Help / Taic

Facal Oirbh, BBC Radio nan Gàidheal, 25 Lùnastal 2009

Na fiodhan a bhathas a' cleachdadh airson cuibhlichean cairt a dhèanamh

Cuibhle

Tha Iain Murchadh MacAoidh agus Iain MacIlleathain a' bruidhinn mu na fiodhan eadar-dhealaichte a bhathas a' cleachdadh airson cuibhle cairt agus eathraichean a dhèanamh.

Iain M: Well, bha e uabhasach sònraichte agus thug mi-fhìn greiseag mus do sheall mi ris agus, an dèidh dhomh sealltainn ris, bha mi a' meòrachadh bhon uair sin carson fo ghrian nach robh an aon fiodh, bhon bha e nàdarrach nan deigheadh duine a-mach ann an coille, gun gearradh e fiodh airson rudan sònraichte.

Ach bha mi a' coimhead ris bho chionn seachdain a' seo, agus bha sinn a' coimhead ri a' nave, sin a' chìoch, cìoch na cuibhle, 's bha e air a dhèanamh le leamhan, elm.

Iain: Seadh.

Iain M: Nise, bha 'd a' gearradh sin, can rud a bha iad a' dèanamh am-bliadhna, bha am fiodh sin air a ghearradh 's air a chuir air thaobh mu chòig bliadhna air ais. Cha robh iad a' beantainn rithe airson còig bliadhna. Bha i aca ann a' stòras airson còig bliadhna.

Iain: Cho fada ri sin?

Iain M: Cho fada ri sin. Nise, chan eil fhios agam cia mheud spòg a bhiodh a' tighinn a-mach à cìoch ach bha na tuill gu math dlùth ri chèile. Ach nuair a bha iad ag obrachadh na tuill sin cha robh i a' sgàineadh na dad. Bha i a' fuireach faidhear mar bloc.

Iain: Bha. 'S e sin dìreach a dh'fheumadh tu.

Iain M: 'S e. Well, cha robh mòran tighead ann nuair a chuireadh tu na spògan a-steach ann, agus cuimhnich gu robh toll a-staigh airson an aiseal a dhol troimhe.

Iain: Tha sin ceart.

Iain M: Cha robh tòrr doimhneachd, ach, 's bha iad ri taobh a chèile agus chan fhaodadh iad sgàineadh uair sam bith.

Iain: Bha, bha duine buailteach a bhith a' toirt an neart air falbh bhon an fhiodh leis an toll a bha troimhe agus an uair sin na tuill airson na spògan, no na tarsannan.

Iain M: Bha. Nise, nan deigheadh càil ceàrr air toll an aiseal no an cumadh aice gu lèir, well, cha ruitheadh i dìreach.

Agus tha mise a' smaoineachadh, well, can bho chionn deich bliadhna tha aon duine sònraichte ann an Èirinn a tha uabhasach math air. Agus tha, bha 'd ag ràdh nach deach, bho dh'ionnsaich e a cheàird, nach deach e a-riamh ceàrr a' dèanamh cìoch. Gu robh i a' ruith dìreach.

Iain: Seadh.

Iain M: Nise, an dàrna rud, 's e sin na spògan. Bha 'd sin air an dèanamh le darach agus bha 'd a' cumail a' fiodh sin a-staigh ann a' stòr airson ceithir bliadhna, gus am biodh e faidhear ann an cruth sònraichte.

Iain: Air tiormachadh, 's mar sin?

Iain M: Bha i furasta a h-obrachadh bho thiormaicheadh i bhon bha dà cheann. Bha aon ceann dhith 's bha e an ìre mhath square ach bha i fhèin, bha i air a dealbh, bha i a' dol caol as a' mheadhan is cha robh ach rud beag sprod air a' cheann eile aice a bha a' dol dhan chearcall. Agus feumas e bhith gu robh i furasta a h-obrachadh nuair a dheigheadh a fàgail an ùine sin.

Iain: Fiodh cruaidh a-rithist as an darach?

Iain M: Fiodh cruaidh a-rithist, 's e. Nise, as a' chearcall, 's e felloes a th' aca, agus bha sin air a dhèanamh dhe ash, uinnseann. Agus, a-rithist mar a bha sinn a' bruidhinn air, bha i furasta a lùbadh agus bha i làidir air dòigh, ach bha i furasta a snìomh agus bha i righinn.

Agus bha dà spòg a' dol dhan a h-uile felloe as na seann làithean. Chan eil fhios agam dè mar a tha iad an-diugh, a bheil barrachd air a' siud ann. Ach 's e siud...

Iain: O tha mi a' smaoineachadh gur e sin am pàtran.

Iain M: Siud an t-slat-tomhais, dà tholl, dà spòg a' dol dhan a h-uile cearcall, pìos cearcall.

Iain: Ach tha mi a' faicinn ann a' shin gu bheil tha, trì pàirtean sònraichte dhan a' roth no dhan a' chuibhle agus trì fiodhan eadar-dhealaichte air a chleachdadh.

Iain M: Tha, ann a' shin. Tha mi a' smaoineachadh, an fheadhainn a bha gan dèanamh, gu robh iad faisg air coilltean anns an robh na fiodhan sin a' fàs. Bhon, as na seann làithean, cha robh rian aca falbh glè fhada airson an cruinneachadh agus tha mi a' smaoineachadh, bha a' chuid as motha dhe na rudan seo air a bheil sinn a' bruidhinn, bha na h-aitreabhan as an robh iad air an dèanamh, bha iad a-staigh as na coilltean.

Iain: Bha.

Iain M: Gu h-àraidh a' dèanamh basgaidean is rudan dhen t-seòrsa sin. Bha 'd faisg air an àite. Cha robh iad am broinn baile na càil dhen t-seòrsa sin. Ach bhiodh iad ri taobh na coille.

Iain: Agus bha an taghadh aca.

Iain M: Bha an taghadh aca, bha. Bhiodh iad a' watchaigeadh na craobhan a' fàs, tha mi a' creidsinn.

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.