Help / Taic

Facal Oirbh, BBC Radio nan Gàidheal, 16 Ògmhios 2009

Croitearachd

Na cnàimhean glasa: an tuilleadh

Buntàta

Bha Seonaidh Dòmhnallach, Slèite, An t-Eilean Sgitheanach, ag innse gu robh an dòigh seo air buntàta a chur cumanta ann a' Slèite.

Bha iad an toiseach a' dèanamh loidhne le spaid. Bha 'd a' fosgladh a' chiad chlais, a' tionndadh a' cheap, a' cur car dhe taobh a-mach a' ròd agus an uairsin bha iad a' cur innear ann. Bha iad a' cur sìol bhuntàta air uachdar na h-innearach, agus an uairsin a' fàgail cnàimh glas eadar sin agus an ath fhear.

Bha 'd an uairsin a' fosgladh ròd eile agus a' dùnadh a' chiad tè leis an ròd a bha iad air fhosgladh. Nuair a bha am buntàta air tòiseachadh a' fàs, bha iad a' cur car dhan a' chnàimh ghlas airson luibhean a chumail sìos.

Feamainn

Driamlach

Seo facal eile airson an fheamainn liompan a tha coltach ri sreangannan caola, fada le dath eadar donn agus buidhe. Ach canar driamlach cuideachd airson an loidhne a bhiodh air slat-iasgaich.

Bho Seonaidh Ailig MacIlleathain, Griomasaigh, Uibhist a Tuath

Maorach

Breallach

Seo seòrsa de mhaorach a tha coltach ri srùban mòr, ach chan eil an t-slige corrach mar a tha slige an t-srùbain. Chì thu an-còmhnaidh iad ann an làthach, 's bhiodh iad gan togail bho chionn fhada airson iasgach, gan cuir air dubhain na lìn-mhòire.

Bho Seonaidh Ailig MacIlleathain, Griomasaigh, Uibhist a Tuath

Mòine

A' toirt a-steach na cruaich

Nuair a tha thu a' cruthachadh 's a' dèanamh na cruaich-mhònach, tha thu ga toirt a-steach.

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.