Help / Taic

Facal Oirbh, BBC Radio nan Gàidheal, 12 Cèitean 2009

Croitearachd

Treabhadh

Atharnach bhuntàta

Nuair a bhiodh am buntàta air a thogail 's e an fheannag as am biodh buntàta na bliadhna an uiridh an t-atharnach. Ach bhiodh na seann daoine cuideachd a' bruidhinn air buntàta atharnach.

Air cho inigil 's a bhiodh tu a' togail a' bhuntàta dh'fhàgadh tu feadhainn as an talamh as do dhèidh. 'S nuair a thigeadh an ath earrach, agus a-mach tron ath shamhradh, mur a biodh càil sam bith eile air a chuir as an talamh sin, chitheadh tu buntàta a' nochdadh a siud agus a seo as an atharnach agus 's iad sin buntàta atharnach.

Asbhuain

Mas e atharnach an talamh as an robh am buntàta mas deach an togail, 's e asbhuain a bha air fhàgail an dèidh an coirce a bhuain.

Cnàmhag

Dèan dealbh air a' choirce na sheasamh agus cearcan a' falbh a-measg a' choirce 's iad a' dèanamh seòrsa de neadachadh ann. Ri linn sin tha iad a' leagail pàirt dhen choirce agus ga chuir an ìre mhath na shìneadh.

Nuair a tha dhà no trì aca, 's iad a' suidhe 's a' laighe am measg a' choirce mar sin, 's e cnàmhag a chante ris a' choirce millte.

Nam biodh fìor dhroch shìde ann le tòrr gaoth rudeigin làidir, a leagadh an coirce air dhòigh is gum biodh pàirt dheth duilich a spealadh, chante cnàmhag ris a' choirce sin a bha na laighe.

Coirce

Eilgheadh

Nuair a bhiodh talamh bàn airson ùine, fiù 's talamh glas, agus a thigeadh tu gu thionndadh no threabhadh, bhiodh tu an toiseach a' dèanamh treabhadh rudeigin curs air ach dh'fheumadh tu a dhol thairis air a-rithist, agus ma dh'fhaodte a chliathadh, airson an talamh a bhriseadh ceart.

'S e eilgheadh a chante ris a' chiad treabhadh a bha sin.

An t-sreath bhàn

Nuair a bhite a' cur a' bhuntàta anns na seann làithean, bhite a' cur na sgealban no na slisean buntàta agus a' tionndadh sin, agus an uairsin a' tionndadh sreath eile air muin sin gus am biodh rùm gu leòr eadar na sreathan buntàta.

Na cnàimhean glasa

'S e dòigh eile a bha seo air buntàta a chuir. Bhiodh iad a' cur a' bhuntàta as an t-sreath ach cha bhiodh iad a' tionndadh an ath shreath idir. Bhiodh iad dìreach a' fàgail pìos talamh nach robh iad a' tionndadh idir eadar na sreathan.

Nuair a chitheadh tu an fheannag air a tionndadh 's air a cuir, chitheadh tu na sreathan dubha as am biodh am buntàta agus chitheadh tu sreathan eile nach robh cho dorcha. 'S iadsan na cnàimhean glasa.

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.