Help / Taic

Facal Oirbh, BBC Radio nan Gàidheal, 09 Ògmhios 2009

A' nighe nam plangaidean

Nigheadaireachd

Tha Seonag ag innse mar a bha iad a' nighe nam plangaidean.

Flòraidh: Tha fhios gur e obair chruaidh a bha sin, shìos a-muigh air a' chnoc ann a shin agus cnap de shiabann agad.

Seonag: Cha robh thu air a' chnoc idir. Bha na h-uibhir de dh'fhasgadh far an robh an t-àite aig an abhainn as am biodh iad a' dèanamh an teine 's a' nighe nam plangaidean.

Agus bha cuideachd, bha tobar ann. Tobar iarainn. Agus nuair a ghabhadh tu deoch dhen tobar, cha b' urrainn dhut a chuir ann an tì, bha e uabhasach. Droch bhlas dheth as an teatha, ach b' urrainn dhut òl agus bha e cho fuar 's ged a thigeadh e a-mach às a' fridge.

Flòraidh: Well, smaoinich a-niste a' cur nam plaideachan, a' cur an uisge air na plaideachan, am biodh na plaideachan a' dol dhan phoit?

Seonag: O no, no, no, no, no. Cha robh, cha robh, cha robh. Smaoinich fhèin, cha bhiodh plangaid agad air fhàgail. Tha stuth clòimhe buailteach air a bhith a' nighe a-staigh.

Flòraidh: O bidh e a' fàs beag.

Seonag: Bidh e a' fàs beag. Ach 's e uisge blàth gun a bhith tuilleadh is teth, tha... agus bha na plangaidean 's an siabann gan cuir ann a shin. Agus bha 'd gan stampadh le an casan. Chuireadh tu an t-uisge dhan a... gur bith dè... tha mi cinnteach gur ann as an tuba na as a' bhath zinc.

Flòraidh: Seadh.

Seonag: Agus chuireadh tu na plangaidean ann a shin. Na ghabhadh e aig aon àm. 'S docha nach gabhadh e, nam biodh plangaid mhòr, nach gabhadh e ach aonan aig an aon àm. Agus rachadh cuideigineach a' sàs ann a shin, ga stampadh le an casan. Agus, well nach eil seo garbh, nach uabhasach mar a dh'atharraich gnothaichean.

Flòraidh: Tha mi feuchainn ri dealbh a dhèanamh dhìom fhìn a' stampadh aodaichean...

Seonag: 'S beag an t-iongnadh. 'S beag an t-iongnadh. O well, 's iomadh uair a stamp mise na h-aodaichean as a' bhath ann an Glaschu, a bhrònag, gun luaidh air cùl a' bhaile ann a' Ròdhag. Agus iomadach duine a bharrachd orm!

Flòraidh: O well, well, sin a' rud. 'S e dòigh-beatha a bh' ann agus dh'fheumadh daoine a dhèanamh.

Agus dè mu dheidhinn a-niste nuair a bhiodh sibh deiseil ga stampadh? Bhiodh a' chlann ga stampadh cuideachd, am biodh?

Seonag: O tha mi deimhinnte. Bhiodh, fhios agad, ach ‘s ann dìreach airson spòrs dhaibh pèin ach dh’fheumadh cuideigineach aig a robh fhios dè bha e a’ dèanamh a dhol a’ stampadh phlangaidean. Agus bha ’d an uairsin...

Flòraidh: A robh dòigh sònraichte air an stampadh?

Seonag: O well cha robh, ach cha b' urrainn dhut a bhith ag obair as an aon àite fad an t-siubhail. Agus dh'fheumadh tu 's dòcha a' phlangaid a thionndadh agus an uairsin gabhail an sàs innte a-rithist.

Agus bha thu an uairsin a' cur pìos dhen a' phlangaid mar gum biodh tu ga pasgadh air an ath phìos agus bha thu a' cuir maide tron a' phasgadh a bha sin.

Flòraidh: Seadh.

Seonag: Agus bha aon duine a' cur a' mhaide aon rathad agus an duine eile le làmhan airson fàsgadh. Cha robh guth air spin dryer agus cha robh guth eadhoin air wringer. Cha robh, ach dìreach an làmhan.

Flòraidh: Sin e.

Seonag: Cha robh iad... feumaidh mi aideachadh nach fhaca mi plangaid riamh a bha uabhasach salach. Agus an uairsin, tha, nuair a gheibheadh iad an cur tron an uisge siabainn, 's bha 'd a' smaoineachadh gu robh iad cho glan 's a gheibhte iad, bha 'd an uairsin gan cur tro uisge blàth, glan.

Bha thu an uairsin a' toirt ruith stampaidh eile orra gus an tugadh tu asta a' siabann. Agus bha glumagan as an abhainn, 's bhiodh iad an uairsin gan cuir dhan a' ghlumaig 's bhiodh iad gam bogadh as an uisge gus gun toireadh e a h-uile sgath dhen t-siabann às, 's gan toirt a-mach às a' sin 's a' toirt, tha, fàsgadh orra agus gan cuir air a' fhraoch...

Agus glè thric bhiodh iad gan crathadh an uairsin gus gu falbhadh tuilleadh dhen uisge asta 's gum biodh iad na bu chòmhnard.

Flòraidh: Tha mi a' tuigsinn. 'S shìneadh iad air a' fhraoch iad?

Seonag: Chuireadh iad air a' fhraoch an uairsin iad. Agus bhiodh iad ga fàgail ann a' shin, 's dòcha oidhche, 's dòcha dà oidhche.

Stiùireadh a’ BhBC

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.