Help / Taic

Facal Oirbh, BBC Radio nan Gàidheal, 11 Lùnastal 2009

Mòine

Poll mhònach

Thàinig am fiosrachadh a leanas às an Eilean Sgitheanach.

Sgaoilteach

Seo àite freagarrach tioram far a sgaoileadh tu a' mhòine a bha thu air a bhuain.

Gàrradh

Bhiodh tu a' togail gàrradh air dhòigh 's gu rachadh a' ghaoth tron mhòine 's gun tiormaicheadh i na b' fheàrr. Bhiodh tu a' sìneadh nam fàdan sìos air an talamh, a' fàgail 's dòcha còig òirlich no beagan a bharrachd eatorra, agus chuireadh tu an ath fheadhainn air am mullach dìreach mar gum biodh tu a' togail gàrradh.

Cas bheag

Dh'fheumadh a' mhòine a bhith tioram airson a cuir na seasamh airson rùdhain a dhèanamh, ach, mur a robh i tioram gu leòr, dhèanadh tu cas bheag. Bha thu a' cur fàd air a h-oir agus bha thu a' cur dà fhàd eile sìos bhuaipe, bhon mhullach chun an talamh, trì fàdan uile gu lèir. Bhiodh e an uairsin na b'fhasa dhan a' mhòine sin tiormachadh.

Bonaid

Uaireannan chuireadh iad fàd air uachdair cas bheag agus 's e bonaid a bhiodh aca air an fhàd sin.

A' cruachadh na mònach

Seo a chante ri bhith a' togail na cruaiche aig an taigh.

Rùdhan

Airson rùdhan a dhèanamh, bha thu a' cur dà fhàd an tacsa a chèile le mullach an dà fhàd a' coinneachadh a chèile agus iad a-mach aig a' bhonn. Chuireadh tu dà fhàd eile an taobh thall dhiubh as an aon dòigh, 's chuireadh tu aon fhàd air a' mhullach. Bhiodh e coltach ri sorchan.

Rudhan

Tìnean / Sìnean

Cha b'e cruach a bha seo idir ach ceithir no còig rùdhain air an toirt còmhla. Cha robh gnìomhadh sam bith orra, ao-coltach ri cruach.

Barrag

Seo mòine a dh'fhaodas tu tòiseachadh a' togail chionns gu bheil i air tomhais de thiormachadh a dhèanamh. Chi thu an tiormachadh sin mar rùsg cha mhòr air taobh a-muigh nam fàdan.

Tòradh

Sin a chante ri deannan de rùdhain còmhla, 's dòcha dusan na barrachd dhiubh.

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.