Help / Taic

Facal Oirbh, BBC Radio nan Gàidheal, 04 Lùnastal 2009

Mòine

Rudhan is smùrach

Aiseag na mònach

Nuair a bha na làraidhean beaga ann, dh'fheumadh daoine a' mhòine a chuir chun a' rathaid le baraichean no le clèibh no le pocannan. Chante aiseag na mònach ris an obair sin.

A' toirt dhachaigh na mònach

Aon uair is gu robh a' mhòine aig an rathad bhite ga toirt dhachaigh le làraidhean, agus bha còmhstri cha mhòr ann a thaobh cò a b'fheàrr a stèidheadh làraidh. Bhiodh a' mhòine air a togail an-àirde anns a' làraidh, cho biorach uaireannan is gur e aon fhàd mu dheireadh a dheigheadh dhan mhullach.

Ged a bha na rathaidean gu math corrach 's ann ainneamh a chailleadh iad fàd air an t-slighe dhachaigh agus b' e nàire mhòr a bh' ann nan dòrtadh i.

Bhathas an-còmhnaidh a' fàgail cruach bheag de mhòine a-muigh air a' mhòintich agus, uaireannan, bhiodh bara air fhàgail am broinn a' chruach sin. Bha seo gus am biodh mòine aca leis an dèanadh iad teine an ath bhliadhna nuair a thigeadh àm a dhol a rùsgadh 's a' bhuain a-rithist.

Bara air tom

Isean cruaich

Nam biodh mòine an còrr agad an dèidh a' chruach a dhèanamh, dh'fheumadh tu cruach bheag eile a dhèanamh. B' e seo an t-isean. Dheigheadh a' mhòine a bh' anns an isean a chleachdadh mus briseadh tu a-steach dhan chruaich.

Smùrach

Bha Lachlainn MacIllÌosa, Stafainn, ag innse gum biodh iadsan a' cruinneachadh smùrach a bha nas lugha na caoran, agus ga chuir air mullach na cruaiche nuair a bha iad deiseil ga stèidheadh. Bha an smùrach sin a' cumail a-mach na gaoithe agus an uisge.

Còrr na mònach

B' e latha mòr a bh' anns an latha a bhathas a' toirt dhachaigh na mònach. Bhiodh biadh mòr ga dheasachadh airson an sgioba a bha ris an obair agus gheibheadh a' chlann am biadh a bhiodh air fhàgail an dèidh do na h-inbhich ithe. B' e còrr na mònach a chante ris a seo agus bhiodh a' chlann a' falbh bho thaigh gu taigh ga fheitheimh.

Stiùireadh a’ BhBC

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.