Help / Taic

Facal Oirbh, BBC Radio nan Gàidheal, 23 Ògmhios 2009

Na h-òrduighean

Bìoball

"Tha mi a' cur thugaibh aithisg a sgrìobh mi bho chionn bhliadhnaichean mu dheidhinn nan òrduighean agus sibh air a bhith a' bruidhinn mu àm nan òrduighean bho chionn ghoirid.

'S dòcha gun toir am pìos beag seo a sgrìobh mi fhìn sealladh eile dhuibh air àm nan orduighean bhon a tha e a' dèiligeadh ri Sgìre Nis, Tholastadh agus Am Bac.

Aig an àm sin cha robh ministeir idir aig muinntir Tholastaidh dhaibh pèin, ach bhiodh pears-eaglais a' tighinn thuca uair sa mhios, fear MacChoinnich agus tha e coltach gu robh e uabhasach fhèin cruaidh agus làidir na bheachd.

Nuair a thoisich busaichean an toiseach, 's a bhiodh daoine gan cleachdadh air an t-Sàbaid airson a dhol chun a' chomanachaidh, cha robh aon sgillinn ga phàigheadh chun na h-ath sheachdain. Agus bha seo a' cur bacadh orra peacadh sam bith a dhèanamh air an t-Sàbaid.

Diciadain an latha mòr airson ullachadh a bhith ga dhèanamh. Mar tha fios againn b' e seo Disathairne Beag nan Òrduighean. Bhathas a' toirt a-steach gu leòr de mhòine, na dhèanadh a' chùis gu Dihaoine.

Cuideachd gu leòr uisge às an tobar a bhite a' cleachdadh a-staigh air chor is nach leigeadh daoine a leas obair sam bith no càil a dhèanamh a làrna-mhàireach. Bhite fiù 's a' glanadh bhòtannan is bhrògan.

Tha mi fhìn tric a' smaointinn gu robhas a' coimhead air an Diardaoin sin leis a' cheart uibhir a dh'urram 's a bha Latha na Sàbaid fhèin ged nach eil, le m'fhios-sa, dad de shamhla dhe sin sa Bhìoball. Cha robh obair sam bith ga dhèanamh a' latha sin le duine sam bith. Cha robh e gu diofar dè an coitheanal dha robh iad.

Air an Diardaoin aig meadhan-latha bhiodh a h-uile neach a bha comasach anns an teaghlach a' suidhe san eaglais a' feitheamh shearmoin chruaidh. Bha iad uile eòlach air a seo agus, mur a robh searmon cruaidh gu leòr, bhathas dhan bheachd mar bu tric gu robh e rudeigin gun bhrìgh.

Bha an t-seirbheis a' maireachdainn dà uair a thìde aig a' char bu ghiorra, uaireannan cho fada ri trì uairean a thìde, ach, gu taingeil, bha a h-uile duine air an cumail na chèile leis na Bachelor Buttons. Agus rachadh aca air faighinn tron t-seirbheis gun fhadachd. Thilleadh a' chuid as motha, mur a tilleadh iad air fad, airson an t-seirbheis oidhche.

Suidheachain

Bha na fir air fad air an èideadh an aon rud. Deise dhorcha liath, lèine gheal agus tie dhubh. Brògan no bòtannan dubha. Bhiodh na boireannaich a' cur orra còtaichean dubha, adaichean agus brògan dubh. Cha robh aon sealladh de dhath nam measg ach a-mhàin feadhainn dhe na cip a bhiodh air na fir. Bhiodh còtaichean nam boireannach cho teann air an ceangal fon amhaich chun na glùin 's nach fhaiceadh tu càil dhe na bha orra fodhpa.

Sin agad, ma tha, Diciadain agus Diardaoin agus b' e Dihaoine Latha na Ceist agus dh'fhaodadh an t-seirbheis a bhith gu math fada cuideachd, a rèir 's cia mheud èildear a dh'èireadh a bhruidhinn air a' chuspair a bhathas air a thaghadh.

Gu pearsanta dhomh fhìn dheth, 's e seo am pàirt a b'fheàrr dhen t-seirbheis agus tha cuimhne agam air an fhear ainmeil, an caractar Tormod Sona, a' dèanamh mìneachadh na ceist le faireachdainn agus gliocas."

Litir bho Dhòmhnall MacRisnidh, Srath Pheofharain

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.