Help / Taic

Facal Oirbh, BBC Radio nan Gàidheal, 05 Cèitean 2009

Obair gobha 's a' cheàrdach

Innean

Bha Aonghas Dòmhnallach à Hàstainn an Uibhist a Tuath air fear de na goibhnean mu dheireadh a bha anns na h-Eileanan an Iar. Nuair a chaidh Flòraidh NicIlleathain a bhruidhinn ris, thoisich e le innse mu chuid de na h-innealan a bhiodh e a' cleachdadh anns a' cheàrdaich.

Aonghas: Balg-sèididh, 's e sin a' rud a bhiodh agad a' sèideadh an teine, eil fhios agad. Balg mhòr 's handle mhòr air 's bha thu ga shèideadh no shèideadh duine eile e.

Bha machine eile ann airson tolladh iarainn. 'S bha glamradh ann. Bha thu a' cur a' rud na bhroinn 's bha thu ga theannachadh air, eil fhios agad. Chumadh e an t-iarann dhut cho math, gu h-àraidh nuair a bhiodh tu a' toir sgriubha air boltaichean, eil fhios agad.

Dh'fheumadh tu fhèin gu leòr dhe na boltaichean a dhèanamh nuair a bha thu a' cur bonn air crann 's a leithid sin. Bhithinn-sa a' dèanamh gu leòr uaireigin dhe na boltaichean a bha sin.

Flòraidh: 'S e nàdar de vice a bh' ann, an e?

Aonghas: 'S e vice a th' ann agus bha e a' cumail an iarainn dhut 's bha thu a' cur a' rud mun cuairt air.

Flòraidh: A' dèanamh an obair nas fhasa, nach e?

Aonghas: O 's e, gu dearbha fhèin. Cha dèanadh tu an gnothach gun vice. 'S bha innean ann. A' leasachadh nan iarann, nuair a bha thu a' toirt an iarainn as an teine 's ga chuir air an innein.

Bha an t-innean a-muigh air beulaibh an teallaich ann a shin. Cha robh agad ach a thoir a-mach 's a chuir air an innein 's teannadh ri stialladh air. Ach bhiodh òrdain air an taobh eile dhen innean an còmhnaidh. Fear a bhiodh a' bualadh an iarainn 's ga chuir a-mach.

Flòraidh: 'S dh'fheumadh esan a bhith math air an obair.

Aonghas: O dh'fheumadh e bhith eòlach...

H-uile sgath à Uibhist, bhiodh iad a' tighinn a-nall a seo a chruidheadh eadar Am Baile Sear agus Clachan Shannda. Agus bhiodh a' bhean a cheart cho trang rium fhìn a' dèanamh tì dhan an fheadhainn a bhiodh fada air falbh, eil fhios agaibh.

Dh'fheumadh a h-uile duine a dhol a-staigh gu tì. Bhiodh aon dheich no dusan beathach làithean aig a' cheàrdaich ann a sin. 'S abair thusa obair a sin!

Flòraidh: Bhiodh làithean fada is oidhcheannan fhada agaibh cuideachd, am biodh?

Aonghas: O bhiodh. Uaireannan dh'fheumainn an Tilley a thoir a-mach dhan cheàrdaich. Cha robh an còrr solais ann an uairsin. Bhiodh a' latha ro ghoirid, gu h-àraidh sa gheamhradh.

Flòraidh: 'S nuair a bhiodh sibh a' cruidheadh each, can, ciamar a bha sibh a' dèanamh sin? An dèanadh sibh an gnothach air a sin leibh pèin?

Aonghas: O well, dhèanadh ach cha bhithinn cho clever. Well, nam biodh òrdain math agamsa dhèanainn taobh, sin agad bloigh, leth-crudha, le aon teas, a chuir dhan teine aon turas. Agus nam biodh òrdain math agam dhèanainn le aon teas e. Well, nam bithinn nam ònrachd bheirinn grunnd theasachan, ceithir no còig. Sin mar a bha e.

Flòraidh: 'S na beathaichean fhèin, an robh iad socair gu leòr? Robh iad...

Aonghas: O feadhainn dhiubh. Feadhainn dhiubh nach biodh 's feadhainn a bha. Feadhainn a bhiodh gu math sèimh 's feadhainn eile nach robh. Feadhainn, dh'fheumadh tu 's dòcha rud a chuir san t-sròin aca a chumadh modhail iad. Rud ris an canadh iad an twitch. Nuair a chitheadh tu na sùilean aca a' dùnadh bha an t-àm agad a thoir dhiubh an uairsin. Dh'fhanadh iad na bu shocraiche an uairsin. Cha robh for aca gu robh casan orra.

