Help / Taic

Facal Oirbh, BBC Radio nan Gàidheal, 14 Iuchar 2009

A' dèanamh gruth

Slige a' chreachain

Seo mar a dh'innis Mòr NicLeòid, Brù, Leòdhas do dh'Iain MacIlleathain mar a dhèanadh i gruth.

Mòr: Bhathas a' cleachdadh trì miasan airson am bainne a shuidheachadh, bhon 's ann air an tritheamh tràth a bhathas a' togail an uachdair far a' bhainne. Mar sin, bha trì miasan gan cleachdadh còmhla.

Agus, mar bu trice, 's ann le slige a' chreachain a bhite a' togail an uachdair.

Nise, mar a tha fios agaibh tha dà shlige air a' chreachan agus an tè dhomhain 's e sin an t-slige. An tè staoin, 's e sin a' sgeilltear.

Iain: 'S e, siuthadaibh.

Mòr: Nise, bha feum as gach slige. Bha an tè dhomhain, an t-slige, bhathas a' gleidheadh na tè sin airson a bhith a' togail an uachdair far na mèis bhainne.

Agus nuair nach robh daoine cho cothromach 's a tha iad an diugh, 's teaghlaichean mòra ann, clann òga a' briseadh soithichean 's cha robh airgead ann a cheannaicheadh soithichean eile, bhathas a' cleachdadh a' sgeilltear mar thruinnsear.

Iain: Seadh, seadh.

Mòr: Dheigheadh iasg a chuir air, sgadan a chuir air, na rud sam bith, am biadh a bhathas a' gabhail. Bhathas a' cleachdadh na sgeilltearan sin mar thruinnsearan 's gan nighe mar thruinnsearan agus, well, cha robh iad cho furasta am briseadh ri truinnsear.

Iain: Tha, cha bhriseadh iad.

Mòr: Cha bhriseadh iad. Tha sinn a-nise air a thighinn gu ìre gun thog sinn an t-uachdar far an t-soithich, far na mèis, agus tha sinn air ar fàgail le bainne tiugh as a' mhèis agus dheigheadh am bainne tiugh sin a chuir ann am prais ri taobh an teine a-rithist.

Chan fhaodadh i bhith ro fhaisg dhan an teine. Cha b' uilear leamsa ged a bhiodh i cho fada bhon an teine 's gun toireadh i trì no ceithir a dh'uairean a thìde mas deigheadh am bainne tiugh sin na ghruth air chor 's gum biodh e furasta a làimhseachadh.

Nan deigheadh a dhèanamh ro aithghearr bha e a' fàs righinn, mì-chàilear agus cha bhiodh e na ghruth ceart.

Iain: 'S e rèiste a dhèanamh gu math dòigheil, gu math slaodach.

Mòr: Slaodach, air falbh bho teas mòr.

Iain: Prais sam bith.

Mòr: Seadh, bhathas an uairsin ga shìoladh an dàrna cuid tro shìoltachan airson gu falbhadh am meug às, no tro anart, no tro fiodhan.

B' e sin soitheach a bha air a dhèanamh le fiodh, tuill as a' bhonn aige 's tuill as na cliathaichean aige. Agus chuireadh iad an gruth ann a' sin bhos cionn soitheach a choireigin dha sileadh am meug.

Iain: Tha mi a' tuigs'.

Mòr: Agus bhiodh bòrd eile aca a dheigheadh air uachdar a' fiodhan a bha seo, ach bhiodh e rud beag na bu lugha as na cliathaichean 's as na cinn air chor 's gun deigheadh e sìos na bhroinn.

Agus chuireadh iad cuideam air a mhuin airson gum bruthadh e sìos am meug as a' ghruth.

Iain: Tha mi a' tuigs' a' rud. 'S bhiodh an gruth mar gum biodh air fhàsgadh, bhiodh am meug air fhàsgadh às.

Mòr: Às. Bha am meug a' tighinn a-mach tro na tuill.

Agus a-nise, b' e sin a' fiodhan. Ach bhiodh feadhainn eile a-nise a bhiodh a' dèanamh seòrsa de dh'fhuine air agus a' dèanamh mulachag dheth.

Iain: Bhiodh.

Mòr: Agus bhiodh feadhainn eile ann, nuair a bhiodh tòrr aca dheth, bhiodh iad ga chruadhachadh, ga chuir ann an anairt 's ga chrochadh agus bhiodh iad ga shlisneadh a-mach tron a' gheamhradh nuair a bhiodh gainne de rudan eile ann.

Sheasadh e mar sin air a thiormachadh as an dòigh sin.

Iain: Bhiodh, 's bhiodh cuid ga mheasgachadh an uairsin fhèin le bàrr no le uachdar.

Mòr: Well, 's ann a bha sibh ga mheasgachadh nuair a bha e ùr.

Iain: 'S ann.

Mòr: Nuair a bha e ùr, 's ann a bhathas ga mheasgachadh leis an uachdar.

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.