Help / Taic

Facal Oirbh, BBC Radio nan Gàidheal, 14 Iuchar 2009

Latha Luain

Gealach

Seo latha nach eil a' dol a thighinn gu bràth. Chanadh tu, "Cha tachair sin gu latha Luain!" a' ciallachadh nach tachradh e gu sìorraidh. 'S e an aon bhun a tha aige ri Diluain, latha air am bi a' ghealach a-mhàin a' toirt dhuinn solas, latha nach bi grian ann. Latha tha sinn an dòchas nach tig!

Lorgar e ann am bàrdachd agus òrain, mar eisimpleir, anns an òran a tha a' moladh Loch Ma Ruibhe:

Gu Là Luain bidh mi luaidh a mhaise
'N tìr mo ghràidh far am b' àill leam a bhith.

Agus anns an òran Cruinneag na Buaile:

Gur e mis' tha cho gòrach
Gaol cho mòr thoirt dhan ghruagaich.
'S mi cho cinnteach 's is beò mi
Nach fhaigh mi còir gu Là Luain oirr'.

Seanfhacail is Abairtean

Ged is olc ann is mios às

Seo a thuirt Iain ri Flòraidh agus i air tilleadh an dèidh bhith air falbh airson seachdain!

An-diugh Diciadain, 's thriall an t-seachdain

Ma tha Diciadain ann cha mhòr nach eil an t-seachdain seachad.

Is math an ealag a' chlach, gu ruigear i

Tha clach na deagh ealag gus am buail a' faobhar leis a bheil thu a' gearradh oirre.

Taigh gun iom-sgaoileadh, taigh gun mèirle

Taigh as nach eil sìon, cha tarraing e mèirlich.

Guth an fhir bhig aig an fhear mhòr

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.