Help / Taic

Facal Oirbh, BBC Radio nan Gàidheal, 25 Lùnastal 2009

Feàrna

Feàrna

Tha an fheàrna bòidheach agus, coltach ri seileach, 's toigh leatha talamh bog air bruaichean aibhne no an cois lochan. Ruigidh i trì fichead troigh a dh'àirde agus tha i sgaoilte agus rud beag crochte, air dòigh 's gu bheil i na laighe as a' ghaoith, a' gluasad gu lèir.

Bha i air a cur gu h-àraidh airson talamh a thiormachadh, no an cois aibhnichean.

Bha i air a cleachdadh mar chonnadh agus bha abairt ann, "Diùbhaidh nan diùbhaidh, feàrna fliuch!"

Bha am fiodh aice air a chleachdadh airson gàirdein is casan fuadain, agus airson gual-fiodha a dhèanamh airson fùdar-gunna.

Bha duilleagan an fheàrna air an cleachdadh airson fuar-lit nam biodh atan air duine.

Sice

Sice

Tha a' chraobh seo math airson gàrraidhean, gu h-àraidh airson fasgadh, chionns gu bheil i cho seasmhach a thaobh na gaoithe. Chan eil na meanglanan sgaoilte a-mach, tha iad a' dol an-àirde ri taobh na craoibh fhèin.

Bha am fiodh air a chleachdadh airson rollairean ann am muilnean. Cha robh aca ach a' chraobh a ghearradh, an rùsg a thoirt bhon stoc agus beagan cumadh a thoirt air.

Tha, mar gum biodh, toinneamh as an stoc aice, no mar a chuir Iain Murchadh e, "Seann samhla a bh' ann, nuair a dh'fhàsadh i an àrda pìos, gu robh mar gum biodh làmh mhòr a' feuchainn ri toirt às an talamh, 's chitheadh tu snìomh as a' stoc aice".

Tha an duilleag aice mar còig meuran, mar còig duilleagan còmhla, mar bois duine, agus tha a' sìol a' tuiteam dhiubh agus a' greimeachadh as an talamh.

Craobh mhòr a th' innte, a dh'fhàsas gu ceithir fichead troigh. Bheir i mu thrì fichead bliadhna a' tighinn gu ìre càil a dhèanamh leatha. Tha a' fiodh luachmhor agus math fhèin airson fìdhlean a dhèanamh.

Stiùireadh a’ BhBC

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.