Help / Taic

Facal Oirbh, BBC Radio nan Gàidheal, 07 Iuchar 2009

Obair a' chonstabail

Dòmhnall Eàirdsidh Dòmhnallach

Tha Iain, Dòmhnall Eàirdsidh Dòmhnallach agus Ruaraidh Dòmhnallach a' beachdachadh air obair a' chonstabail, duine a bha anabarrach cudthromach ann am baile.

Dòmhnall Eàirdsidh: Tha mi creidsinn gu faod mi tòiseachadh leis an t-seanfhacal, Iain, Obair nach do dh'òrdaich Dia, obair gun bhiadh, gun tuarastal.

Iain: Seadh.

Dòmhnall Eàirdsidh: Mar sin a bha obair a' chonstabal. Feumaidh nach robh i uabhasach taitneach co-dhiù oir bha h-uile duine riamh as a' bhaile a' feuchainn ri seachnadh. Chan eil fhios agam a-nist a' robh pàigheadh aige no nach robh, ach 's ann leis a' bhaile a bha e air a chuir air leth.

Bhiodh am baile cruinn is coinneamh aca is a' taghadh, is mar a chanas sinn a bhòtadh, airson duine. Cha bhiodh iad uabhasach rèidh uaireannan. Bhiodh duine ag iarraidh an duine seo, 's duine eile na aghaidh, ach, air a' cheann thall, bha duine air a chuir air leth agus chan eil fhios agam a-nis cia mheud bliadhna a bha aige ri dhèanamh, an e trì no còig no seachd.

Iain: Well, 's docha gun cuir sinn a' cheist tha sin ri Ruaraidh. An urrainn dhuibhse soilleireachadh sam bith a thoirt dhuinn air a' sin, a Ruaraidh?

Ruaraidh: Well, Iain, as a' chiad àite cha robh constabal air a shuidheachadh ach mur a b' urrainn dhan a' bhaile fhèin comataidh ionaltraidh a chuir air dòigh. Nam b' urrainn, cha bhiodh e ceart gum biodh constabal air a shuidheachadh idir.

Ach bha e as an achd mur a b' urrainn dhan a' bhaile comataidh ionaltraidh a thogail airson, chan eil fhios agam carson, bha aca ri constabal a thaghadh an uairsin.

Iain: Bha. Well, tha ceist a-nise a' togail nam inntinn fhìn ann a' sheo. Tha mi a' tuigs' a' phìos sin dheth ma bha e a fàilneachadh air baile, ach mar a tha mi a' tuigsinn bho Dhòmhnall Eàirdsidh, 's bho dhaoine eile ris na bhruidhinn mi, bhiodh na bailtean fhèin a' cur air chois aon dhuine a bhiodh a' dèanamh na h-obrach a bha sin.

Ruaraidh: Bha, bha sin ceart. Agus bha còir aige a bhith a' faighinn pàigheadh cuideachd bhon a' bhaile ach chan eil fhios agam dè cho tric 's a bha e a' faighinn pàigheadh aig deireadh gnothach.

Bha e cùramach air a h-uile sìon, gnothach, mu dheidhinn sùmachadh agus faicinn gu robh an sprèidh a' dol a-mach air a' mhonadh aig àm ceart mar còigeamh Cèitean no mar sin.

'S bha e cuideachd a' coimhead mu dheidhinn buain monadh, gu robh na sgrathan air an cuir air ais, 's gu robh iad a' buain a' mhonadh far an robh còir aca a bhith a' buain na monadh. 'S a' coimhead air a' sùmachadh cuideachd, nach robh barrachd sprèidh aca na bha còir a bhith aca a rèir a' sùmadh, sùmachadh.

Agus ma bha barrachd na sin aca, 's e an t-ainm a bha air sin bàrr-sùmachadh.

Iain: Seadh. 'S dè bha tachairt an uairsin?

Ruaraidh: Well, bha an uairsin, bha an constabal bha cumhachd aige toir orra cuir dheth, air falbh na caoraich ma bha barrachd aca na bha còir a bhith aca a rèir a' sùmadh.

