Help / Taic

Facal Oirbh, BBC Radio nan Gàidheal, 25 Lùnastal 2009

Seudar

Seudar

Tha seudar na craobh àrd, sgaoilte agus sìor-uaine.

Cha mhòr gu bheil meur ri fhaicinn as an fhiodh aice agus le sin tha e air a chleachdadh airson aitreabhan, togalaichean agus bàtaichean.

Biodh bogsaichean airson cigars uaireannan air an dèanamh le còmhdach tana seudar orra chionns gun gabh e obrachadh cho foidhne.

Learag

Learag

Bha fiodh learaig air a chleachdadh airson postaichean, geataichean agus cliathan, airson greallag agus amall, rudan a dh'fheumadh a bhith làidir ach air nach fheumadh loinn a bhith.

Tric, b' e a' fiodh a b' fhasa fhaighinn. Nuair a thigeadh fiodh airson, mar eisimpleir, geata, nam biodh pìosan an còrr dheigheadh rudan beaga a dhèanamh leis.

Air taobh siar Leòdhais b' e an seòrsa fiodh a chleachdte airson còrr-thollan a dhèanamh nuair a dh'fheumadh tu dà uan a cheangal air an aon bhacan nuair a dheigheadh an togail as t-fhoghar.

A' locradh

A rèir agus ciamar a tha an gràinn a' ruith ann a' fiodh, faodaidh e a bhith furasta a locradh agus gabhaidh loinn a chuir air, ach tha seòrsaichean fiodh ann air nach gabh loinn a chuir.

Stiùireadh a’ BhBC

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.