Help / Taic

Facal Oirbh, BBC Radio nan Gàidheal, 26 Cèitean 2009

A' cur an t-sìl

A' cur an t-síl

'S ann mun àm seo a bhite a' cur an t-sìl, gu h-àraidh ma bha an t-sìde fàbharach. Fhuair Flòraidh latha àlainn nuair a chaidh i a dh'fhaighinn a-mach mun obair èiseil seo bho Dhòmhnall Iain Moireach ann am Bragar, air taobh siar Leòdhais.

Dòmhnall Iain: Feumaidh an talamh, feumaidh e a bhith an ìre mhath tioram, co-dhiù mas tòisich sinn a' cur, even ga thionndadh. Agus an àm aig am bi sinn a' tòiseachadh a' cur, 's ann, well a-staigh air a' mhachair, feumaidh e bhith as dèidh dha na caoraich falbh bhon an àite. Tha sin timcheall air a' chòigeamh latha deug dha May. Agus ma bhios an t-sìde gu math an uairsin, sìde thioram ann, agus an talamh tioram, sin an t-àm aig am bi sinn a' tòiseachadh.

Flòraidh: Nise, a' bruidhinn air an t-sìol fhèin, tha diofar seòrsachan a tha sibhse cleachdte a bhith a' cur. Dè an fheadhainn a tha sin?

Dòmhnall Iain: Well, air a' mhachaire, bidh sinn a' cur rud ris an can sinne sìol breac. Bidh sinn a' cur seagal agus uaireannan bidh sinn a' cur eòrna. Bidh sinn a-nise, bidh mise a' cur na trì rudan sin am measg a chèile. An dràsta bidh mi a' cur seagal agus coirce am measg a chèile. 'S bidh mi a' cur corc agus eòrna am measg a chèile. Agus bidh mi a' cur coirce glan 's bidh mi a' cur seagal glan.

Flòraidh: Dè an t-adhbhar a th' agaibh a bhith ga measgachadh mar sin, ma tha?

Dòmhnall Iain: Well mar a tha a' mhachair ann a sheo, tha, fàsaidh a' seagal innte math dha rìribh co-dhiù. Chan eil diofar dè seòrsa aimsir a bhios ann. Ach a-nise, an coirce breac, ma bhios sìde thioram ann, tha mar gum biodh a' ghainmheach ga losgadh agus chan fhàs e cho math. Ach bidh sinn cinnteach às gu fàs a' seagal co-dhiù. Tha sin, ma mheasgaicheas sinn am measg a chèile e, fàsaidh a' seagal mòr. Agus 's dòcha nach bi an coirce cho mòr ach an dèidh sin bidh beathachadh ann dha beathaichean.

Ma dh'fhàgas sinn aig a' choirce e na aonar, mar a fàs e, cha bhith càil idir againn.

Flòraidh: Nise, dh'ainmich sibh ann a shiud coirce breac. Dè seòrsa sìol a tha sin?

Dòmhnall Iain: 'S e sìol beag a th' anns a' choirce-bhreac agus fàsaidh e nas fheàrr air a' mhachair na sìol a gheibheadh tu bhon a' mhainland. Chan fhàs sìol a' mhainland, chan fhàs e air a' mhachair ann a sheo idir. Fàsaidh e all right ach feumaidh tu magnesium a chuir air an ceann dà mhìos na mar sin 's ga sprayigeadh le sin. Agus feumaidh tu a chuir air a-rithist an ceann dà mhios as dèidh sin a-rithist.

Flòraidh: Seadh gu dearbha. Chan eil fhios ciamar a bha iad a' dèiligeadh ris a' sin as na seann làithean, ma tha?

Dòmhnall Iain: Well cha robh iad a' cur coirce a' mhainland, cha bhiodh iad ga chuir air a' mhachair ann. Ach bhiodh iad ga chuir air a' lot. Fàsaidh e ann an talamh dubh, talamh rèisg no talamh dubh. Fàsaidh coirce tìr-mòr, fàsaidh e math dha rìribh ann a sheo.

Flòraidh: Ach chan fhàs air a' mhachaire?

Dòmhnall Iain: Chan fhàs e air a' mhachair idir gun siud a dhèanamh ris.

Flòraidh: Nise, a' sìol eile a siud a bha sibh a' bruidhinn air, seagal, tha mi a' tuigsinn. An ann à Uibhist a thàinig a' seagal a tha agaibhse?

Dòmhnall Iain: 'S ann à Uibhist a thàinig a' seagal a th' againne. Tha sinn an dèidh seagal a thoirt às bho thòisich mise a' croitearachd. Tha sinn an dèidh seagal a thoirt às dhà na trì thrupan.

Flòraidh: Agus a bheil e math?

Dòmhnall Iain: Tha e math dha-rìribh. Chan fhaca mise seagal a-riamh nach fhàsadh e. Chan fhaca mi bliadhna de sheòrsa de bhliadhna sam bith, bliadhna thioram no bliadhna fhliuch, chan fhaca mi e riamh gun fàs.

