Help / Taic

Facal Oirbh, BBC Radio nan Gàidheal, 28 Giblean 2009

Buntàta

Buntàta

Mura robh am buntàta tioram, chan fhaigheadh iad ach càineadh.

Flòraidh: A' bruidhinn air buntàta, bhiodh iad an còmhnaidh a' càineadh buntàta ma bha e fliuch. Dh'fheumadh e bhith daonnan tioram airson a dheagh mholadh. Fhios a robh buaidh aig an seòrsa todhair a bha 'd a' cur air, air a sin?

Fionnlagh: O bha, man a bhathas ga làimhseachadh. Ach gu sònraichte dè seòrsa buntàta a bh' ann bho thùs 's dè seòrsa sìol-cura a bh' ann. 'S bha fhios aca dè seòrsa a bh' ann 's dè an talamh air an tigeadh e. 'S tha eòlas gu leòr dhan a sin timcheall fhathast.

Ach nuair a bha na lotaichean nan lotaichean eil fhios agad, chì thu fhathast sreath dha na pocannan sìol-cura suas, an todhar air a' raon 's an crann no an tractar a' tighinn 's daoine le peilichean as a' sgrìob 's na faoileagan, faoileag a' chinn dhuibh, an crann-fhaoileag 's mar sin as a' sgrìob as do dhèidh, eil fhios agad, seallaidhean a bha daoine eòlach air tro saoghal na croitearachd.

Iain: Tha agus dìreach a' togail air a sin far am biodh iad a' treabhadh le eich na le tractaran agus far nach robh rùm tionndadh no far am biodh an t-each a' tionndadh, na cinn-sgura dha fhàgail agus daoine le spaidean a' feuchainn ri sin a thionndadh agus cumail an àrda ris an each. Agus cha robh sin furasta.

Flòraidh: Ach a' bruidhinn air a' bhuntàta, co-dhiù bha e fliuch no co-dhiù bha e tioram, 's bhiodh na bodaich an còmhnaidh a' gearain. Bha an tè a bha seo faisg oirnn fhìn, agus och bha i rudeigin crosta dhith fhèin. Agus bha na bodaich timcheall a' bhùird 's bha 'd air na cip a chaitheamh dhiubh 's bha 'd ag obair air fàsgadh a' bhuntàta, a' fàsgadh fear 's ga fhàgail 's a' dol gu fear eile, fhios agad, 's "Och chan eil e ach fliuch, am buntàta! Och, chan eil e ach fliuch! Suarach am buntàta a th' ann!"

'S bha a' chailleach a' sìor fhàs crosta ag èisteachd seo agus 's gun àrach sam bith aice 's i gu toirt thairis a' dèanamh dìnneir. 'S bha an t-uisge 's an dìle a-muigh. 'S thàinig i nall 's rug i air an truinnsear mòr buntàta agus chaidh i a-mach, 's e taigh tughaidh a bh' ann, 's dh'fhosgail i an doras 's chaith i mach a' whole lot air a' starsaich 's thuirt i "Tha e fliuch a-nis!", ors ise.

Fionnlagh: Mà thuirt, brònag!

Iain: O bha iad math air am beul. Nach robh naidheachd eile ann cuideachd 's 's e sin a thug a-steach orm e. Fhios agad, grunn timcheall a' bhùird is bean an taighe a' cantainn "Siuthadaibh. Siuthadaibh" 's "Ithibh ar biadh" 's mar sin air adhart. Agus fhreagair aon duine "Tha mi ag ithe fear, 's tha mi a' rùsgadh fear, 's tha mo shùil air fear eile!"

Flòraidh: 'S sin agad e.

Buntàta gobhlach

'S e buntàta mòr, mòr a bha sin, le faoban mòr orra. Bha 'd rudeigin bog agus glè thric sann airson biadh do bheathaichean a bhiodh iad. Cha robh iad cho math ri sin airson an ithe.

Stiùireadh a’ BhBC

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.