Flòraidh: Dè na cuimhneachain shònraichte a tha agaibh air a' cheàrdaich fhèin?

Aonghas: O bhitheamaid ag obair a' dèanamh chruidhean air an oidhche ann a shin. 'S sinn a bhiodh air ar dòigh. Bha sin ri linn m'athair, eil fhios agad. Bha an t-iarann, nuair a dhèanadh tu dearg e, bha e a' dèanamh na ceàrdach soilleir. Bhiodh seann lanntair agad 's dòcha na rudeigin.

Ach bhitheamaid a' dèanamh cruidhean gu leòr air an oidhche airson gum biodh iad deiseil againn air an latha airson an cur...

Flòraidh: Agus mar a bha sibh ag ràdh ann a shiud, bha sibh trang. Cia mheud each 's dòcha a bha sibh ag ràdh a chitheadh sibh ann a' latha?

Aonghas: O chan eil fhios agam. Bhithinn, tha mi creidsinn, a' cruidheadh aon ochd, tha mi cinnteach.

Flòraidh: 'S dè an ùine a bheir e a' cruidheadh aon each, can?

Aonghas: Och, mu dhà uair tha mi creidsinn, eadar an crudha a dhèanamh 's a h-uile dad riamh.

Flòraidh: Well, feumaidh gur e latha fada a bh' agaibh ma tha, ma bha ochd eich taobh a-muigh na ceàrdaich a' feitheamh.

Aonghas: O 's e gu dearbha, gus an cuireadh an oidhche dhachaigh thu.

Flòraidh: Agus, fhios agaibh, na h-uidheaman, an t-iarann 's a h-uile càil a bha sin a bha feum agaibh air, cò às am biodh sibh a' faighinn sin?

Aonghas: À Glaschu. P. and R. Fleming and Company. Bhithinn a' toirt dhachaigh an iarainn. Cha robh agam ach a' size a chuir thuige. A' tarraing chruidhean 's boltaichean son a bhith gan cuir ann am bonn nan crann 's a h-uile dad riamh, bhithinn gan toir dhachaigh.

Flòraidh: Am biodh sibh a' sgrìobhadh air falbh air an son?

Aonghas: O bhiodh. Bhithinn a' sgrìobhadh air falbh. Bhiodh traveller a' tighinn mun cuairt an seo. Bhiodh e a' dol mun cuairt air a' cheàrdaich cuideachd. Bhiodh tu a' toirt òrdan dha eil fhios agad, òrdan iarainn, 's rud sam bith a bha dhìth ort.

Flòraidh: Innsibh dhomh dè seòrsa rudan a bhiodh agaibh ma tha air a' liosta.

Aonghas: O bhiodh iarann chruidhean, 's e bu mhotha a bhiodh ann co-dhiù, 's gual. Cha dèanadh tu an gnothaich gun an gual 's an t-iarann, gu h-àraidh gàdaichean iarann 's a' dol gan iarraidh a Loch Èphort leis a' chairt an uair sin. 'S cha chuala tu leithid a dh'fhuaim a-riamh.

Flòraidh: 'S dè cho tric 's a bhiodh sibh a' faighinn stuth ma tha?

Aonghas: O bhithinn an còmhnaidh a' faighinn gual gu leòr as t-earrach oir sin an t-àm bu mhotha a bhiodh a dh'fheum agam air, fhios agad. Bhithinn a' faighinn tunna gual an uairsin, as t-earrach, airson gu maireadh e dhomh, gun dèanadh e an t-earrach dhomh. 'S dòcha gun teirigeadh e mum biodh obair an earraich seachad.

Flòraidh: Ach bhiodh sibh a' dol a-mach cuideachd, nach biodh, a dhèanamh obair?

Aonghas: O bhiodh. 'S iomadh turas a bha mi shuas a Scolpaig. Bhithinn a' dol a Bhaile Lòin cuideachd. Bhiodh Granville a' tighinn gam iarraidh uaireannan, bha ponies aige a-muigh an uairsin.

Bhithinn a' dol a chlippadh nan crubhan aca suas agus bha iad gu math coibhneil riumsa co-dhiù a h-uile turas a chaidh mi ann. Bha càr aige 's bhiodh e tighinn gam iarraidh ann a sheo 's bhiodh Scolpaig an aon rud 's bhiodh Aonghas a' tighinn gam iarraidh leis a' bhan. Bhiodh e na b'fhasa dhaibh am beathach... mise dhol suas na àsan a thighinn a-nuas a seo leis a' bheathach. Bhithinn ga chruidheadh shuas a' Scolpaig.

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.