Iain: A Dhòmhnaill Eàirdsidh, dè mu dheidhinn 's dòcha facal beagan nas mionaidiche a-nis mu dheidhinn rudan dhe na thog sibh pèin, tha, cur air dhòigh rudan mar làithean faing 's, tha, làithean sònraichte, obraichean sònraichte dhen bhliadhna?

Dòmhnall Eàirdsidh: Seadh. Bha mi ag èisteachd ri Ruaraidh ann a' shiud agus tha mi a' smaoineachadh gur e, mar a chanas sinn, grazing committee, gur ann mu sin a bha Ruaraidh a' bruidhinn. 'S ann ron a' chogadh mu dheireadh a thòisich sin ach, mus do thoisich grazing committees, bha an constabal ann leis fhèin.

Iain: Seadh.

Dòmhnall Eàirdsidh: Bha e ann 's bha a' facal mu dheireadh aige 's cha robh duine ann ach e fhèin.

Iain: Is e air a thaghadh le na croitearan?

Dòmhnall Eàirdsidh: Le na croitearan, bha, ach 's ann aige bha, bha aige ri coimhead às dèidh a h-uile sìon riamh a bha ri dhèanamh, feurach is rud mar sin, is fearann, roinn talmhainn is mòine 's cur air leth latha airson rùsgadh 's latha airson dupadh.

'S ann aige a bha ris an dup fhaighinn, a faicinn pàighte, 's faicinn gun togadh e an t-airgead bho na daoine air a son.

'S mu dheidhinn na buachailleachd. Bha an crodh 's na caoraich a' dol far a' bhaile aig an Fhèill Màrtainn, an 28th of May agus bha buachaille... as a' bhaile as an deach mise a thogail, bha buachaille ris a' chrodh fad an t-samhraidh agus bha aig a' chonstabal ri buachaille fhaighinn 's ri duais a shuidheachadh a bhiodh riaraichte leis a' bhaile 's leis a' bhuachaille.

Iain: Chan eil fhios dè seòrsa duais a bha ann a' sin? Eil beachd sam bith dè bha am buachaille a' faighinn?

Dòmhnall Eàirdsidh: Well, chan eil fhios agam a' dol fada air ais. Co-dhiù, bha mise mi fhèin ris a' sin nuair a dh'fhàg mi sgoil. 'S e not san t-seachdain a bha mi a' faighinn.

Iain: Seadh. Agus cia mheud beathach a-nise? Bhiodh sibh a' sealltainn às dèidh a' chrodh 's às dèidh na caoraich, am biodh?

Dòmhnall Eàirdsidh: O cha robh na caoraich idir. Bha na caoraich a-mach air a' mhonadh. Cha robh gnothach agamsa ach ris a' chrodh. Crodh-bainne 's gamhna; 's dòcha gum biodh aighean ann. Is tarbh.

Ach tha cuimhne agam glè mhath air an àireamh a bh' ann a' bhliadhna a thòisich mi, ceud 's a' còig.

Ach bha seann daoine as a' bhaile, bha iad a' cumail mart no dhà a bhiodh aca. Bha 'd gan cumail air a' chroit. Cha bhiodh iad cothromach air a dhol a bhleoghainn a' chruidh, na rud mar sin, pìos air falbh. Ach bhiodh iad airson an crodh a bhith air am buachailleachd, mar a chanadh sinn, an cois an tairbh, gus an gabhadh iad laogh.

Iain: Seadh.

Dòmhnall Eàirdsidh: 'S bha am buachaille ris a' chrodh a bha sin fad an t-samhraidh. Bha e a' dol dhan a' chuithe air an oidhche, 's ga leigeil a-mach as a' mhadainn.

'S bhiodh na boireannaich a' tighinn a bhleoghainn an uairsin, moch is anmoch a bhleoghainn a' chruidh as a' chuithe.

Ruaraidh: Rud eile a bha an constabal a' dèanamh aig an àm, as a' gheamhradh bha na croitean air an tilgeil a-mach chun a' bhaile air fad agus cha robh feurach air a' mhonadh co-dhiù 's mar sin bha a' sprèidh a' tighinn a-staigh air na fearainn. Sin rud nach eil a' tachairt an-diugh idir.

Faigh a-mach cò a bh' anns a' chonstabal.

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.