Help / Taic

Facal Oirbh, BBC Radio nan Gàidheal, 09 Ògmhios 2009

Iasgach

Slatan-maoir

Nam biodh tu ag iasgach airson liughannan, no saoithein, no iasg dhen t-seòrsa sin, bhite a' cleachdadh slatan uabhasach fada ris an cante slatan-maoir. Bhiodh còrr air fichead troigh annta uaireannan, agus iad caol as a' bhàrr agus tric bhite gan gleidheadh air sparran na bàthaich. Dh'fheumadh iad a bhith fada airson gu ruigeadh iad an t-iasg a-mach bho na creagan 's na piorraichean bho am biodh iad a' creagach.

Bho Sheonaidh Ailig MacIlleathain, Griomasaigh, Uibhist a Tuath

Eòin

Leunarag/lianarag

Bidh a' naosg, nuair a tha i ag èigheach, a' dol uabhasach fhèin àrd anns an adhar agus bidh i a' dèanamh fuaim le h-itean. Air sgath an fhuaim sin, 's e leunarag/lianarag a chanadh iad rithe.

Bho Sheonaidh Ailig MacIlleathain, Griomasaigh, Uibhist a Tuath

Sgeulachd mu chnàmhag

Lof

"Aon fheasgar acrach rinn mi fhìn, Ailig Dan Sheòrais agus Murchadh Aonghais Mhurchaidh Ghilis reubadh chabhagach air lof aig Bùth Choinnich a' Bhàird ann an Cros. Cha robh càch air a' chlas fada gun innse dhan tidsear, Chrissie Fenton, gu robh sinn a' goid agus fhuair sinne ar latha dubh.

Ach a bharrachd air a' sin, bha againn ris an lof a phàigheadh agus sgrìobhadh gu Aonghas Chaluim, am Bèicear, ag iarraidh maitheanais 's a' gealltainn nach dèanadh sinn an leithid gu bràth tuilleadh.

Duine sona, solt, a bh' ann an Aonghas Chaluim, 's bu bheag a bha dhùil aige gum biodh an dà tharger sin, mo mhàthair agus Màiri Iain Màiri Mhurchaidh a' feitheamh air an ath thrup a thigeadh e don bhaile againn.

"Cha chùm sinn fada thu Aonghais," arsa Màiri, "Tha sinn dìreach ag iarraidh cnàmhaig na lof a stiall na balaich!"

Litir bho Thormod Caimbeul, Dail o Dheas, Leòdhas

Ann an seo tha cnàmhag a' ciallachadh an rud a bha an còrr.

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.