Help / Taic

Facal Oirbh, BBC Radio nan Gàidheal, 14 Iuchar 2009

Crodh agus tolladh

A' chiad chrodh a bha anns na h-eileanan, b' e crodh beag dubh a bh' annta agus tha e coltach gu robh iad rudeigin nàimhdeil. Ach bha iad cho luachmhor is gu feumte an cumail bho chèile mus tolladh an darna tè an tèile. Nuair a tha duine a' smaoineachadh air tolladh san t-suidheachadh seo, tha e buailteach a bhith a' smaoineachadh air adharc a' dol a-steach tro seiche na bà, ach cha b' e sin a bh' ann idir.

Bha an t-seiche aig mart gu math làidir agus 's e bha buailteach tachairt nach biodh toll as an t-seiche idir ach gum biodh toll agus briseadh air an taobh a-staigh, rud a dh'fhaodadh a bhith cunnartach a thaobh slàinte a' bheathaich.

Bho Mhòr Nicleòid, Bru, Leòdhas

A' Cheàrdach

Bha Coinneach Dòmhnallach, Ceann a' Bhàigh, Steòrnabhagh ag innse gur e an t-àm bu chunnartaich dhan ghobha nuair a bha e a' cruidheadh, an t-àm nuair a bha na tarraigean air an cur tron bhròig ach iad gun a bhith air am bristeadh dhith agus cas an eich an-àirde air sliasaid a' ghobha airson sin a dhèanamh. Na feuchadh an t-each a chas a thoirt air falbh, bha cunnart ann gu sracadh e craiceann sliasaid a' ghobha

Inneach / Ineach

An cuid a dh'àiteachan canar inneach ris an ola a gheibhear ann an clòimh. Tha e a' coimhead coltach ri fallas ruadh. Canar cuideachd "an dlùth san inneach" nuair a thathas a' bruidhinn air mar a tha clò no aodach air fhighe.

Tha ineach a' ciallachadh an aon rud ri ealag.

Stiùireadh a’ BhBC

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.