Help / Taic

Facal Oirbh, BBC Radio nan Gàidheal, 02 Ògmhios 2009

Muilnean is Muillearan

Lìpidh

B' e seo a chante ris a' phàigheadh sònraichte a bha muillear a' faighinn. Cha b' e airgead a bh' ann ach gràn.

Seanfhacail is Abairtean

An t-òrd 's an turcais san darna làimh 's an eighe san làimh eile

Sin dealbh den ghobha le na trì innealan a bha cho cudthromach airson goibhneachd.

Làir/Each gobha am beathach mu dheireadh a bhios air a chruidheadh

Gobha

Tha an gobha cho trang 's nach eil ùine aige an t-each aige fhèin a chruidheadh.

Làir gobha agus bean greusaiche

Tha làir a' ghobha agus bean a' ghreusaiche a' fulang san aon dòigh.

Is minic a bha droch bhròg air mnaoi greusaiche

Cho dona dheth ri làir gobha

Is math gu foghainn nighean gobha do ghobha ceàird

Bho Dòmhnall MacPhàidein, Port Sgioba, Ìle

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.