Help / Taic

Facal Oirbh, BBC Radio nan Gàidheal, 28 Giblean 2009

Bàrdachd: Ràithean na Bliadhna

Loch reòite
An t-Earrach
San earrach cheòthail bhiodh fir gu dòigheil
Cur fonn air dòigh airson pòr thoirt tràth;
Le todhar sgaoilt' air, is beagan sgùilleach
Bhiodh mnathan sùrdail a' toirt à tràigh.
Bhiodh caoraich bhrògach le uain gan giùlain
Is balaich shunndach ag èirigh tràth
Gan dìon bhon fhaoileag 's bhon fhitheach bhrùideil
Nuair bhiodh iad sìnte a' breith sa bhlàr.

Samhradh
Moch 's mi ag èirigh air mhadainn Chèitein
Bhiodh drùchd air slèibhtean is air gach pòr;
Bhiodh cuthag èibhinn air creag 's i 'g èigheach
'S i cur an cèill dhuinn a h-ainm gun ghò.
Bhiodh smeòrach bhòidheach i fhèin 's an lòn-dubh
A' seinn an òrain gu ceòlmhor, binn;
'S am bòrd na lèige bhiodh an traon ag èigheach.
'S e sùil ro gheur leis am faicte i.

Foghar
Bhiodh bodaich làidir le seòl ri bàta
Toirt iasg gu tràigh steach bho bhàrr nan tonn;
'S gheibheadh nàbaidh bhuap' cosg an tràth dheth
Gun nì ri phàigheadh ac' air ach taing.
Bhiodh leòidean bòidheach le coirce is eòrna
Is mil ri òl againn ri gach tom;
Ach theich a' sgàil sin le cùrsa nàdair
Gun nì a' fàs ann an-diugh air fonn.

An Geamhradh
Bhiodh lochan reòite le deigh gan còmhdach
Bhiodh sinn sòlasach leis san àm;
'S le brògan còmhdaichte le tacaid dhlùth annt'
A dhèanadh siùbhlach sinn air an t-slaighd.
Siud mar bha sinn ri ceòl 's ri mànran
Gu cridheil, càirdeil a-measg a chèil';
Ach theich an t-àl sin 's cha mhòr th' air fhàgail
'S dh'fhàg sinn mi cràiteach an-diugh nan dèidh.

Iain MacAmhlaigh à Rathanais ag aithris

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.