Help / Taic

Facal Oirbh, BBC Radio nan Gàidheal, 04 Lùnastal 2009

Eòin

A' chuthag

"Bidh mi a' tadhal gu math tric air teaghlach Mhic Aonghais ann an Ach Luachrach, faisg air An Drochaid Ruaidh. Tha dà phiuthar agus bha aon bhràthair ann, iad uile gu math sean, 's gu mì-fhortanach chaochail Donnchadh, am bràthair, bho chionn ghoirid.

Co-dhiù, 's e Beurla a bhios iad a' bruidhinn, ged a rugadh agus a thogadh iad ann an taigh a bha làn de Ghàidhlig, agus tha cuimhne aca fhathast air seann chleachdaidhean agus fhaclan.

Cuthag

Bha mi a' bruidhinn ri Seasaidh, an tè is sine, bho chionn ghoirid mu dheidhinn na cuthaige agus dh'innis i dhomh rud na dhà a bha dìreach annasach.

Tha cuimhne aig Seasaidh air a seanmhair a bha a' seachnadh droch shealbh anns an dòigh seo. Bha i a' cumail pìos de dh'aran-coirce fo chluasaig air eagal 's gum bhiodh i a' cluinntinn guth na cuthaige, gu h-àraidh airson a' chiad turas, anns a' mhadainn mur b' urrainn dhith rud ithe.

A bharrachd air a sin nan cluinneadh tu aon ghairm a-mhàin bhon chuthaig, bhiodh sin a' ciallachadh nach maireadh tu ach aon bhliadhna na b'fhaide. Mar sin, 's e eun gu math lèirsinneach, cunnartach a bh' anns a' chuthaig.

A rèir choltais bha na creideamhan no saobh-chreideamhan sin gu math cumanta agus sgapte air feadh Loch Abar aig an àm.

Tha cuimhne aig Seasaidh air càirdean a bha a' fuireach ann an Gleann Ruadh agus nan òige bha iad a' dèanamh cleas air an seanmhair anns an dòigh a leanas.

'S ann falaichte a bha iad ann an craobh faisg air taigh an seanmhair agus ghairm iad a-mach aon turas ann an dòigh glè choltach ris a' chuthaig fhèin. Chaidh a seanmhair a chuir à cochall a cridhe le eagal agus leum i a-mach às an taigh airson a' chlann a chronachadh.

Tha fios agam gur ann gu math neònach a tha na pìosan fiosrachaidh a tha seo ach sin mar a fhuair mise iad.

Litir bho Dànaidh Rafferty, Dùn Èideann

An Iuthar

Bha An Iuthar ann airson sia seachdainean, na trì seachdainean mu dheireadh dhen Iuchair agus a' chiad trì seachdainean dhen Lùnastal. Mar bu trice bhathas ga chunntadh a' tòiseachadh air Dihaoine agus a' crìochnachadh air Dimàirt.

B' e àm dhuilich a bh' ann a thaobh biadh is eile a chumail anns an t-sìde bhog, bhlàth, throm, chuileagach seo.

Bha e air leth duilich sailleadh iasg no feòil ach gu h-àraidh iasg aig an àm seo. Bhite ag ràdh gum bu chòir dhut iasg a bha thu a' dol a shailleadh airson a' gheamhraidh fhàgail gun a shailleadh gus an biodh An Iuthar seachad.

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.