Help / Taic

Facal Oirbh, BBC Radio nan Gàidheal, 23 Ògmhios 2009

Euslaintean is Ìocshlaintean

Airson faighinn cuidhteas gartan

Lorgar gartain ann am fraoch no feur agus greimichidh iad ri do chraiceann airson fuil a dheocadh asad.

Tha e coltach gur e aon dòigh air faighinn cuidhteas gartan pailteas ìm a liacradh timcheall air. Bu chòir gun tuiteadh an gartan dheth an uairsin.

No faodaidh tu aftershave a dhòrtadh air. Cha chòrd seo ris a bharrachd.

Gith / Githir

Seo an seòrsa goirteas a thig, gu h-àraidh an caol do dhùirn, ma tha thu a' dèanamh cus obair le leithid deamhais no speal airson a' chiad uair ann an ùine. Thig e ort ma tha thu a' dèanamh cus sgrìobhaidh cuideachd is canar writer's cramp ris sa Bheurla.

Bàrr a' bhrisgein

Bha cuimhne aig Dòmhnall Eardsaidh Dòmhnallach à Uibhist a Tuath air duine a thàinig dhan a' sgìre acasan a bhiodh a' cur na cloinne a-mach airson taghadh agus airson cruinneachadh an lus, bàrr a' bhrisgein. Bhiodh e ga tiormachadh agus ga smocadh sa phìob!

Trìthean

A' sealgair math a mharbhas gèadh is corra-ghritheach is guilbneach

'S iad sin trì eòin a tha uabhasach faiceallach agus geur.

Seanfhacail agus Abairtean

Taobh nan tarraigean dhen doras

Nan canadh tu ri duine gu robh thu a' dol a thoirt dha taobh nan tarraigean dhen doras bhiodh tu a' ciallachadh gu robh thu a' dol ga thilgeil a-mach.

Doras

Tha seo a' dol air ais chun an àm nuair a bhite a' dèanamh dorsan às aonais an seòrsa tarraigean a tha ann an-diugh. 'S e pìosan fiodha a bhiodh aca le ceann rudeigin ceàrnagach orra agus 's ann an còmhnaidh bho taobh a-muigh an dorais a bhite gan cur a-steach dhan fhiodh. Le sin chitheadh tu na ceàrnagan beaga fiodha a bha seo air taobh a-muigh an dorais. Bhiodh iad cuideachd a' bruidhinn air taobh na tarraigean dhen doras airson an taobh a-muigh.

'S e as fhaide dhuinn

Seo dòigh eile air "'S e as miosa dhuinn" a ràdh.

Bho Sheonaidh MacChoinnich, Steinnseal, An t-Eilean Sgiathanach

Nuair a thig tionndadh na sìde tillidh gach eun ri ealtan

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.