Help / Taic

Facal Oirbh, BBC Radio nan Gàidheal, 21 Giblean 2009

Croitearachd

Feamainn

Sgoladh nan corran

Bhiodh muinntir a' Bhac a' gearradh na feamad air na sgeirean a-muigh 's uaireannan, mar thoradh air an seòrsa cladach a bh' aca, b' urrainn dhaibh a h-uile càil a chuir air tìr no fada a-steach an tràigh le cairt. 'S e sgoladh nan corran a chanadh iad ri na pìosan beaga feamainn a dheigheadh a ghearradh 's nach biodh tìde aca a thogail mus tigeadh am muir-làn. Bhite a' cruinneachadh nam pìosan sin nuair a chuireadh am muir a-steach iad agus ga fàgail aig na banntraichean agus aig na daoine bochda nach robh air chomas a dhol a-mach a ghearradh feamainn dhaibh fhèin.

Bho Sheòras Stiùbhart, Am Bac, Leòdhas

Todhar

Bha bodach nach robh airson a bhith air ainmeachadh a' cuimhneachadh air cairtean de mhionaich èisg gan toirt a Steòrnabhagh. Bhiodh iad air an abachadh fad seachdain agus bhiodh iad a' sgaoileadh sin air an talamh. Bha e uabhasach math ach bhiodh daoine a' gearain gu robh fàileadh às a bha cianail. 'S e guàna a chanadh na bodaich ris aig an àm ach bha e dhen bheachd gur ann air sgàth stoidhle a bha seo aca air!

Galairean bheathaichean

Ùth

Fuil am bainne na bà

Bha co-dhiù trì adhbharan airson seo. Mas breitheadh a' bhò bhiodh an t-ùth cho làn 's gu faodadh sin a bhith na adhbhar. Dh'fhaodadh e cuideachd tachairt nan suathadh an t-ùth ann an clachan agus, gu h-àraid anns na Shorthorns, bhiodh uaireannan foinneachan timcheall nan sinean aca. Tha e coltach gu bheil cuislean bainne agus cuislean fala anns an ùth aig mart 's nan deigheadh am bruthadh no an goirteachadh ann an dòigh sam bith, 's dòcha gun tigeadh rud beag fuil troimhe as a' bhainne. Ach cha bu chòir gu maireadh sin barrachd air dhà na trì làithean.

Bho Dhòmhnall Iain MacIllinnein, lighiche-sprèidh

Am facal muragan

Thàinig fios à Sgalpaigh gur e muragan a chante ri barrachd is aon de rud sam bith feumail a gheibheadh tu air a' chladach. Mar eisimpleir nam biodh pìosan fiodh air a thighinn air tìr agus duine a' gur a' chladaich, dheigheadh faighneachd dha, "An d'fhuair thu muragan as a' chladach?"

Bha muragan cuideachd air a chleachdadh airson aodach bhoireannach, sin nam biodh iad nan luideagan nach robh uabhasach math. "Ach càite idir an d'fhuair thu na muragan?" chante.

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.