Help / Taic

Facal Oirbh, BBC Radio nan Gàidheal, 09 Ògmhios 2009

Mòine

Èineach

Fraoch na theine

Aig àm na mònach, nuair a ruigeadh sgioba am blàr-mònach, 's e cupan teatha a' chiad rud a bhite a' dèanamh agus airson sin dh'fheumte teine. Bha èineach uabhasach math airson teine a thòiseachadh. B' e bunan garbh a' fhraoich a bh' ann, bunan dubha far an robh am fraoch air a losgadh le falasgair.

Nuair a bhiodh iad a' goil a' choire, no a' goil na poite, bhiodh iad a' roiligeadh pìos pàipear agus ga chuir ann a' srùb a' choire, no srùb na poite, airson a' cheò a chumail às an teatha. Ach a dh'aindeoin sin, bha blas glè eadar-dhealaichte air an teatha a dhèanadh tu as a' mhòine. Bha blas ceò na mònach oirre!

Calcas agus plòitean: an tuilleadh

Bhite a' cur calcas eadar bùird eathraichean. 'S e rud mar ròpa a bh' ann agus bhiodh iad ga chleachdadh gus am biodh na h-eathraichean dìonach 's nach biodh iad a' leigeil a-steach uisge. Chanadh iad gu robh iad a' calcadh, agus a' cleachdadh ròpa calcais air a shon.

Ach ann am mòine, gheibh thu bunan anns a' riasg a tha rudeigin coltach ri ròpa agus leis fhèin sin calcas.

Bha am plòitean ri fhaighinn ann am mòine bhàn, ann a' fàd, 's bhiodh beagan smùr dubh na mheasg. Dh'fheumadh tu mar gum biodh sin a shuathadh às agus taghadh a' phlòitein. 'S ann a bha e rudeigin coltach ri feur curs, 's thaghadh tu às e agus chuireadh tu am broinn a' phàipeir-naidheachd e, dìreach mar a chì thu daoine a bhios a' roiligeadh toitean dhaibh pèin a' dèanamh.

Toitean calcais agus pìob-chrùbaig

"Anns a' chòmhradh mu dheireadh a bh' agad fhèin agus aig Flòraidh ri Fionnlagh MacLeòid, thuirt e aon rud a chuir fìor iongnadh orm, nach do dh'fheuch e a-riamh toitean calcais. Tha sin a' sealltainn cho òg 's a tha e an taca rium fhìn, agus cuideachd cho glic 's a bha e na òige, a bharrachd orm fhìn agus ort fhèin.

Ìne crùbaig

Na mo latha-sa cha robh balach beag san àite aig nach robh pìob-chrùbaig. An ìne mhòr leis an fhìor ghob air a bhriseadh dhith. Bha i sin saor 's an asgaidh agus bha làn a' phailteis ann dhuibh. Bha a' phìob-chrèadha a' cosg sgillinn na dhà agus bha i fada ro bhristeach. 'S e seann phìob fhiodha a b'fheàrr.

Chaill mise a' chiad tè dhuibh sin nuair a chuir mi air falach i ann an toll bacain 's mi a' dol cola-deug chun na h-àirigh, far a faigheadh piuthar m'athair i. Nuair a thill mi gu baile, chan fhaighinn lorg oirre.

Chaill mi an ath thè nuair a b'fheudar dhuinn ar pòcaidean fhalamhachadh latha anns an sgoil 's am maighstir-sgoile air a' chaoch mu ghlungagan. Fhuair mi air a cuir air falach am measg na fàdan a bha an taobh an t-simileir.

Bha mi dusan bliadhna a dh'aois aig an àm agus cha deach pìob nam bheul bhon uairsin!"

Litir bho Dhòmhnall Moireasdan, Leòdhas agus an t-Òban

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.