Help / Taic

Facal Oirbh, BBC Radio nan Gàidheal, 09 Ògmhios 2009

Facail

Cèir

'S ann de chèir a tha coinneal air a dèanamh, ach tha am facal air a chleachdadh ann an dòighean eile cuideachd.

B' e cèir a chante ri stuth dearg a bhathar a' cur air snaidhm air parsailean.

Bho Ealasaid Shutharlanach, Inbhirnis agus Ruaraidh MacNèill, Muile

Lorgadh tu cèir ann an giomach, no ann an crùbag, agus cuideachd ann an cluasan duine.

Bho Eardsaidh MacGillÌosa, Na Hearadh

Seanfhacail is Abairtean

Far nach bi nì, caillidh an rìgh a' chòir

An seo tha am facal nì a' ciallachadh crodh.

Bhiodh an rìgh no an t-uachdaran a' togail màil bhon t-sluagh agus, anns na seann làithean, tòrr dhen a' mhàl a bhite a' togail, cha b' e airgead a bhiodh ann, ach obair-latha bho dhaoine, agus rudan mar bainne is ìm is caise. Le sin, mur a biodh crodh ann, cha bhiodh mòran ann airson am màl a thoirt dhan uachdaran no dhan rìgh.

Ged is àrd os cionn nam bochd a sheallas an saidhbhir, bidh iad an cuideachd a chèile fhathast

Tha daoine anns a' bheatha a tha seo agus tha iad mar gum biodh a' sealltainn sìos air daoine eile air sgàth 's na tha aca. Ach aig a' cheann thall, 's e an aon deireadh a tha gu bhith aig a h-uile duine.

Is buaine na gach nì an nàire

Ma nì thu rud is gu bheil fìor nàire ort gun d'rinn thu e, tha e gu math duilich faighinn cuidhteas dhan nàire sin. 'S dòcha nach bi cuimhne aig daoine eile air ach, an duine air a bheil nàire, nuair a bhuaileas e air, 's dòcha gu bheil e cheart cho duilich dha agus a bha e an latha rinn e e. 'S e faireachdainn a tha buan a tha ann.

Is dall duine ann an cùisean dhuine eile

'S beag a tha dh'fhios agad dè a tha a' dol ann am beatha dhuine eile.

Stiùireadh a’ BhBC

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.