Help / Taic

Facal Oirbh, BBC Radio nan Gàidheal, 21 Iuchar 2009

Crodh

A' bleoghainn

Bha daoine mothachail air cho umhaileach sa dh'fhaodadh crodh a bhith. Mar bu trice gheibheadh an duine ris an robh a' bhò cleachdte am bainne gu fialaidh bhuaipe. Ach nan deigheadh duine as ùr thuice, dh'fhaodadh i a bhith umhaileach agus an uairsin cha bhiodh i airson am bainne a leagail.

Bhiodh na banchaigean tric a' seinn nuair a bhiodh iad a' bleoghainn airson an crodh a shocrachadh. Bhiodh an neach a bha a' dol a bhleoghainn cuideachd a' bruidhinn ris a' chrodh, ag ràdh an ainm, ga slìobadh, gan clapan agus gan cnèadachadh.

Crodh dubh

Anns a' chumantas, tha e coltach gur ann gu taobh deas na bà, a' sealltainn rithe bho deireadh, a dheigheadh an duine a bha a' dol ga bleoghainn agus thòisicheadh e no i leis an t-sine toisich air an taobh dheas. Bhiodh daoine glè thric a' bleoghainn leis an dà làimh.

Crodh dubh

Bha e air a ràdh mun chrodh dubh gu robh iad nàimhdeil dha chèile agus cuideachd gu robh iad doirbh am bleoghainn. Cha b' e nach leagadh iad am bainne, ach gu robh an cladhan a bha anns an t-sine tòrr nas caoile na bha e ann an crodh eile.

Na Padaidhean

An dèidh an crodh dubh thàinig crodh Ayrshire agus 's e na Padaidhean a bha aig cuid orra. Bha an aon bhuachailleachd a dhìth orra oir bha iad mòran na bu mhotha agus na bu thruime na an crodh dubh, agus le sin bha iad buailteach a dhol am bogadh ann an àitichean tais.

Muidhe / Crannag / Crannachan

'S e muidhe a chanadh muinntir nan Loch, Leòdhas ri biota no cuinneag. Chante crannag no crannachan ris ann an àitichean eile.

Buntàta

Buntàta Champions

Bha Coinneach Dòmhnallach, Ceann a' Bhàigh, Steòrnabhagh, a' moladh buntàta air an robh Champions. Bha e ag ràdh gu robh iad cruinn, geal, le blas sònraichte orra agus le sùilean domhainn air gach taobh dhiubh, agus dh'fhàsadh iad math ann an talamh gainmhich. Chaidh iad far na margaidh chionns nach ceannaicheadh na cailleachan iad as a' bhùth, oir bha iad doirbh an rùsgadh le na bh' annta de shùilean.

An torranach

Bha Dòmhnall Eàirdsidh Dòmhnallach às an Òban ag innse mu bheathach beag glas a lorgadh tu uaireannan ann an tuill ann am buntàta ùr. Bha e ag ràdh gu robh na bodaich a' dèanamh dheth nach b' e am beathach beag seo a bha a' dèanamh nan toll idir, ach gur ann a bha e a' gabhail fasgadh ann an toll a bha beathach eile air a dhèanamh. Chanadh na bodaich nuair a thogadh iad buntàta as am faiceadh iad na tuill sin "Tha an torranach againn!"

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.