Help / Taic

Facal Oirbh, BBC Radio nan Gàidheal, 04 Lùnastal 2009

Crodh

An torranach

An torranach

Bha an toll a dhèanadh an torranach cho grinn agus gun canadh tu gur e toll le torra a bh' ann, sin toll a chaidh a dhèanamh le torra.

Tha eisimpleir eile den fhacal nì, a' ciallachadh crodh, ri lorg anns an òran a tha a' tòiseachadh:

Am bruadar ud a chunna mi,
Chan urrainn g' eil e fìor.
Do chomann gaoil cha dhìochuimhnich mi
Airson òr no nì.
Ma rinn an snaim ud sgaoileadh ort,
Dhan t-saoghal tha mi sgìth.
O 's daor, gu daor a cheannaich mi
'S i cailin an fhuilt mhìn.

Seanfhacail agus Abairtean

Iuchair bruthainneach blàth, bheir e fàs is toradh

A dh'aindeoin agus nach robh An Iuthar a' còrdadh ri daoine, bha tòrr fàis agus toradh na chois.

Aghaidh a bhuinn a chuir air a' bhathais

Ma bha rudeigin agad ri dhèanamh 's tu a' faireachdainn rudeigin leisg mu dheidhinn ach fhios agad gu feumadh tu a dhèanamh, chanadh tu "Is fheàrr dhomh aghaidh a bhuinn a chur air a' bhathais".

Tha an dà chrann air do bhois

Chante seo nam biodh tu ann a' suidheachadh àraidh agus roghainn agad dè a bha thu a' dol a dhèanamh. Chante riut "Tha an dà chrann air do bhois," a' ciallachadh gu feumadh tu d' inntinn fhèin a dhèanamh suas oir bha an roghainn agad.

Bho Nan NicLeòid, An Rubha, Leòdhas

Na mol duine cus mus tig ort a chàineadh

Air cho math is a tha duine, 's beag a tha dh'fhios agad dè a dh'fhaodadh tachairt a bheireadh ort a chàineadh. Tha an seanfhacal seo coltach ri fear eile - "Na mol an latha math gu feasgar".

Bho D.R. Moireasdan, Scalpaigh

An nì nach gabh nighe, cha ghabh e fàsgadh

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.