Help / Taic

Facal Oirbh, BBC Radio nan Gàidheal, 04 Lùnastal 2009

Bainne

Deasgainn

Ann an Uibhist a Tuath chante deasgainn ri bainne binid a bhathas a' cumail ann a' stamag laoigh. Bha Dòmhnall Eàirdsidh Dòmhnallach ag ràdh gur e an deasgainn a chante ris a' phàirt sin de mhionach a' laoigh as am bite ga chuir agus gur ann à sin a thàinig an t-ainm seo airson rennet.

Dòmhnall Eàirdsidh Dòmhnallach

Slaman

Bha e ag ràdh gum biodh iad a' cur an deasgainn seo dhan a' bhainne agus gum biodh am bainne an uairsin a' tionndadh agus gur e slaman a bhiodh agad an uairsin.

Bhite ag ithe an t-slamain, mar a thuirt Dòmhnall Eàirdsidh, "dìreach mar gum b' e milk pudding a bh' ann," le uachdar no bàrr na chois.

Pinnteachadh

Bha Dòmhnall Eàirdsidh cuideachd ag ràdh gur e pinnteachadh a chanadh iad ri obair a' ghruth 's a' chaise, agus gur iongantach mur e an aon fhreumh a bha aig pinnteachadh agus binid.

Meug

Bhathas tric a' toirt meug dha na cearcan ri òl agus a rèir coltais, an Uibhist a Tuath co-dhiù, bha iad fìor mhiannach air.

Gruth

Miosar / Meadar / Miodar

B' e seo ainmean airson soitheach beag, coltach ri baraille beag. 'S e cùbairean a bhiodh gan dèanamh agus tric sin a' soitheach mu am biodh iad a' cur imideal.

Cuman

Bha an cuman coltach ri peile beag fiodh.

Buidhean / buidheag

Bha buidhean no buidheag na bu mhotha na cuman ach air a dhèanamh de chraiceann caorach air a thiormachadh. Bhiodh dà làmh air, air an dèanamh le bhith a' gearradh tuill ann, ann an dà àite, anns an cuireadh tu do làmhan, fear air gach taobh.

Bhiodh na banchagan, nuair a bhiodh iad a' tighinn dhachaigh bho bhith a' bleoghann air an àirigh, no an àite air falbh bhon dachaigh, a' ceangal a' bhuidhean no a' bhuidheag air an druim leis a' bhuaraich agus, aig an aon àm 's a bhiodh iad a' coiseachd dhachaigh, bhiodh iad ag obair le cuigeal.

Fios bho Dhòmhnall Eàirdsidh Dòmhnallach, Uibhist a Tuath

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.