Help / Taic

Facal Oirbh, BBC Radio nan Gàidheal, 28 Giblean 2009

Cearcan is Clèibh

Cliabh

Bha fear nach robh airson a bhith air ainmeachadh a' fònadh agus e ag ràdh nach robh càil anns a' chliabh ach sàrachadh uabhasach 's nach robh fiùs bàrdachd riamh ga moladh. Bha e cuideachd ag ràdh nuair a bhiodh cliabh a' tighinn gu deireadh a làithean gum bite ga crochadh far am biodh na cearcan 's bha e math airson nead a dhèanamh. Bha e ag innse mu bhàrdachd a bha e a' smaoineachadh a rinneadh le tè à Siabost.

Ma ruigeas mise dhachaigh leat
Chan fhalbh mi leat gu sìorraidh;
Crochaidh mi thu ann a' màs an taighe,
Bheir mi dhìot an sìoman.
Bidh na cearcan annad a' breith
An coileach e gan cliathadh;
'S nì iad breac thu le 'n cuid todhair,
Is chan aithnichear gur cliabh thu.

Rinn fear à Nis, Bèicear Dhòmhnaill Uilleim, bàrdachd dhan chliabh cuideachd, Còmhradh eadar Duine agus Cliabh-Monadh, anns a bheil am bàrd a' dì-moladh a chlèibh ach tha an cliabh a' freagairt. Lorgar e ann am Bàrdachd Leòdhais t.d.185 (Acair 1998)

Sgeulachd: Na sad dhan òcraich mi!

Bha Fionnlagh ag ràdh gur e càil cho salach, sàraichte 's a bh' aig duine a-riamh ri dhèanamh, cliabh todhair a thoirt suas gu mullach lot, 's e a' drùdhadh sìos do dhruim 's do thòin. Ach bha an todhar cho faisg air na daoine, 's nuair a bha e beag dh'fhaodadh e-fhèin a bhith as an leabaidh 's chitheadh e sìos chun an todhair. Chitheadh e a' bhò anns an stàile agus na cearcan air an spiris, a' spriotalaich air feadh an àite.

Bha aon taigh ann a b' aithne dha agus bha a' chlann-nighean a bh' ann a' togail orra agus bha leabaidh ann an druim an taighe. 'S thàinig am fear seo a- steach 's beagan blàthachadh smùid air, 's thoisich e a' dìreadh suas cas na leapa. 'S thoisich an tè seo ga phutadh sìos air ais agus 's e a thuirt e, "Na sad dhan òcraich mi!" bhon bha an todhar cho faisg as a h-uile dòigh.

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.