Help / Taic

Facal Oirbh, BBC Radio nan Gàidheal, 21 Giblean 2009

Euslaintean is Ìocshlaintean

Leigheas airson smùran san t-sùil

Fhuair Eachann Ruadh Mac a' Ghobhainn an leigheas seo bho bhana-chèard. Bha agad ri ite circe a bhogadh ann an ola-chroinn-ola agus sin an uairsin a shuathadh ris an t-sùil agus rud sam bith a bha anns an t-sùil a sguabadh gu cliathaich do shròin.

Seanfhacail is Abairtean

Gheibhear talamh air

Bha seo a' ciallachadh gheibhear thuige. Mar eisimpleir thuirt Eachann Ruadh is e a' cur crìoch air litir, "'S docha gu faigh sinn talamh air Bùth Mhurchaidh a dh'aithghearr." a' ciallachadh gur dòcha gum biodh cothrom bruidhinn air bùth Mhurchaidh ann an ùine nach biodh ro fhada.

Dh'aindeoin dè a their na beòil, cha ghlòr a dhearbhas ach gnìomh

Anns a' Bheurla, Actions speak louder than words.

Cha b' e taghadh nam molt a gheibheadh am fear a bhiodh gam faoighe

Nam biodh tu a' dèanamh faoighe bhiodh tu ag iarraidh 's ag iarraidh rud. Nam biodh duine a' dol a thoirt dhut rud 's iongantach gur e rud a b'fheàrr a bhiodh aige a bheireadh e dhut.

'S e 'n t-saill a bhithear a leasachadh

Mar a mhìnich Iain MacAmhlaigh e anns a' Bheurla Unto him that hath shall be given. Ged a bhiodh beathach reamhar, a dh'aindeoin sin bithear a' toirt dha an tuilleadh.

Catadh an isean lacha

Cha ghabh sin a bhith dèante is chante e mu rud nach b' urrainn dhut a dhèanamh, no nach b' urrainn a bhith.

Cearc-ghur agus bean-eudaich, dà rud fiadhaich

An taoman agus a' ràmh is miosa dhan fhear mu dheireadh dhan an eathar

Bho Iain MacAmhlaigh, Rathanais, Leòdhas

Trìthean

Na trì àitichean a b'fheàrr airson seanchas – bùth greusaiche, bùth tàilleir agus ceàrdach

Aig aon àm tha e coltach gu robh dhà no trì bhùthan greusaiche air Sràid a’ Rubha ann an Steòrnabhagh agus bha a h-uile aon aca na thaigh-cèilidh!

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.