An aon rud a tha mu dheidhinn an t-seagal, tha e tioram. Nuair a tha thu ga thoirt dha beathaichean, feumaidh tu molasses na rud a choireigin a thoirt dhaibh còmhla ri sin airson gun cum e na beathaichean a' dol. Chan eil ann, as an t-seagal, ach dìreach mar gun canadh tu belly filler. Chan eil tòrr mathas idir ann. Chan eil.

Flòraidh: 'S thug sibh a' seagal a bha sin ma-thà à Uibhist. Dè seagal, sìol a bha sibh a' cleachdadh roimhe?

Dòmhnall Iain: Nuair a thòisich mise a' croitearachd a seo an toiseach, cha robh seagal idir ann a seo. Ach tha mi smaoineachadh gur ann, a h-uile duine a bha a' cur seagal ann a sheo, gur ann taobh Uibhist a thàinig a' seagal.

Nise a' sìol breac a tha seo, 's ann à Nis a bhios sinne ga thoirt mar is tric, agus chan eil fhios agam an e sìol breac a th' aca. Bidh feadhainn ag ràdh sìol beag ris 's feadhainn eile ag ràdh sìol dubh ris 's feadhainn eile sìol breac...

Nise 's e, 's e sìol a' mhainland nuair a bhios sinn a' tionndadh an talamh as a' lot ann a sheo, air a' chroit ann a sheo, 's e sìol a' mhainland a bhios sinn a' cur as an talamh dubh.... 'S e sin a bhiodh a' dol dhan a' lot gu lèir.

Agus bhiodh iad a' faighinn, bhiodh iad a' dèanamh feum dhan an t-sìol sin. Bhiodh iad a' dèanamh min dheth. Bha Norse Mill a-muigh ann a sheo agus bha àite aca airson a bhith a' tiormachadh an t-sìol 's an uairsin a' dèanamh flùr dhe agus bhiodh iad, tòrr dhe cha bhiodh iad a' dèanamh ach leth pronnadh air agus bhiodh iad ga thoirt dha na caoraich.

Flòraidh: Seadh.

Dòmhnall Iain: Ach a-nise bha 'd a' toirt a h-uile bit sìol a bh' air a' choirce sin, bha iad ga thoirt dheth. Agus a' dèanamh feum dheth. Na seann daoine a bha ag obair air na lotaichean, air na croitean uaireigin, bhiodh iad ag ionnsachadh dhut dè na chuireadh tu dhan an talamh 's mar sin. Agus dh'ionnsaich sinne tòrr bhuapa ach chan eil mòran ann an-diugh is urrainn innse dhut càil mu dheidhinn rud dhan t-seòrsa sin bhon chan eileas ga dhèanamh.

Flòraidh: 'S bhiodh na riaghailtean aca fhèin aca, tha mi cinnteach?

Dòmhnall Iain: O bhiodh. Nise bha iadsan a' dèanamh, bho chionn fhada ann a sheo, bha iadsan a' dèanamh feum dhan an t-sìol a bha sin air grunn dhòighean. Bha 'd a' cumail na h-uiread dhe airson a chuir air ais ach bhiodh iad a' dèanamh feum dhe airson a bhith a' dèanamh flùr 's man a bha mi ag ràdh a' feedigeadh na caoraich 's mar sin. Bha 'd a' dèanamh feum dhen a h-uile bit dhen t-sìol agus dh'fheumadh e bhith air a bhuain ann an sìde thioram agus a bhith cinnteach às gum biodh e tioram mas deidheadh a' stòraigeadh an àrda. Airson gu faigheadh iad air an fheum sin a thoirt às. Sin mar a bha iad ga obrachadh.

Flòraidh: Agus ga chuir? Cha dèan duine sin ann an aon latha. Can nuair a tha sibhse a' cur deannan nach eil, man mhachaire?

Dòmhnall Iain: Tha. Tha.

Flòraidh: Cia mheud agaibh a bhios a' sàs ann?

Dòmhnall Iain: Well, man a bhios sinne ag obair, tha, 's dòcha gun toir sinn seachdain a' tionndadh, a' treabhadh agus a' cur an t-sìol. Can an-dràsta, nì sinn an treabhadh airson latha 's bheir sinn latha eile ag obair a' cur sin. 'S bidh sinn a' cumail a' dol mar sin gus am bi e deiseil againn. Latha mu seach, latha a' treabhadh 's an uairsin a' cur na threabh sinn a' latha ron a sin. 'S an uairsin, an ath latha a-rithist a' treabhadh a-rithist 's a' cur mar sin.

Flòraidh: Cia mheud agaibh a bhios a' sàs a sin?

Dòmhnall Iain: Well, cha bhi duine againn a' cur an t-sìol ann a sheo ach mi fhìn 's am balach. Agus bidh sinn a' treabhadh còmhla cuideachd 's bidh sinn a' cur an t-sìol còmhla. Agus mar sin dheth bidh sinn a' faighinn thairis air gu math clever. Bidh sinn a' dol troimhe gu math clever. 'S e sin ma bhios an t-sìde ann. Ma gheibh sinne seachdain an-dràsta de shìde mhath, bidh e seachad againn. Bidh sinn an dèidh an treabhadh agus an cur a dhèanamh.

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.