Help / Taic

Facal Oirbh, BBC Radio nan Gàidheal, 28 Iuchar 2009

Croitearachd

Constabal

Dh'innis Fionnlagh gu robh e cumanta barrachd air aon chonstabal a bhith ann am baile, cuid air an taghadh leis an t-sluagh agus cuid air an taghadh leis an uachdaran, a rèir cunntas a chaidh a thoirt dha Commission Napier (1883-84). Dh'fhaodadh dà chonstabal a bhith ann am baile agus lean an t-ainm nuair a chaidh comataidhean baile a chuir air chois. Canar constabal ann an cuid a dh'àiteachan ri ball dhen chomataidh sin air a bheil clàrc cuideachd.

Croitean

As dèidh Achd na Croitearachd bha Iain a' smaoineachadh gu robh an constabal air a thaghadh leis a' bhaile agus bha e a' gabhail os làimh na gnothaichean a tha clàrc a' bhaile a' gabhail os làimh an-diugh.

Maor-fearainn

Bha Tormod MacLeòid, an t-Òb, Na Hearadh, ag ràdh gur e maor-fearainn a bh' aca air constabal, mas e an aon rud a bh' ann, agus gur e gille-mirein a' bhàillidh a bh' ann, agus gur e am bàillidh gille-mirein an uachdarain. Cha ghabhadh e bhith gur e daoine an àite fhèin a bha gan taghadh chionns gu robh iad cho fìor dhona, a' dèanamh mar a thuirt e "an obair shalach gu lèir."

Fàd-seilbh

Nuair a bhite a' reic fearann bhiodh an duine a bha reic a' toirt pìos talamh, ploc no ceap, dhan an duine a bha a' ceannachd, a' daingneachadh mar gum biodh, gu robh e a' ceannachd an fhearainn agus gur ann leis a bha e a-nis. B' e am ploc no an ceap seo am fàd-seilbh.

Eich is cairtean

Rothan cairt

Thàinig fios às Na Hearadh gur e darach a bhite a' cleachdadh airson a' rèim, leamhan airson na spògan, ach gur e feàrna a bhite a' cleachdadh airson a' chìoch. B' e an t-adhbhar airson sin gu robh an darach cho trom air a bhith a' sgoltadh ach nach robh a' feàrna. Bha e math agus cruaidh agus sheasadh e obair gu leòr. Cleachdadh a thàinig às an t-Srath Ghlais a bha seo.

An dà shealladh aig eich?

Bhite a' cur as leth nan each gum biodh iad a' faicinn rudan 's gu robh an dà shealladh aca tòrr na bu làidire na bha aig an duine. Saoil an e sin bu choireach nach robh iad ag iarraidh ìomhaigh an eich am broinn an taighe?

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.