Help / Taic

Facal Oirbh, BBC Radio nan Gàidheal, 11 Lùnastal 2009

A' deasachadh airson spealadh

A' geurachadh speal

Mun àm seo den bhliadhna bha am feur ri spealadh. Tha e coltach far an robh duine math air spealadh, le deagh speal, air a deagh sheatadh, gun dèanadh e leth acair ann a' latha. Tha Lachaidh MacIllÌosa, Stafainn, an t-Eilean Sgitheanach, eòlach air an obair.

Lachaidh: Tha dhà no trì sheòrsaichean spealan ann. Seo agad tè ris an can iad an t-Ameireaganach. Chan eil innte ach an aon, an aon phìos mar gun canadh tu.

Seo agad tè ris an can iad an t-Obar Dheathaineach, as a' Bheurla an Aberdeen Slasher.

'S bha speal eile ann ris an canadh iad speal ghòbhlach. Bha an dà làmh faisg air a chèile sìos mar sin. Niste, 's e an tè seo a b'fheàrr leam fhìn a bhith ag obair leatha, an t-Obar Dheathaineach.

A-niste, tha mar a chì thu, tha speal air a dèanamh suas air iomadach pàirt.

Flòraidh: Cia mheud pìos a th' againn ann a' shin?

Lachaidh: Well, tha an t-iarann agad.

Flòraidh: Tha.

Lachaidh: Tha an t-iarann agad. Tha an uairsin, seo agad a' rud ris an can iad an t-snàthad.

Flòraidh: Uèir?

Lachaidh: Well, 's e uèir a th' agamsa ann, ach gheibh thu feadhainn rin ceannachd, feadhainn Ghallda rin ceannachd, ach 's e an t-snàthad a th' aca air a' sin. Tha an uairsin am bann a tha seo aca a tha a' ceangal an iarann ris a' chrann.

'S a bharrachd air sin tha thu an uairsin a' cur geinnean a-staigh ann, airson a theannachadh, airson a chumail... aidh.

A-niste, tha an crann agad 's tha an t-iarann agad 's tha a' bhann agad. A-niste, seo agad an dòrn, rud ris an can iad an dòrn.

Flòraidh: A' làmh cheart a' dol air a' sin?

Lachaidh: A' làmh cheart a' dol air a' sin 's a' làmh cheàrr a' dol a' sin. 'S a-niste, aig an tè seo, tha a' làmh cheàrr nas aìrde agad, 's tha a' làmh cheart nas ìsle.

Flòraidh: Dè tha sin a' ciallachadh?

Lachaidh: Well, chan eil fhios agam, ach 's e seo an dòigh as fheàrr leamsa a bhith ag obair.

Flòraidh: Nise, tha mise nam sheasamh an droch àite an seo.

Lachaidh: Och chan eagal dhut. Cha toir mi dhiot na casan idir.

Niste, tha an t-Ameireaganach a-niste, seo i. 'S e an aon chumadh a th' oirre. Well chan e an aon chumadh a th' oirre ach 's e an aon dòigh as a bheil an t-iarann 's an t-snàthad. Tha diofar ceangal oirre a-niste.

Flòraidh: O well tha. Tha mar gum biodh sgriubhannan ann a' shin.

Lachaidh: Tha bolt a' dol tron cheann aice, 's tha e a' glasadh ceann an iarainn a-staigh, bheil thu a' faicinn?

Flòraidh: Tha mi a' faicinn sin.

Lachaidh: A-niste cha leig i sin a leas wedge na càil a chuir innte. Geinn mar a chanas sinn. A-niste, tha na dùirn, tha na dùirn air an aon làmh ann a' shin agad agus tha tòrr obair a-rithist ann a' seatadh na speal. Mur eil i air a seatadh ceart agad.

Flòraidh: Dè tha sibh a' ciallachadh le sin?

Lachaidh: O well, faodaidh an t-iarann aice a bhith ro theann air an talamh mar siud no faodaidh e a bhith ro àrd on talamh mar siud.

Flòraidh: Tha mi a' tuigsinn. A rèir 's ciamar a tha e a' dol a laighe air an fheur?

