Help / Taic

Facal Oirbh, BBC Radio nan Gàidheal, 28 Giblean 2009

Bùthag / Sloc-bhuntàta

"'S e bùthag a chanadh iad ri sloc-bhuntàta. Bhiodh m' athair a' taghadh àite tioram, tèarainte, cruinn. Dhèanadh e clais bheag timcheall air a sin. Chuireadh e còmhdach math de chonnlach thioram sìos fon bhuntàta agus còmhdach math de chonnlach air am muin. Sgrathan tioram timcheall air a sin agus mus tughadh e a' bhùthag gus nach ruigeadh reothadh no uisge orra. Airson feumalachd an teaghlaich bha am buntàta air a chumail fon arbhar as an t-sabhal."

Bho Cheit NicAoidh, Borgh na Sgiotaig, An t-Eilean Sgiathanach.

Ged a b' e sloc a chante as a' chumantas, gu tric bha an t-sloc-bhuntàta no a' bhùthag os cionn na talmhainn. Bha e dìreach air a thogail an aìrde le clais bheag timcheall agus an uairsin feadan beag a bheireadh air falbh uisge sam bith no bùrn a bhiodh a' cruinneachadh. Dh'fheumte a bhith air leth faiceallach agus mionaideach nach biodh cnàmh no galair an cois buntàta sam bith a bha dol dhan an t-sloc, bhon bha e gu bhith an sin gu ìre mhòr gu deireadh a' gheamhraidh 's uaireannan gu toiseach an earraich. Nam biodh cnàmh na leithid ann, bha e a' dol a leudachadh 's aig a' cheann thall cha bhiodh mòran aca airson an saothair.

Bha feadhainn ann a bha tòrr na b'fheàrr air sloc-bhuntàta a dhèanamh na feadhainn eile. Chitheadh tu feadhainn a bha uabhasach fada, le loinn orra, agus feadhainn eile a bha gu math cnapach, camacach, a' coimhead cha mhòr rudeigin mar an Loch Ness Monster.

Facail

Boc-ròin

Seo facal a chleachdadh iad airson muasgain-chaola.

A' dabhadaich

Ma tha thu a' dabhadaich, tha thu a' gabhail air do shocair cus. Chan eil mòran suim agad ann an rud sam bith. "Dè an dabhadaich a tha sin ort?" chante, oir bha e gu math cràiteach a bhith faicinn duine ri dabhadaich.

Baoghan

Nuair a bha stamag mhòr air boireannach chante "Tha baoghan oirre" 's dòcha a' ciallachadh "Tha dùil aice ri leanaibh."

Stiallanach

B' e seo rud mòr, leithid poca no baga. Chante "Stiallanach de bhaga!"

Bho Thòmas Clapperton, Loch na Madadh, Uibhist a Tuath

Friasg / Sgrom

Chì thu slagan beaga cuideachd air na piorraichean far am biodh daoine a' creagach, far am biodh iad a' bleith nan sligean a bhiodh iad a' tilgeil a-mach man friasg airson tàladh a-steach an èisg. 'S e sgrom facal eile airson am biathadh a tha seo.

Stiùireadh a’ BhBC

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.