Help / Taic

Facal Oirbh, BBC Radio nan Gàidheal, 19 Cèitean 2009

A' dol chun na h-àirigh

Taighean àirigh

Mun àm seo dhen bhliadhna bha e na chleachdadh aig daoine a bhith a' dol chun na h-àirigh agus air feasgar brèagha chaidh Iain agus Tormod Mac a' Ghobhainn à Lìonail chun na mòintich eadar Nis agus Tolastadh bho Thuath. Shuidh iad ri bruaich abhainn Chuidhsiadar.

Tormod: Tha sinn an-dràsta, Iain, nar suidhe air bruaich abhainn Chuidhsiadar, agus sìos bhon àite sa bheil sinn ann a' seo, 's ann ann a bha seana bhaile Chuidhsiadar far a robh daoine ri fuireach, teaghlaichean ri fuireach, eadar na bliadhnachan 1750 agus 1877.

Bha 'd a' fuireach ann a shin 's bha 'd ag àiteachadh na talmhainn a bha timcheall orra ann a shin. Bha e furasta dhaibh a bhith beò le iasg na mara 's na h-aibhnichean, agus an toradh a bha 'd a' toirt às an talamh.

Iain: Nise, tha dìreach aon cheist dha duine sam bith a tha ag èisteachd agus nach eil càil a dh'fhios aca càite bheil Cuidhsiadar, nach innis sibh dhuinn.

Tormod: Tha Cuidhsiadar timcheall air trì mìle a-mach bhon a' bhaile mu dheireadh a th' ann an Nis, Sgiogarstaidh. Tha e air a' rathad ris an can sinn rathad Lord Lever, a' rathad a chaidh oidhirp a dhèanamh air, anns na bliadhnachan a chaidh seachad, a dhèanamh eadar Nis agus Tolastadh.

Agus tha Cuidhsiadar, 's e a' chiad àite, 's e a' chiad àirigh gun tig duine air an rathad sin, air fàgail Sgiogarstaidh air a' rathad gu Tolastadh.

Iain: Mhothaich mi nuair a bha sinn air ar slighe a-mach air a' rathad ann a sheo, 's a thàinig sinn dìreach tarsainn air an tom, mar gum biodh, nochd na h-àirighean a bha seo fo ar comhair. Tha grunn àirighean ann, a Thormoid?

Tormod: Tha sin ceart. Tha sin ceart. Cha bhi thu fada ann a sheo, Iain, nuair a gheibh duine a-mach air a shon fhèin na bha thogalaichean air feadh na mòintich, le tobhtaichean agus làraich thaighean a bh' ann as na linntean a chaidh seachad, a' siud 's a' seo air feadh na mòintich eadar Nis agus Tolastadh.

Far a bheil sinn fhìn ann a' sheo an-dràsta, a' gabhail an iar oirnn dheigheadh sinn gu àirigh ris an canadh iad Àirigh a' Bhealaich.

An iar dheas air a' sin, tha Àirigh Allt an t-Sùlaire, agus 's e muinntir baile a' Phuirt gu sònraichte a bhiodh a' tighinn chun na h-àirigh a bha sin. Agus tha deugachadh a thaighean air fhàgail ann a' shin fhathast. Na tobhtaichean aca dìreach mar a bha iad nuair a bha na teaghlaichean a' tighinn bhon a' bhaile.

Deas air a' sin, tha àirigh ris an canadh iad A' Mhaoim agus Feadan na Maoim. 'S ann chun an àirigh sin gu sònraichte a bhiodh muinntir Lìonail a' tighinn...

Iain: Nise, a Thormoid, dìreach a' tilleadh ceum beag air ais, dè am prìomh adhbhar airson na daoine a bhith a' gluasad bho na bailtean a-mach ann a sheo?

