Help / Taic

Facal Oirbh, BBC Radio nan Gàidheal, 25 Lùnastal 2009

Dromanach

Dromanach

Bha cuimhne aig Ruairidh MacNèill à Muile mar a bhiodh iad, nuair a bha e òg, a' glanadh a-mach an stuth geal a tha am broinn nam meanglain chaola aig an dromanach airson ribheidean feadain a dhèanamh.

Nì dearcan an dromanaich deagh fhìon cuideachd.

An droigheann dubh

An droigheann dubh

'S e "connadh nam meàrlach" a bha aig Ruairidh MacNèill à Muile air an droigheann dubh. Tha e coltach gum biodh daoine a bha a' fuireach faisg air coilltean uaireannan gu mì-laghail a' gearradh chraobhan airson connadh. Nam faigheadh iad droigheann dubh, chionns nach robh ceò a' tighinn às, dh'fhaodadh iad a losgadh am broinn an taighe. Le sin, cha bhiodh fios aig an uachdaran no aig a' bhàillidh cò bha ga ghearradh.

Coltach ris a' challtainn faodaidh tu sgobag a thoirt as an droigheann dubh a' siud 's a' seo agus brisidh e a-mach a-rithist. As na làithean a dh'fhalbh 's i bhiodh air a cleachdadh air tacan agus tuathanasan airson crìochan a chomharrachadh.

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.