Help / Taic

Facal Oirbh, BBC Radio nan Gàidheal, 23 Ògmhios 2009

Mar a rùisgeas tu caora

A' rùsgadh caora

Seo an t-àm dhen bhliadhna nuair a bhiodh croitearan a' rùsgadh nan caorach. Chaidh Flòraidh gu faing ann an Sgìre Stafainn san Eilean Sgiathanach ach am faiceadh i, airson a' chiad uair na beatha, deamhais air a cuir gu feum. Ga treòrachadh bha Seonaidh MacChoinnich, Seonaidh Bhertie, à Steinseall.

Flòraidh: Grèim agad air adhaircean oirre?

Seonaidh: Tha. Chan eil sin soirbh mas e caora mhaol a th' ann.

Flòraidh: An ann mar sin a bheireas duine air caora?

Seonaidh: Well ma tha adhaircean oirre! Mur a bheil, cha ghabh e dèanamh. Tha caoraich ann, 's e caoraich mhaola a chanas sinn riutha. 'S tha adhaircean air an tè seo, 's tha i nas fhasa beireachdainn oirre.

Flòraidh: Is ciamar a dh'fhalbhadh tu leatha mur a biodh adhaircean oirre?

Seonaidh: Chanainn gum beirinn air gach taobh dhen amhaich nam biodh... 's e b'fhasa.

Flòraidh: Dè a-nis a tha thu dol a dhèanamh?

Seonaidh: Tòiseachadh aig a' chluais, no mar a bhios tu ag obrachadh sìos an amhach. Cò ris a bhios i coltach?

Flòraidh: O, cùl a chinn. Tha seo a' coimhead cunnartach.

Seonaidh: Fhad 's nach tilg i an deamhais, tha sinn sàbhailte gu leòr.

Flòraidh: Dè an stuth buidhe a tha sin taoibh a-staigh na clòimhe?

Seonaidh: 'S e caran de dh'ola a tha sin air a' chlòimh. Bidh iad a ràdh uaireannan ma tha sin ann gu bheil iad beagan nas doirbh a rùsgadh. Ach saoilidh mi nach eil an tè seo idir. Tha i cuimseach soirbh. Tha mi cinnteach gu bheil e tràth gu leòr fhathast air dòigh.

Flòraidh: Bheil biastan na sgath am measg na clòimhe a tha sin?

Seonaidh: Bidh, uaireannan, ach chan eil. Chan eil ann a' sheo. Fhathast co-dhiù. Gheibh thu uaireannan gartain 's rud a tha an còmhnaidh am measg fraoch is...

Flòraidh: Dè an ùine a bheir e ga rùsgadh bho thoiseach gus am bi thu deiseil?

Seonaidh: A rèir cho soirbh 's a tha iad an rùsgadh. Ma tha iad soirbh cha toir thu fad sam bith.

Flòraidh: Dè dh'fhàgas furasta no doirbh iad?

Seonaidh: Well, aithnichidh tu as spot 's a thoisicheas tu. Aithnichidh tu a rèir 's mar a tha an deamhais...

Flòraidh: 'S ciamar a tha i seo matha?

Seonaidh: Tha i seo glè mhath. Tha i gu math soirbh. Tha i glè mhath. Tha i na b'fheàrr na bha mi an dùil. Tha i glè mhath.

Flòraidh: Agus dè mu dheidhinn na deamhaisean fhèin?

Seonaidh: Tha thu an còmhnaidh, 's toigh leat an deamhais a tha thu a' cleachdadh a bhith agad fhèin. Agus feumaidh i a bhith geur. 'S feumaidh tu a bhith eòlach oirre. Agus tha, gabhaidh iad teannachadh agus gabhaidh iad, tha i seo caran, 's e spring a th' innte.

Feadhainn eile dhuibh, gabhaidh iad teannachadh beagan. Ach o, tha i seo glè mhath. 'S e deamhais mhath tha seo. Tha i, chan eil i uabhasach seann. Ach tha tòrr de sheann fheadhainn 's tha iad fìor mhath, math dha-rìribh.

Flòraidh: 'S a fàs làmh duine goirt ag obair a' cleachdadh sin?

