Help / Taic

Facal Oirbh, BBC Radio nan Gàidheal, 16 Ògmhios 2009

Daoine

Bhàrr a sgeimhil

Fear air bhàrr a sgeimhil

Chante seo mu dhuine a chaill a nàdar chun na h-ìre 's nach robh mòran fios aige dè bha e a' dèanamh. Chaidh e bhàrr a sgeimhil!

As do sheasamh

Ma tha thu a' dèanamh rud as do sheasamh tha thu ga dhèanamh dìreach as a' mhionaid sin fhèin.

Air a' chlèabadaich

Ma tha thu a' faireachdainn an-fhoiseil agus nach urrainn dhut thu fhèin a' stòldadh ris an rud a tha còir agad a bhith a' dèanamh, tha thu air a' chlèabadaich.

Air mo thabhaill

Nan canadh cuideigin riut "Ni mi sin nuair a gheibh mi air mo thabhaill", bhiodh e a' ciallachadh gun dèanadh e an rud a bha e a' miannachadh a dhèanamh nuair a gheibheadh e ùine, no nuair a gheibheadh e cothrom.

Lampaichean

Lampa

Tha e coltach gum biodh cuid a' slaighdeadh kirby grip sìos air oir glob lampa chionns gun glacadh e an teas 's nach briseadh a' ghlainne. Ma tha thu dol a dhòrtadh uisge goileach ann an cupa no glainne, 's ma chuireas tu spàin ann, nì e an aon rud.

Nuair a bhiodh a' mantle air lampa a' fàs salach, bhite a' cur salainn air.

Air seann tràlairean 's e lampaichean paraffin a bh' aca agus dh'fheumadh iad daonnan a bhith uabhasach faiceallach nach bristeadh an glob. Ach nam b' e rud agus gum bristeadh e, an àite a chaitheamh air falbh, bha 'd a' cur nam pìosan briste air ais ri chèile gu faiceallach, agus a' cur pìos craiceann liabaig mun cuairt air gu lèir. 'S e an craiceann caran soilleir a tha air broinn an èisg a bha iad a' cleachdadh. Thigeadh an solas troimhe agus bha e a' steigeadh mar seòrsa de ghlaodh.

Bho Ruaraidh MacNèill, an t-Sailean, Muile

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.