce.

Fiosrachadh bho Lachaidh MacIllÌosa, Stafainn, An t-Eilean Sgitheanach

Gàdag

B' e seo a chante ris an ròpa a bha a' ceangal eallach arbhair agus b' e fad na gàdaig a bheireadh duine leis gu nàdarrach ann an eallach, agus, a thuilleadh air a' sin, fad a dheigheadh timcheall do dhà dhòrn.

Euslaintean is Ìocshlaintean

Cladh

An tinneas tuiteamach

Bha Fionnlagh MacLeòid a' cuimhneachadh air leigheas a chuala e taobh Bhuirgh air taobh siar Leòdhais.

Tha e coltach nam biodh duine le tinneas tuiteamach gum bite a' dol dhan a' chladh a dh'fhaighinn claigeann. Bhiodh aig an euslainteach ri deoch uisge òl às a' chlaigeann airson leigheas fhaighinn.

Ach dh'fheumadh an duine a bha dol a dh'iarraidh an uisge sin a dhèanamh a' chiad char as a' mhadainn mas itheadh e càil, 's chan fhaodadh e bruidhinn ri duine.

Dh'fheumadh an claigeann a thighinn às a' chladh agus a dhol air ais ann mus tuiteadh an oidhche a' là sin, gun fhios do dhuine eile.

Air chiallaidh

Bhiodh daoine air chiallaidh gus am biodh iad air greim bidhe ithe as a' mhadainn. Cha bhiodh daoine airson a' chuthag fhaicinn no chluinntinn, 's iad fhathast air chiallaidh.

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.