Help / Taic

Facal Oirbh, BBC Radio nan Gàidheal, 11 Lùnastal 2009

A' spealadh

A' spealadh

Mun àm seo den bhliadhna bha am feur ri spealadh. Tha e coltach far an robh duine math air spealadh, le deagh speal, air a deagh sheatadh, gun dèanadh e leth acair ann a' latha. Tha Lachaidh MacIllÌosa, Stafainn, an t-Eilean Sgitheanach, eòlach air an obair.

Lachaidh: Tha feur-cuir, nuair a bhios tu ga spealadh, bhiodh iad an còmhnaidh ga roiligeadh le roilear. Tha sin a' cur fodha na clachan beaga as an talamh. An dèidh dhaibh a chuir, 's a chliathadh, bhiodh clachan beaga is tolmanan beaga de thalamh air a' bhàrr, ach bhiodh iad ga roiligeadh. 'S bhiodh sin a' cur fodha nan clachan as an talamh.

Dh'fhàgadh sin e nuair a bhiodh tu a' spealadh an fheur-chuir gur robh e còmhnard, rèidh, 's cha robh uiread de chlachan ann. Bhiodh cuid a' ruith air an talamh is a' togail nan clachan beaga bha sin 's a' dèanamh torran dhiubh ann a' shiud 's ann a' sheo air feadh an croite.

Ach, mu dheireadh, 's ann ga roiligeadh a bhiodh iad 's bhiodh iad a' dol sìos as an talamh 's bha sin a' sàbhaladh dhut a bhith a' cur faobhar na bu tric air.

A-niste, tha, nam biodh tu a' spealadh, tha thu a' tòiseachadh 's tha thu a' toirt beum leat mar sin.

'S a h-uile beum a tha thu a' toirt, tha thu a' gluasad dòcha a' chas cheart an toiseach mu shia òirlich. 'S tha thu an uairsin a' toirt an tèile air adhart leis an ath bheum, 's tha thu a' gluasad tè…

Flòraidh: O tha mi a' tuigsinn. Dìreach a' coiseachd air adhart mar tha thu ga dhèanamh.

Lachaidh: Aidh. Well, chan eil thu a' coiseachd idir. Tha thu dìreach a' dol air adhart mu leth fad do bhròige, mar siud.

A-niste, duine a tha math air spealadh is eile, tha e a' gluasad mar sin, air a shocair air adhart, as a h-uile beum a tha e a' toirt. Agus chì thu, nuair a spealas tu iomaire, tha an t-sràc air a' làimh cheàrr agad 's tha meadhan far an d' thug thu, gheàrr thu a' feur, chì thu…

Flòraidh: O làrach...

Lachaidh: Làrach do bhròige far an do ghluais thu air adhart. Tha e mar gum biodh loidhne as an talamh, mar sin, gus an ruig thu an ceann. Tha thu an uairsin a' tilleadh suas chun an taobh eile gu far na thoisich thu, 's a' dol sìos a-rithist 's mar sin, sràc, sràc as dèidh sràc agad.

A-niste, a thaobh spealadh an fheòir, nuair a bhiodh iad ga spealadh bhiodh iad an còmhnaidh, bu thoigh leotha...

Flòraidh: Ga thogail?

Lachaidh: Na seann bhodaich, bu thoigh leotha a thogail mar siud airson gun tilgeadh iad a thòn os a chionn, mar a chanas iad.

Flòraidh: Airson 's gun tiormaicheadh e, an e?

Lachaidh: Well, bha, bha e buailteach air tiormachadh. Ach nuair a bhiodh tu a' spealadh an arbhair, chan ann mar sin a bhiodh tu ris idir. Dh'fheumadh tu an t-arbhar a spealadh cho cùramach, seòrsa de thogail bheag a thoir air, mar siud, gu laigheadh na diasan an aon rathad.

Flòraidh: Tha mi a' tuigsinn.

Lachaidh: A-niste, bha uairean nam biodh tu a' spealadh an arbhair, bhiodh tu a' spealadh an arbhair, 's dòcha gum biodh an t-arbhar a' tighinn na do choinneamh a rèir 's ciamar a bhiodh a' ghaoth.

Dh'fhaodadh an t-arbhar a bhith na laighe mar siud leis an uisge 's leis na gaothan ach dh'fhaodadh an uairsin, gu faodadh e bhith, a' latha a bhiodh tu spealadh, gum biodh a' ghaoth a' dol an aghaidh a' rathad a bha e a' laighe.

A-niste, bha feadhainn, bhiodh iad a' cur, tha, bann air a' speal, mar gum biodh seòrsa de chearcall, 's nuair a bha iad a' spealadh, bha e mun àrd sin on talamh agus bìdeag bheag air thoiseach air a' speal.

Flòraidh: Dìreach mu throigh, an e?

Lachaidh: Mu throigh. Bha e a' cumail an arbhair bhuat airson nach tuiteadh e a-nall, 's bha e na b' fhasa a thogail, sguaban a dhèanamh dheth.

Flòraidh: Seadh. Well, tha fhios gur e obair gu math trom a bh' ann, ma tha?

Lachaidh: 'S e. Obair gu math trom a bh' ann agus nuair a thòisicheadh tu air toiseach àm a' spealaidh ann a' shin, bhiodh d'asnaichean gu math gort ach, latha na dha às dèidh sin, bha thu a' fàs eòlach air agus bha thu a' faighinn suas ris. Bha thu a' faighinn suas ris.

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.