Help / Taic

Facal Oirbh, BBC Radio nan Gàidheal, 21 Giblean 2009

Maois agus nipean

Nipean

An dèidh mìneachadh a h-uile feamainn eadar-dhealaichte, dh'innis Mòr mar a bhiodh iad a' roinn a' chladaich agus a' buain na feamad.

Mòr: An t-àite as an deach mise a thogail, bha an cladach air a roinn, a phìos fhèin air a chuir a-mach dhan a h-uile lot. Nise, 's ann an trìtheamh bliadhna an dèidh an fheamainn a ghearradh, 's ann a bhiodh i freagarrach a gearradh a-rithist. Cha bhiodh i air fàs fada gu leòr gum biodh i mar a chanadh iad "trì-bhliadhnach feamad".

A-nise bhathas ag iarraidh uiread dhen an fheamainn, barrachd air na bha an earrann cladaich a' ceadachadh, 's dh'fheumadh iad an uairsin a dhol gu, man a chanadh iad "to No Man's Land," a dh'iarraidh tuilleadh. Agus nuair a dheigheadh iad ann a sin, 's e rud ris an canadh iad maois a bhiodh iad a' dèanamh.

Iain: Nach innis sibh dhomh ma dheidhinn sin.

Mòr: Well, bha a' mhaois, 's e cnap a bh' as a' mhaois, rudeigin coltach ri sìg fheòir. Bha 'd a' falbh as a' mhadainn le na h-eathraichean agus a' toirt leotha lìon làidir agus ròpan no buill làidir. Agus bha 'd air an t-àite as an robh iad a' dol a bhuain, bha 'd mar gum biodh air a chuir a-mach nan inntinn fhèin mas do dh'fhalbh iad bhon an taigh. "Seo far a bheil sinn a' dol."

'S nuair a ruigeadh iad sin bha iad a' tòiseachadh a' buain mar am beatha, le na corranan. Nise bha an corran-feamad, bha faobhar sònraichte air a chuir air a' chorran-fheamad. 'S e breacadh a chanadh iad ris.

Iain: Seadh. Cha chuala mi sin a-riamh a bharrachd.

Mòr: Well, bha a' faobhar rudeigin coltach ri faobhar sàibh.

Iain: O fiaclan?

Mòr: Fiaclan mar sin ann, air a dhèanamh ann le eighe. Bha 'd a' tòiseachadh a' buain na feamad agus, nuair a shaoileadh iad a bha am muir gu tilleadh air a' lìonadh, bha 'd a' sgaoileadh a' lìn as a' chladach 's bha 'd an uairsin a' tòiseachadh a' cur na feamad a bhuain iad dhan a' lìon gum biodh i aca ann gu lèir, agus ga togail an àrda car coltach ri sìg fheòir.

Bha 'd an uairsin a' ceangal a' lìn uimpe agus a' cur gràp sìos chun na làimhe dhan a' chnap feamad, dhan an t-sìg. Agus bha 'd an uairsin a' ceangal na buill man a' lìon agus ga dhèanamh daingeann agus a' ceangal ròpa eile mu chas a' ghràp is a' fuireach ann an shin gus an tigeadh a' sruth-lìonaidh agus gun deigheadh an t-sìg a bha seo, no a' mhaois air fhlod.

Iain: Tha mi tuigs'.

Mòr: Nuair a dheigheadh i air flod bha 'd a' toirt an uairsin a' ròpa a cheangail iad man a' ghràp, an ceann eile aige, a dheireadh an eathair. Agus 's e eathar cheithir-ràmh a dh'fheumadh a bhith ann. Chan dèanadh geòla le dhà...

Iain: Cha shlaodadh e i.

Mòr: O cha shlaodadh e i. Bha eathar cheithir-ràmh le ceathrar agus dh'fheumadh iad a bhith uabhasach furaileach gum biodh iad gus an ceann-uidhe a' ruighinn mus tilleadh a' sruth-tràghaidh air ais. No, an àite an eathar a bhith a' draghadh na maois, 's ann a bhiodh a' mhaois a' draghadh an eathar.

Agus 's e obair chruaidh a bh' ann. Agus o bhiodh fealla-dhà aca airson an cridhe a chumail an àrda agus 's mathaid gum biodh amhran aca cuideachd a fhreagradh buille an iomraidh. Agus 's e obair-latha chruaidh a bh' ann. Dh'fhalbhadh iad tràth as a' mhadainn agus dh'fheumadh iad a-nise a bhith air ais cho faisg dhan an dachaigh 's a ghabhadh a' mhaois a thoirt gu tìr mas tilleadh a' sruth-tràghaidh.

Iain: Bha 'd air an riaghladh gu mòr leis an tìde-mhara?

Mòr: O, 's e an tìde-mhara a bha ga riaghladh. Bho dh'fhalbh iad bhon an taigh gu na thill iad leis a' chnap mòr feamad a bha seo, a' mhaois, cha robh càil ga riaghladh ach an tìde-mhara, mar a chanadh iad, na siùil-mhara.

Iain: A robh tìde ann airson biadh?

Mòr: Well, bha biadh sònraichte ann airson a leithid siud a' latha agus 's e nipean a chanadh iad ris.

Iain: De bh' air?

Mòr: Nipean

Iain: Nipean.

Mòr: Nipean. Sin a chanadh iad ris. Nise b' e sin min-choirce agus craiteachan siùcar agus e air a mheasgachadh le bùrn. Agus nam biodh ìm a-staigh, cha ghabhadh e dhèanamh na b' fheàrr na sin. Dheigheadh rud beag ìm a chuir na mheadhan. Bha 'd a-nise a' cur pàipear no clobhd glan no rudeigin man a sin agus bhiodh e aca airson a ghabhail nuair a shuidheadh iad agus a' mhaois deiseil agus iad a' feitheamh ris a' mhuir-lìonaidh a thighinn airson a' cur air bhog. Agus cha robh an còrr ach sin.

Iain: Bha e caran coltach ri pròs, a robh?

Mòr: O bha e na bu chruaidhe na pròs. Bha e leantainn a chèile na b'fheàrr na pròs agus bha e cho tioram agus 's ann ga bhogadh as an t-sàl a bhiodh iad mar a bhiodh iad ga ithe. A' toirt làn am beòil às, 's ga bhogadh as an t-sàl, 's a' toirt làn am beòil às.

Iain: Airson a dhèanamh bog?

Mòr: Airson a dhèanamh bog.

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.