Tormod: O tha sin, saoilidh mi, Iain, gu bheil sin soilleir. Bha 'd a' tighinn ann... am prìomh adhbhar airson an robh iad a' tighinn ann, 's ann airson gum biodh innis aca airson a' chrodh agus na caoraich. Bhoil, as na linntean a bha sin, bha a h-uile pioc dha na croitean aig na bailtean air an tionndadh airson gum biodh toradh air a thoirt bhuapa airson biadh geamhraidh dhan a' stoc a bh' aca aig an àm sin.

Agus dh'fheumadh iad, nuair a bha an talamh sin air àiteachadh, dh'fheumadh iad àite a choireigin airson gum biodh innis aca airson a' chrodh tron an t-samhradh. 'S e sin am prìomh adhbhar airson a robh iad a' tighinn a-mach ann a' sheo.

Agus bhiodh iad ann gu fìor thoiseach an Fhoghair, nuair a bha iad a' dol dhachaigh an uairsin. Agus bha latha sònraichte ann nuair a bhiodh iad a' fàgail na mòintich, latha an imrich. Agus goirid as dèidh sin, bhiodh an crodh an uairsin a' dol airson innis gu machraichean nam bailtean.

Iain: Agus nise, bha, tha an abhainn a' dol seachad dìreach air ar beulaibh ann a' sheo. Bha tobraichean 's bha a h-uile càil, mar a bha sibh ag ràdh, dìreach mar a bha e aig an taigh.

Tormod: Bha. Bha àiteachan ann as nach robh e uabhasach furasta tobar fhaighinn ach bha dà thobar faisg oirnn, far a bheil sinn ann a' sheo. Bha tobar aig Àirigh a' Bhealaich agus bha tobar shìos ann an Cuidhsiadar.

A-mach bhuainn a-rithist, aig Feadan na Maoim, bha tobar eile. Ach cha dèanadh duine a h-uile càil leis a' bhùrn a bha tighinn bhon an tè sin idir. Tha, bhiodh sinn a' tuigsinn gur e bùrn iarainn a bh' ann.

Agus cha robh am bùrn sin cho math airson a h-uile càil idir ris a' bhùrn a gheibheadh tu as na tobraichean eile a bha timcheall oirnn ann a sheo. Agus tha mi a' làn chreids', Iain, am bùrn a bha a' sruthadh às an tobar a bha sin, gu robh e cheart cho math ri iron tonic a gheibheadh tu bho dhotair sam bith.

Iain: Tha mi a' làn chreids' gu robh. Tha, a' sealltainn timcheall a-rithist, tha mi a' faicinn pàirtean dhen a' mhòintich a tha gorm, nan geàrraidhean mar gum biodh, timcheall air far an robh na h-àirighean 's an crodh 's mar sin.

Tormod: Tha sin ceart. Tha sin ceart. Well tha mi a' creids' gu robh iad fhèin a' taghadh an t-àite sònraichte a bha seo airson na h-àirighean a bhith ann an àite a bha freagarrach.

Chan urrainn dhomhsa a ràdh cuin a thòisich an cleachdadh a bha seo idir, Iain, ach gu robh e ann airson linntean. Tha fhios againn gu robh e ann as an t-seachdamh linn deug, co-dhiù. Agus tha, 's e tha iongantach gu bheil e a' gabhail air adhart fhathast.

Agus ged a tha atharrachadh beatha an dèidh toirt air falbh am prìomh adhbhar airson a robhas a' tighinn a-mach chun na mòintich, tha daoine inntinneach fhathast airson a bhith a' tighinn a-mach. Airson, tha, chan ann airson an aon rud, ach gu h-àraidh airson, man a chanas sinn, dhà na thrì làithean saor-làithean. Agus faighinn air falbh bhon a' fuaim a th' aig an taigh dhan an t-sàmhchadas a th' ann a seo.

'S tha mi a' làn chreids', Iain, gu bheil greiseag air a' mhòintich, gu bheil e gu math do chorp, do dh'inntinn agus, cha chreid mi nach fhaod mi a ràdh, do dh'anam an duine, a bhith as an t-sàmhchadas a bheir a' mhòintich dhuinn.

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.