Seonaidh: Fàsaidh. Ach tha e iongantach, ma tha thu ag obair caran cunbhalach, cumaidh tu dol ceart gu leòr. Tha thu caran eòlach air.

Flòraidh: 'S cia mheud caora a nì aon duine ann an latha?

Seonaidh: Well, tha sin doirbh a ràdh a-rithist. Tha e a-rithist mar a tha, mar cho soirbh 's a tha iad an rùsgadh. Ach nam biodh duine, 's iad faisg air làimh, 's duine gan toirt gad ionnsaigh, agus dìreach gun agad ach rùsgadh fhèin, tha mi smaoineachadh gun dèanadh tu tòrr math. Cha eil mi ràdh cia mheud idir ach dhèanadh tu, dhèanadh tu corra fhichead, chanainn.

Flòraidh: Siuthad, ma tha. Eil thu dol a chur crìoch air a' bheathach bhochd a tha sin, ma tha?

An fheuch mi fhìn dìreach bìdeag bheag dheth?

Seonaidh: O, tha mi smaoineachadh gu feuch. 'S dòcha gu bheil thu nas fheàrr na mi fhìn fada. Feuch nach geàrr thu an amhach aige!

Flòraidh: Ciamar a bhiodh siud ma tha?

Seonaidh: O, thoir beum math aiste.

Flòraidh: O chan urrainn dhomh, cha leig an t-eagal leam.

Seonaidh: Na dh'fheuch thu seo roimhe?

Flòraidh: Cha do dh'fheuch riamh agus tha an t-eagal orm gun geàrr mi a' chaora.

Seonaidh: A bheil caoraich agaibh?

Flòraidh: Gun toir mi caob. Bha caoraich againn ach cha deach mise faisg orra a-riamh. Chan e rud a bha mi...

Seonaidh: O feumaidh tu a dhol nas dàine na sin.

Flòraidh: Dè?

Seonaidh: Thoir a-nise beum math aiste.

Flòraidh: Ach ca' bheil an craiceann aig a' chaora?

Seonaidh: Well, gheibh sinn a-mach an ceart uair.

Flòraidh: Tha mi smaoineachadh gu fàg mi agad fhèin e. Seo.

Seonaidh: Cuiridh sinn a dh'iarraidh lighiche-sprèidh.

Flòraidh: Bidh iad a' faireachdainn nas fheàrr, na caoraich fhèin nach bi?

Seonaidh: O gu math nas fheàrr. Bidh gu dearbha. Tha e a' dèanamh feum mòr dhaibh. Tha. Gu h-àraidh nuair a tha an teas ann, tha an-shocair mhòr orra leis a' chlòimh. Tha e cho blàth. Tha e a' dèanamh diofar mòr dhaibh

Chan eil iad cho buailteach a bhith a' dol air an druim 's gan call mar sin. Rud tha tachairt gu math tric. 'S aon uair 's gun tèid an rùsgadh tha iad fada nas sàbhailte an uairsin.

Flòraidh: 'S tha a' rùsg an uairsin a' falbh. Ca' bheil e a' dol?

Seonaidh: Ga chuir air dòigh, ga phasgadh 's an uairsin ga chuir ann a' siota. 'S e pocannan a b' àbhaist ach 's e siotachan a th' aca a-nis orra. Ach tha eagal orm nach eil iarraidh air sin a-nis nas motha. Tha e mar a tha a h-uile càil eile. Chan eil iad, cha chreid mi gu bheil mòran luach ann a-nis seach mar a b' àbhaist a bhith ann.

Flòraidh: Ciamar a tha dol dhut. A bheil thu gu bhith deiseil?

Seonaidh: Tha mi an ìre mhath. O tha i againn a-nis.

Flòraidh: Tha i gu math socair co-dhiù.

Seonaidh: Tha i socair 's tha mi smaoineachadh gu bheil tòrr as an dòigh a tha thu ga cumail, tha thu a' dèanamh... tha, tha i cuimseach socair ceart gu leòr.

Flòraidh: Cuiridh mi geall gun teich i aig... a bheil thu dol a' leigeil leatha teiche suas an cnoc ann a' shiud no bheil thu gan cuir air ais a-staigh?

Seonaidh: O bidh i gu math toilichte faighinn air falbh. Cha chuirinn coire oirre.

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.