Help / Taic

Facal Oirbh, BBC Radio nan Gàidheal, 26 Cèitean 2009

A' cheàrdach

Bha fear à sgìre Nis, Leòdhas, ag innse mar a bha cuimhne aige gu robh cuid de na h-eich cho eòlach air a bhith a' dol dhan cheàrdaich agus cruidhean ùra gan cuir orra agus gun deidheadh iad uaireannan ann leotha fhèin. Nuair a thòisicheadh aon de na cruidhean aca a' dìobairt agus 's dòcha gan goirteachadh no a' fàs flagach, dhèanadh iad an slighe leotha fhèin dhan cheàrdaich.

Cho fuar ri màthair a' ghobha

Ag èisteachd ris a' chòmhradh mu dheidhinn na ceàrdaich agus goibhneachd, bha mi cuimhneachadh air an fhacal "cho fuar ri màthair a' ghobha". Nuair a chuala mi an toiseach e bha mi smaoineachadh gur e boireannach a bh' ann an màthair a' ghobha, ach cha robh mi tuigsinn dè bha ga fàgail fuar.

Cha chreid mi nach e "màthair" an t-uisge a bhiodh an gobha a' cleachdadh son iarann teth fhuarachadh. Tha am facal "màthair-uisge" ann an Dwelly a' ciallachadh reservoir, agus anns a' chruinneachadh fhaclan a rinn Maighstir Ailein an Uibhist a Deas a' ciallachadh source of water supply.

À phost-dealain bho Seonaidh Ailig Mac a' Phearsain à Uibhist a Tuath agus Ceap Breatainn

Barraillean

Barraill

An Uibhist a Tuath tha e coltach nuair a bhiodh daoine a-staigh a' cèilidh no a' seasamh timcheall a' feitheamh ann am bùth greusaiche, gum biodh an greusaiche tric a' tilgeil corran leathair thuca 's a' cantainn riutha "Eil sgian agaibh?" 'S nam biodh, chanadh e "Siuthadaibh ma-thà. An àite a bhith seasamh an sin gun a bhith a' dèanamh càil, nach dèan sibh barrall dhuibh pèin."

Agus an dòigh a bh' aca air barrall a dhèanamh, bha 'd a' tòiseachadh a' gearradh an iall chaol a bha seo deiseil (cha bhiodh e gu math a dhol tuathal!) aig oir a-muigh a phìos leathair 's a' dol a-steach 's a' dol a-steach 's a' dol a-steach chun a' mheadhain gus am biodh aon pìos caol fada ann.

Tha seo coltach ris an dòigh anns am biodh na Hiortaich a' dèanamh a' lon.

Teatha

Biadh

Bainne Milis

Seo a chante ri bainne a bhiodh na sheasamh greis ach gun an t-uachdar air a thoirt dheth. 'S e bainne togalach a chante ris aon uair is gum biodh am bàrr air a thoirt dheth.

Bho Dhòmhnall Eardsaidh Dòmhnallach, an t-Òban

Thàinig post-dealain bho Seonaidh Ailig Mac a' Phearsain à Uibhist a Tuath agus Ceap Breatainn, ag innse gur e bainne-milis a chanamaid ri condensed milk anns na crogain.

Cnàmhagan na Teatha

Dèan cupan teatha is cleachd duilleagan airson a dèanamh. Nuair a dh'òlas tu an teatha chì thu na duilleagan bàthte mar gum biodh ann am bonn a' chupain. Sin cnàmhagan na teatha.

Croitearachd

A rèir choltais b' e ministeir air an robh Hughie Rothach a thug a' chiad bhuntàta a-riamh a Leòdhas. Bha seo anmoch as an ochdamh linn deug agus cha robh na bodaich airson gnothach sam bith a ghabhail riutha. Gu ruige seo, 's e aran a bh' aca, aran-buidhe 's aran-coirce 's aran-eòrna. B' e a' chlann-nighean a bha nan searbhantan aig an Rothach a thòisich gam moladh.

Bho Choinneach Iain Mac a' Ghobhainn, Iarsiadar, Leòdhas

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.