Lachaidh: Mar a tha e a' dol a laighe air an fheur, agus, a bharrachd air a' sin, faodaidh i bhith ro theann; an gob aig an iarann a bhith ro fhaisg ort, no faodaidh e bhith ro fhada bhuat.

Flòraidh: Seadh.

Lachaidh: Chan e an aon seat a th' aig a h-uile duine. Can 's dòcha a' seat a bhiodh agamsa air speal, 's dòcha nach freagradh e duine eile. Tha 'd a ràdh…

Flòraidh: 'S mar sin thig e thugaibh pèin?

Lachaidh: Thig. Tuigidh tu fhèin mur eil i air a seatadh ceart, tha e trom ort.

Flòraidh: 'S an gabh i seatadh?

Lachaidh: O gabhaidh. Gabhaidh i seatadh gu do mhiann, ach chan e a h-uile duine a nì e. Bha feadhainn as an àite is bha iad sònraichte math air sin a dhèanamh. Chanadh iad riumsa nuair a chuireadh tu a' speal a-mach bhuat mar sin, 's do chas a chuir an uairsin a-mach mar siud, a' chas cheàrr.

Flòraidh: Aig gob an iarainn?

Lachaidh: Gu robh coir agad crudha do bhròige a chuir air gob an iarainn. A-niste, mar a tha fhios agad fhèin, tha diofar fhad ann an casan dhaoine, daoine mòra is daoine beaga ann.

A-niste, ma thèid agadsa air do chas cheàrr, a' speal a chuir bhuat mar gum biodh tu dìreach a' dol a spealadh, 's gun cuireadh tu do chas sìnte bhuat air gob an iarainn, sin agad air a' seat agadsa.

Rud eile a tha mi a' dol a dh'innse, an t-ainm a bhiodh aca air an iarann, am brand name mar a chanadh iad, 's e Tyzack a bhiodh ann an còmhnaidh.

Sin an t-ainm a b'fheàrr leotha a bhith air, oir bha e math airson faobhar a chumail. Ma bha an t-iarann ro bhog cha ghleidheadh e a' faobhar idir. Dh'fheumadh tu a bhith a' cur faobhar tric air.

Flòraidh: 'S tha sin trom air duine cuideachd…

Lachaidh: Och tha, tha. Och, tha e trom dha rìribh air. A-niste nuair a tha thu a' cur faobhar air iarann spealaidh ann a' shin, tha an còmhnaidh dà chlach agad, clach mhìn agus clach gharbh.

Flòraidh: Seadh.

Lachaidh: Well, a' chlach a tha seo agamsa an-dràsta, 's e a' chlach gharbh a th'ann. Canamaid clach-iarainn rithe. A-niste bha a' chlach mhìn, 's e a' chlach, 's e goireal a th' innte.

Flòraidh: Agus sin clach-speal?

Lachaidh: Sin clach-speal. Sin agad i. Agus seo agad thu a' dol a gheurachadh na speal.

Flòraidh: Dè cho tric 's a dh'fheumadh duine sin a dhèanamh, can nam biodh sibh ag obair air spealadh fad an latha?

Lachaidh: Och, dh'fheumadh aig, tha e an crochadh air dè seòrsa talamh air a bheil thu a' spealadh. Ma tha e buailteach air clachagan beaga a bhith ann, feumaidh tu a bhith a' cur faobhar oirre nas trice.

Flòraidh: O seadh.

Lachaidh: A-niste ma tha an talamh rèidh, glan, 's dòcha gun dèan thu trì no dà shràc mus leig thu a leas faobhar a chuir oirre. Ach, mar is geura a chumas tu i, 's e as fhearr dhut fhèin. Is 's e as aotrom ort.

A- niste seo agad mi a' geurachadh na speal.

Flòraidh: O, gach taobh? Is dè an ùine a bheir sin?

Lachaidh: O cha toir e uabhasach fada. Ma tha speal agadsa ann an trim mhath, mar is coir i bhith, cha toir e mach air dòcha nas lugha na mionaid air faobhar a chuir oirre.

Flòraidh: Well, chan e ùine mhòr a tha sin ma tha.

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.