Help / Taic

Facal Oirbh, BBC Radio nan Gàidheal, 05 Cèitean 2009

Seanfhacail is Abairtean

An t-ugh circe airson an t-ugh geòidh

Cearcan

Chanadh tu seo nam biodh tu a' toirt seachad rudeigin agus a' faighinn rud nach robh cho math na àite.

Cearc a' sgrìobain, cruinnichidh i; cearc a' chràgain cha chruinnich i dad

Ma tha thu trang agus a' dèanamh deagh oidhirp air rud a dhèanamh, thèid leat.

Chan ann ag èigheach as do dhèidh ach - càite a bheil thu a' dol?

An e seòrsa de leisgeul a tha seo? Cha robh còir agad èigheach air ais dhachaidh duine a bha falbh, gu h-àraidh iasgair.

À Barraigh

Isean deireadh linn, bithidh e mì-mhodhail seach càch

Tha an duine is òige ann an teaghlach, gu h-àraidh ma tha e no i a' tighinn greis air dheireadh air càch, buailteach a bhith air a mhilleadh le na bràithrean 's na peathraichean as sine.

Ma tha thu airson leanabh a mhilleadh cuir a thaigh a sheanair e

Faodaidh dà thaobh a bhith air a seo. Tha seanmhair agus seanair buailteach a bhith air leth coibhneil, ma dh'fhaodte ro choibhneil, ri ogha. Ach cuideachd faodaidh iad deagh threòir a thoirt don ogha.

Is luath an com as an tèid an t-eagal

Ma tha thu a' gabhail an eagail, gluaisidh tu gu math luath.

Leig a' mhuc don taigh mhòr is iarraidh i don chidsin

Ge b' e càite an toir thu duine bithidh e buailteach a bhith ag iarraidh dhan àite as fheàrr a tha a' freagairt air fhèin.

Gobha

Cha chuir cù a' ghobha umhail air na sradagan

Fàsaidh duine cleachdte ris an rud a tha àbhaisteach dha.

Cho dona dheth ri làir a' ghobha

Bhiodh an gobha cho trang ag obair do dhaoine eile 's nach biodh ùine aige an t-each aige fhèin a chruidheadh.

Bha mise ann an ceàrdach roimhe!

Nam biodh duine a' feuchainn ri làmh-an-uachdair fhaighinn ort, leigeadh thu fhaicinn dha gu robh fios agad dè bha e ris le seo a ràdh. Bha daonnan daoine a' feuchainn ri dèanamh a' chùis air càch a chèile ann an ceàrdach, le farpaisean a thaobh cò a thogadh an t-innean, cò bu làidire is rudan mar sin.

Is e sin maide mun stad thu!

Dh'fhaodadh gur e seo a rud a chuireas crìoch ort fhèin no air rudeigin a tha thu a' dèanamh.

Na h-eòin is àille sa choille is iad is gràinnde a sheinneas

Lùireach agus lurach

Bha Mòr NicLeòid à Brù, Leòdhas ag innse gun canadh i lùireach ri seann bhoireannach agus cuideachd gu faighear "lùireach mhàilleach" anns a' Bhìoball, a' ciallachadh "coat of mail ."

Ach nan canadh tu gu robh nighean lurach, bhiodh tu a' ciallachadh gu robh i brèagha anns a h-uile seagh.

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.